Na Deich Àitheantan

1. Creid dìreach an Rìgh nan dùl,

2. ’S cuir air cùl ùmhlachd do dhealbh:

3. Na tabhair ainm Rìgh nan rìgh

’N diomhanas, oir bidh sin searbh.

4. Dòmhnuch Rìgh nèimh nan nial

Dean le d’ chridhe, chumail saor

5. D’ athair ’s do mhàthair gach uair
Fo onair bhuait biodh araon.

6. Na dean marbhadh ’s cum bho thnù,

7. Aodhaltrannas na cuir an gnìomh.

8. Gaduigheachd no goid na dean,

9. ’S na tog fianais ach gu fior.

10. Na sanntaich thusa dhuit féin.
Taigh fir eile no ’bhean,
No nì de eairneis gu léir;
A stigh bi-sa dìreach glan.

Sin deich àitheantan Dé dhuit,
Tuig iad gu fior agus creid;
Ma ni thu uile d’ an réir
Cha ’n eagal dhuit féin no dha d’ thaigh.
Arsa ’n cléireach beag, Triath Chola.

Le Eachunn mac Iain Garbh mhic Lachainn Bronnach.

(Bha Triath no Taoiseach Cholla a rabh Eachunn mac Iain. Agus bha e sagart no ministeir e fhéin cuideachd agus bha sgrìobhnair an-mhath e cuideachd gun teagamh, agus bh’ e san Eaglais Easbuigeach ann air Cholla.)

(Fhuair an téags so chall san Seann Ghàidhealtachd mar Cogaidhean nan Goill an aghaidh nan Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd, ach dh’ fhill e chun dachaidh leinn air ais a rithisd nuair a dh’ éirich e shuas thairis nan tonn san cheanntar Cala Mór no Halafags, Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh.)