A Phiseag a Ceòs

(I)
Chan aithnichinn idir a Phiseag a Ceòs;
Gus an t-seachdain a chaidh s mi ag òl san taigh òsta,
Nuair a thàinig e bhruidhinn s a dh’fhaighnich e dhomhsa,
Am b’aithne dhomh cuilean a threanaigeadh,
Ma tha, tha mi ’n dùil ’s e an t-ionnsachadh òg.

(II)
Gu de arsa esan a bhios agad ri òl;
An gabh thu tè ruma tè bheag no tè mhòr,
Tha mise anns an dachaigh bh aig m’athair an Ceòs;
Caoraich ’s airgead gu leòr agam,
Ma tha tha mi’n dùil nach gabh sinn tè mhòr.

(III)
Thoisich mise agus esan ag òl,
Far an dh’fhuair Mac na Banrigh am branndaidh ri òl;
Thoisich a’bhruidhinn bha seanchas gu leòr,
Bha sin agus òrain mhath Ghàilig ann;
Ma tha, tha mi’n dùil bha neart san tè mhòr.

(IV)
Nuair a dh’fhalbh esan dhachaigh bha car math na cheann;
Dol a-mach air an doras ‘Oidhche math’ dh’eigh e rium,
Chì mi thu dh’aithghearr ’s bidh an cuilean air sreang;
Cuimhnich gun gheall thu a threanaigeadh,
Ma tha tha mi’n dùil a-nall leis a chù.

(V)
Nuair a ràinig mi dhachaigh air feasgair Diluain,
Mi sgìth ag obair air bata làn guail;
Nuair a chaidh mi chun doras a b’fhaisge air a’chruaich,
Bha an cù a-sin ceangailte ’s bhìd e mi;
Ma tha tha mi’n dùil cuilean fear Cheois.

(VI)
Bhìd e nighean a b’oige den chloinn;
‘S chuir mi a Nis e an àite peilear chuir ann,
‘S a fear a thug leis e, san thuirt esan rium,
Gheibh thu mult agus paidhidh mi dubhailte thu,
Ma tha tha mi’n dùil mas dèanadh e call.

(VII)
‘S ann air Diluain chaidh falbh leis a’ chù;
Chaidh e air carbaid nuair dh fhalbh Mac an Diùc;
Cha robh dùil agam idir gun tilleadh e an taobhs,
Ach thill, rinn e cron agus sgiùrs iad e,
Ma tha tha mi’n dùil cuilean fear Cheois.

(VIII)
Ma thachras a’ Phiseag riumsa gu brath,
Gheibh e sgal ga mo theanga ach cha thog mi ris làmh;
‘S ann a thèid sin gu drama ’s e sin fad’s fheàrr,
‘S bi òrain shuigeardach Ghàilig ann,
Ma tha tha mi’n dùil ’s cha bhi guth air a chù.

Le Donnchadh Doda

(Seo ’n amhrán mu Caluim Mhurchaidh mac Iain Mac Coinnich (1892 gu 1978) agas do madadh caorach aige ri thaobh leis an piseag beag agas nan Sìthean cuideachd. Dh’fhàg Caluim Mhurchaidh a-muigh as Leòdhais agas nan Eileanan, agas chaidh e thairis nan tonn chun an t-Sile san Aimeiriga Dheas. Rinn e saoghal mhath aige ’nn airson bliadhnichean fhada, ‘ch thàinig e chun dachaidh air ais a-rithist, agas bha sin gasta gun teagamh.)