Nach cianail tha mi fhìn ’s mo Dhòmhnallan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e,
Gun neacha beò bhith tighinn nar còir
Mus dig Mac Còrn a shealltainn oirnn;
A Rìgh, gur seachdain liom gach latha
Gos an dig blàths an t-samhraidh oirnn,
An uair a bhios na gillean òga
Tighinn air tòir nan gamhnaichean.
(I)
Siud far an robh an seòid –
Na dròbhairean nuair ghluaiseadh iad,
Na Bàideanaich bho sliabh gu tràigh
‘S an Clàrca na dhuin-uasal’ orr’;
Bha MacPhàrlain is MacMhaoilein
‘S Mac an t-Saoir à Ruadhain ann,
‘S ma sheasas iad aig tòir na prìs
Cha fheàrr a’ righ nan tuathanach.
(II)
‘S bha iomadh glòir ann an Gleann Smeòil
Nuair thigeadh oirnn an samhradh ann –
A’ ghrian mar òr dol sìos fo sgleò
Is ceòl an crò nan gamhnaichean;
Bhiodh iomadh spòrs aig sean is òg
‘S bu shòlasach bha ’n danns’ aca;
Bhiodh iasg is feòil ri dìosgail bhòrd
Bha sùgh an eòrn’ is branndaidh ann.
Nach cianail tha mi fhìn ’s mo Dhòmhnallan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e,
Gun neacha beò bhith tighinn nar còir
Mus dig Mac Còrn a shealltainn oirnn;
A Rìgh, gur seachdain liom gach latha
Gos an dig blàths an t-samhraidh oirnn,
An uair a bhios na gillean òga
Tighinn air tòir nan gamhnaichean.
(III)
Siod far a robh na balaich ghasta
Chridheil thapaidh sheannsgeulach,
‘S nuair thigeadh iad air tòir nam mart
Cha bhiodh an achlais gann aca;
S O, bu toigh liom a’ fear fialaidh
A bha riamh mar shamhl’ orra –
Le osan geàrr is fèileadh-beag
Is daor a chuir e Chaingeis orr’.
Nach cianail tha mi fhìn ’s mo Dhòmhnallan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e,
Gun neacha beò bhith tighinn nar còir
Mus dig Mac Còrn a shealltainn oirnn;
A Rìgh, gur seachdain liom gach latha
Gos an dig blàths an t-samhraidh oirnn,
An uair a bhios na gillean òga
Tighinn air tòir nan gamhnaichean.
Le Murchadh MacCoinnich no Murchadh Ruadh nam Bò.
(Sgríobh Murchadh MacCoinnich no Murchadh Ruadh nam Bò an òran seo chun gu páipear mu’n eadar 1780 gu 1830. Bha Murchadh à Loch Bhraoin, Rois an Iar o dhùthchais. Bha e na dhròbhair ainmeil e fhéin, agus chaochail e sa bhliadhna 1831. Ach chaidh an òran seo chun gu nam Machairean Móra roimhe chaochail e ’muigh an an t-saoghail seo. Bha sin an-mhor ’s an-láidir eadar na dhròbhairean ann cuideachd, ach sa Tìr nam Buachaille gu h-áiridh. Fhuair cúpla Fíor Gáidheal an tionndadh seo ’muigh air nam Machairean Móra, ‘ch eadar na tuathanaich ’s dròbhairean sa Tír nam Buachaille Deas gu h-áiridh sa bhliadhain 1943, agus a-rithist sa 1953 cuideachd.)