Mo Shinnsearan

Caluim Iain: Faodaidh sibh a’ tòiseachadh ur seanair.
Iain Beag: Mo sheanair?
Caluim Iain: Athair bhur n-athair.
Iain Beag: No mo shinn-seanair.
Caluim Iain: Ur seanair bhur sinn-seanair.

Iain Beag: Bha mo shinn-seanair ann an Lèanachan aig Clann ’ic Uaraig agus airson an sgalag a bha e sin. Agus ’s ann an sin a rugadh mo sheanair agus bha e bliadhnaichean is bliadhnaichean ann gus an tàinig iad a-nall don àite anns a bheil sinn an-diugh. Bha mo sheanair na ghille òg agus phòs e tè a bhuineadh do dh’Inbhir Mhoireasdain Anna Dhùghallach agus chan eil mi cinnteach nach e bràthair a h-athar, Iain Dùghallach, rinn an t-òran ris an abradh iad Bràighe Rùsgaidh. ’S tha mi ’n dùil gur h-e Granndach a bh’ innte a thaobh màthair agus thog iad teaghlach ann an sin agus bha ochdnar ann de theaghlach. Agus chaochail mo sheanair anns a’ Mhàirt anns a ochd ceud deug agus ochd deug thar an trì fichead. Agus chaochail mo sheanmhair anns a h-ochd ceud deug agus trì fichead ’s a h-ochd….deich bliadhna a bha eatarro. Agus mo sheanair a thaobh an rathad eile mo shinn-sheanair thàinig e a-null às an Eilean Sgitheanach, Mac a’ Phearsain, Niall Mac a’ Phearsain…àite ’s a bha e san Eilean Sgitheanach Slèite ’s thòisich e air obair air Amar nan Long dar a bha iad ris. Thòisich iad air anns na h-ochd ceud deug agus a dhà. Agus phòs e ban-Stiùbhartach agus mar sin tha mi càirdeach do na Stiùbhartaich. Bha rithist mo sheanair, a mhac, Donnchadh, phòs e ban-Chamshronach agus bhuineadh i do dhuine a bha gu h-àrd ann an Gleann Ruaidh ris an abradh iad Dòmhnall Mór Òg Mór Chamshron. Chaochail Donnchadh Mac a’ Phearsain, mo sheanair, anns na h-ochd ceud deug agus ceithir fichead ’s a cheithir agus chaochail mo sheanmhair, Mòr Chamshron, anns na naoidh ceud deug. Agus ’s ann mar sin agus tha an sliochd againn anns an àite seo bho chionn iomadh linn. Agus ’s e Seamus Dòmhnallach a theireadh iad ri m’ athair. Agus ’s e Màiri Nic a’ Phearsain, muinntir an Eilein Sgitheanaich, mar a thàinig a seanair a-null…’s e a theireadh ri mo mhàthair.

Le Iain Beag Dòmhnallach (1876 gu 1964)

(Bha ‘n agallamh seo eadar Caluim Iain Mac Gilleathain agus Iain Beag no Iain mac Sheumais Ruaidh MacDòmhnaill air 22mh Samhuinn 1953. Bha iad ‘cainnt mu’n sinnsearan Iain Beag.)