Hì ho ro tha mi Duilich

(I)
Hì ho ro tha mi duilich, tha m’ aigne fo ghruaim,
Bho ràinig mi Canada fhrasach an fhuachd,
Gun chaill mi an riobhadh a bha na mo ghruaidh,
‘S an-diugh tha mo shnuadh air caochladh.

(II)
Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi glè òg,
Dol suas an Stiodha dhan eaglais mhòir,
Measg òigridh bha tapaidh is snasail nan dòigh,
‘S an-diugh tha gu leòr fon ùir dhiubh.

(III)
Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi leam fhìn,
A-muigh as a’ mhonadh ri toirt na sgrìob,
A shealltainn air mo leannan bha muigh leis an nì,
Agus dùil agam fhìn a pòsadh.

(IV)
Nuair thig an t-earrach ‘s e àm dhol dhan tràigh,
Bidh iomadach bodach le chorran an sàs,
Bidh iomadach bodach le chorran sna càirn,
Is ìghneagan bàn an t-sùgraidh.

(V)
Nuair thig an samhradh àm dhol le sprèidh,
A-mach dhan a’ mhonadh fo sgàil nam beann mòr,
Bidh iomadach gruagach le buarach na dòrn,
Eadar Codainn na mòr bheann ‘s Druim Thùsbaig.

(VI)
‘S iomadh langa agus bradan a thàinig dhar n-àite,
A-steach bhon a’ Ghallan ‘s bho Strathan na Steàrr,
Cha robh duine as a’ bhaile nach fhaigheadh dhiubh pàirt,
B’ e fasan ar n-àite bho thùs e.

(VII)
Ged thillinn sa dhachaigh a Bhaltos mo ghràidh
Chan fhaic mi na bodaich bh’ ann na mo là
Aonghas Ruadh, Gille Moire, An Learach ‘s Iain Bàn
An Gobha ‘s an Tàillear Crùbach.

Le Dòmhnall Ruadh MacGilleMhoire neo Dòmhnall Ruadh mac Iain ‘ic Aonghais Ruadh.

(Rugadh Dòmhnall Ruadh san Baltos air Leòdhais san bhliadhna 1858. Dh’fhàg e ‘muigh as a dachaidh dhùthais agus chaidh e a Chanada neo Tìr nan Craobh. Chaidh Dòmhnall Ruadh gu baile mór Bhinnipéig neo Uinnipig, agus sgrìobh e ‘n t-òran seo ri chéile mar thàinig duilich air a dh’fhàg e ‘muigh as a dachaidh air Leòdhais.)