Béaloideas

Biorach mac Buidheig:

Nuair a chuaidh na Fianntachan air an fhaghaid le fiadh latha ‘mhain, dh’éirich cù-seilge mór shuas a-mach le na fhaghaid agus bha Biorach mac Buidheig an t-ainm a bha air. Bha cù sealgaire dochreidsinn an-mór é gun teagamh. Agus ghabhail ‘s mharbhaich e seachd (7) damh-dhearg an-mhor ré faghaid seo ‘gus chunnaig Oisean sin annseo. Ás déidh nuair a ghabhail e na seachd damh-dhearg, chuaidh Biorach mac Buidheig gu dearg-shaobh agus chunnaig Oisean sin annseo cuideachd agus chuir e Biorach mac Buidheig gu bàs gun mhall. ‘S sgeul sin faoi Biorach mac Buidheig.



Oisean, Pàdruig agus an Lon-Dubh:

San àm fada ó shoin a-nis, Chuaidh Oisean gu dinnear féill mór na Pàdruig agus do bean chéile (bha í nighean Oisean). Ré ‘n dhinnear a dhubhairt Oisean: “Am faca tu, luirgean a-riamh, cho mòr sin, do luirgean na fèidh?” “Ò, chunnaic mise luirgean an loin-diubh a rachadh na broinn.“Bheul, bha mi ga creidsinn Dia gu seo.” Agus thug e na leabhraichean, sheall e iad agus loisg e iad.

Agus ghabh Oisean, ghabh e leithid de thàmailt agus sin uair a dh’fhalbh leis…leis a’ bhalach an làrna-mhàireach agus bha e ag innse dha na rathaidean a ghabhadh e. Agus thug iad do ghleann suas agus thuirt e an sin ris: “A bheil thu fhèin a’ faicinn dad sam bith a-nist?”

Bha e na dhall an uair sin. “Chan fhaic mise, ach eun mòr dubh ’s e an dath gu dubh air an àm. Am faic, tha thusa car goirid na tha mise air. Seo a-nist,” agus cuir an gunna dìreach air.” Agus sin nuair a loisg e air agus mharbh e e. “Croich e a-nist. Tha do làmh a’ toirt fairis air. Chan eil, chan eil, chan eil, chan eil.”

“Agus, tha, am faic thusa a-nist, tom gorm shìos an sin, tom luachrach? “Chì,” ors’ am balach. “Sin a rugadh e agus rug e air an tom a’ lìon e ’s bha a’ choire ann a shin a bh’ aig na Fianntaichean. Agus sin nuair a rug e air an eòin ’s loisg e agus fhuai Oisean air a bhruich mar a bha iad agus thug e na luirgean dhachaigh chon…chon an duine aig an nighean. “Agus seo a-nist, ’s bha iad a-mach còmhla rium, agus faodaidh esan innse dhut.”

Agus sin nuair cha do dh’innse e an naidheachd riamh tuilleadh ’s e a bha am bàrdachd mun cuairt air an Fhèinn ’s a h-uile rud.



Na Bana-Bhuidsichean is Fear a’ Choire:

Chuala sibh iomradh uair is uair air a’ chorp crèadhadh a bhiodh bana-bhuidisichean a’ dèanamh, ach tha mi creidsinn nach cuala sibh riamh ciamar a bha iad ga dhèanamh.

Ò, bha obair mhòr timcheall air dèanamh a’ chorp crèadhadh. Chan e h-uile duine a dhèanadh e – agus nuair a thig e gu sin, cha robh duine idir comasach air a dhèanamh. Bidh sibh gabhail iongnadh gu dè tha mi ciallachadh le sin.

’S e tha mi ciallachadh le sin seo – cha robh fireannach comasach air corp crèadhadh a dhèanamh. Dh’fhaodadh e dhèanamh ceart gu leòr ach, cha biodh corp crèadhadh a dhèanadh fireannach, bha bhiodh sian a dh’èifeachd no de chumhanchd co-cheangailte ris. ’S e boireannaich a dh’fheumadh a dhèanamh – na bana-buidsichean. Ach air an làimh eile, cha b’ urrainn boireannach fhèin a dhèanamh gun fireannach a bhith anns an fhianais – anns an làthair.

Tha sgeulachd air innse gun deach corp crèadhadh a dhèanamh do dh’Fhear a’ Choire. Tha fhios agaibh cò bh’ ann am Fear a’ Choire. Rinn iad corp crèadhadh do dh’Fhear a’ Choire ma-thà. Tha e col’ach gun robh e caran cruaidh air an tuath aig an àm. Agus ’s e bh’ ann ach gun do chruinnich na boireannaich co-dhiù, agus dh’aontaich iad gun dèanadh iad corp crèadhadh dha. Agus chuir iad a-mach latha airson na h-obrach, agus chuir iad cuideachd a-mach an taigh – taigh aon dhiù fhèin – anns an dèanadh iad an obair.

Agus nar a thàinig an latha, choinnich na boireannaich anns an taigha chuir iad a-mach airson a’ ghnìomh. Ach ge b’ e air bith gu dè bu choireach, thàinig air a h-uile fear a bh’ air grunnd a’ bhaile, thàinig orra falbh bhon taigh. Chan eil fhios a’m gu dè b’ adhbhar dha – bha rud air choreigin ri dhèanamh, an dàrna cuid anns a’ mhonadh no aig muir, agus cha robh fireannach air grunnd taighe a gheibheadh na boireannaich airson a bhith ’n làthair, ’s cha b’ urrainn dhaibhsan an crop crèadhadh a dhèanamh gun aon fhireannach a bhith san fhianais. Ach ann an sin, chuimhnich tè gun robh tàillear crùbach anns a’ bhaile fhathast, nach do dh’fhalbh, nach b’ urrainn falbh cuide ris na fir eile. Agus thuirt i seo ri càch. Och, ’s ann a dh’fhalbh iad, triùir no cheathrar dhiubh, agus sguab iad leotha an tàillear, agus thug iad e cuide riutha gu ruig an taigh anns an robh iad a’ dèanamh a’ chorp crèadhadh.

Chuir iad an tàillear na shuidhe ann an àitigineach airson a bhith ’n làthair, ’s thòisich iad air a’ chorp crèadhadh a dhèanamh cho math agus a b’ urrainn an corp. ’S rinn iad e ’s rinn iad e dha-rìreamh, agus ann an sin chuir iad e gu ruig’ an t-sruthain anns am bidhte cur a leithid airson gum biodh an t-uisge sìor chnàmh a’ chuirp chreadhadh. Agus cha robh iad sian ach air sin a dhèanamh nar a thòisich Fear a’ Choire air fàs tinn. Agus chaidh e gu lighiche thall ’s chaidh e gu lighiche bhos ach dh’fhairlich air a h-uile h-aon dhiubh a thuigsinn gu dioda bha ceàrr. Agu bha Fear a’ Choire sìos chnàmh ’s a’ sìor fhàs lapach agus lag ’s cha robh fhios bhon talamh gu dioda bha ceàrr. Cha b’ urrainn dhaibh fhaicinn gu dioda thàinig ris. Agus mu dheireadh ’s ann a bha ainm anns a h-uile h-àite air an tubaist a bh’ ann an seo, mar a bha tinneas Fear a’ Choire dol air adhart agus a’ sìor chnàmh às, agus gun ni ann a ghabhadh dèanamh air a shon, agus, mu dheireadh thall, ’s ann a dh’innis an tàillear gu dè bu choireach – dè b’ adhbhar dhan tinneas. Co-dhiù, ’s ann a chaidh am fios seo a thoirt gu cluasan Fear a’ Choire, agus anns a’ mhionaid, dh’fhalbh iad agus fhuair iad an corp crèadhadh, thoradh a bha fios aig an tàillear glè mhath far ’n a chuir na mnathan an crop crèadhadh. Fhuaireadh an corp crèadhadh agus thugadh às an allt e, agus chuir iad thìodhlaic iad e anns a’ mhòintich far nach cnàmhadh e gu sìorraidh. Agus, cha bu luaithe rinn iad sin na bha Fear a’ Choire sìor fhàs na b’ fheàrr – sìor fhàs na b’ fheàrr ’s a’ faotainn an uachdar air a’ bhochdainn.

’S e bh’ ann co-dhiù ach gun tug e na boireannaich, thug e suas iad, agus bha cumhachd anns an latha ud aig uachdaran rud sam bith a dhèanamh, air neach sam bith a rachadh na aghaidh. Thugadh na boireannaich suas airson a’ ghnìomh. Agus bha iad gu bhith ann an droch cuid dheth, thoradh, bha lagh anns an àm a bh’ ann a sin anabarrach fada ann an aghaidh buidseachd dhen t-seòrsa. Agus dìreach nar a thàinig an t-seachdain anns an robh bhìnn ga thoirt a-mach air an boireannaich, gu fortanach, nach ann a chuir a’ Phàrlamaid na Gaill às dhan lagh an-ìochdmhor a bha cur nam bana-buidisichean gu bàs ann an dòigh cho uamhasach. Agus fhuair na bana…boireannaich, fhuair iad mu sgaoil agus fhuair iad an saorsa, agus fhuair Fear a’ Choire a shlàinte air ais.

Sin agaibh sgeulachd a’ chuirp crèadhadh.



Dòmhnall agus na Sìthichean:

Bha fear a bha seo is ‘s e Dòmhnall an t-ainm a bh’ air. ‘S e bodach a bh’ ann. Is bha croit air a dhruim.

Là a bha seo Dòmhnall a’ coiseachd a-mach ‘s a’ choille. Agus fhad ‘s a’ coiseachd chuala e ceòl. Stad e is choimhead e eadar na craobhan. Is cò chunnaic e, ach na sìthichean. Is bha iad a dannsadh is a’ seinn.

“Di-luain, Di-màirt, Di-luain, Di-màirt, Di-luain, Di-màirt”.

Dh’éibh Dòmhnall a-mach “Di-ciadain”. Leum na sìthichean a-mach is rug iad air. Is thug iad dhan rìgh ac’ e.

Thuirt Rìgh nan Sìthichean ri Dòmhnall. “Chuir thusa crìoch bhriagh’ air an òrain againn. Dé tha bhuat? Airgead? Ór?” Chuir Dòmhnall a làmh air a dhruim. Thug Rìgh nan Sìthichean an t-slat dhraoidheachd aige amach, is chuir e air dhruim Dhòmhnuill i. Dh’fhalbh a’ chroit.

An ath-là, bha Dòmhnall a’ coiseachd air a’ rathad. Is thachair e air a choimhearsnach aige. ‘S e amadan a bh’ ann. Is bha chroit air a dhruim cuideachd. Dh’foighneachd e do Dhòmhnall. ” A Dhòmhnaill, dé dh’eirich dhut? Tha thu cho dìreach ri slat-iasgaich!” Thuirt Dòmhnall ris dé dh’éirich dha.

An ath-là bha an t-amadan a’ coiseachd a-mach ‘s a’ choille. Is chuala e ceòl. Stad e is choimhead e eadar na craobhan. Is chunnaic e na sìthichean. Is bha iad a dannsadh is a’ seinn.

“Di-luain, Di-màirt, Di-luain, Di-màirt, Di-luain, Di-màirt, Di-ciadain”.

Dh’éibh an t-amadan a-mach “Di-ardaoin’!” Leum na sìthichean a-mach. Is rug iad air thug iad dhan rìgh ac’ e.

Thuirt Rìgh nan Sìthichean ris an amadan. “Mhill thusa an t-òran againn. Is a-nist, tha mise ‘dol ‘gad milleadh!” Is thug e an t-slat dhraoidheachd aige, is chuir e air dhruim an amadain i. Is chuir air a chroit a bh’ air drum Dhòmhnaill air druim an amadain.

Is chaidh e dhachaidh le dà chroit air!



An Cogadh eadar na h-Ainmhíní ‘gus na h-Éanacha:

An t-am nuair a bhí cainnt ag na h-Ainmhíní agus cainnt ag na h-Éanacha, gur ghnách leofa cruinniú ‘nnsa choillidh (choille) a bhí ‘g fás ar a chuid thalamh-san fá choinne foscadh agus shuaimhneas na h-oidhche. Sé ‘n deireadh a bhí ‘nn, thosaidh siad a thuitim amach le chéile. Sé a dúirt iad, nach mbeadh sluagh amháin, go gcaithfeadh an shluagh eile teitheadh.

Nuair a chualaidh an Mhadadh Ruadh é sin, bhí sé go h-ionntach sásta. Scairt sé cruinniú le chéile do na h-Ainmhíní gan mhoill. D’iarr é ar achan cheann dá robh ag goil cheithre cosa theacht agus éisteacht leisean. Dúirt sé go robh an cogadh ag goil a thoiseacht, go robh seisean ag goil ar thús an chath agus go gcoinneochadh sé ‘n airde. Ach, dá dtiocfaidh an chúis go bhfeicfeadh iad a ruball-san ag goil síos, gan ceann fanacht leis an cheann eile. Ach, imeacht ar an mhéid a dtiocfadh leo.

Chualaidh an Cearlamán goidé dúirt an Mhadadh Ruadh. Fuaigh (chuaidh) é go ‘n Iolar. Thug an t-Iolar aon ghrág amháin as, agus scairt é ar gach fuiléan dá robh ag goil ar áit ar bith. D’iarr sé orthu éisteacht leisean, agus d’inns é dófa goidé a Mhadadh Ruadh. Annsin, bhí ‘n Seileán ag éisteacht agus dúirt sé go n-déanfaidh seisean cuidiú mór dófa cé go beag agus má bhí sé. Dúirt an Seileán nuair a rachaidh an troid amach ar aghaidh go n-déanfaidh seisean a dhíchealt le fáilt faoi ruball na Madadh Ruadh le gath a chur ann. Agus dúirt sé nach mbeadh seisean i bhfad ag tabhairt air a ruball a chur síos.

Bhí sin ceart go leor, agus rinneadh mar a dúirt sé. Agus nuair a thosaidh an troid le h-éirí na gréine, bhí Madadh Ruadh ar tús agus a ruball in airde aige. Bhí na h-Ainmhíní uilig ann ar chúl ina dhéidh ag léimnigh, ag tamhann, ‘s ag screadaigh, ‘s ag búirfigh agus ag coimhéad ruball an Mhadaidh Ruaidh. Sé ‘n deireadh a bhí ‘nn, ach go bhfaca siad, nuair a tháinig na h-Éanacha bhí siad ar eiteoig os a chionn. Fuair an Seileán áiméar. Fuaigh (chuaidh) sé isteach faoi ruball an Mhadadh Ruadh. Chuir sé gath ann. Nuair a mhoithigh an Mhadadh Ruadh seo, cha robh sé i bhfad ag ligean síos a ruball agus ar shiúl leis. Ar shiúl leis na h-Ainmhíní ina dhéidh, ceann i n-dhéidh an cheann eile. Agus ón lá sin ó shin, tá ‘n bhuaidh ar na h-Éanacha. Tá ‘n choillidh acu mar sin. Dá gcluinfeadh iad ag ceol ar madainn annsin. Ó lá sin tá na h-Éanacha ‘g déanamh ceol le h-éirí na gréine go h-oidhche gan mhoill. Fuaigh na h-Ainmhíní go fhiáin áit eile. Tá siad ag fáilt trioblóid mhillteanach. ‘S iad ag búirfigh oidhche ‘gus lá, maidin agus tráthnóna, ‘gus beidh siad ar feaidh na saoltacht anois go bráth ar fad.



Sgrìob Chlann Uisnich:

Tha e coltach gu robh iad ann droch-chath agus bha Deirdre – bha i ann am mór-ghaol air fear de Chlann Uisnich, fear air an robh Naois. Agus anns a’ chath a bh’ ann chaidh an cur gu bàs agus thuit ise sìos ann am uaigh còmhla riu’ agus bhàsaich i fhéin.

Ach chaidh an togail agus chaidh tiodhlacadh a dheanamh orra air gach taobh dhe ‘n chladh. Ach a réir an t-seanachais dh’fhàs craobh bho gach uaigh agus gus an dthàinig iad gu chéile. ‘S bha gamhlas mór aig an righ ris an seo agus thug e òrdan na craobhan a ghearradh, agus dh’fhàs iad as ùr. Thachair sin caochladh thurais agus mu dheireadh chunnaic an rìgh iomchaidh an cur agus an tiodhlacadh air gach taobh dhe ‘n loch: cha’ n fhàsadh na craobhan air an astar sin gu bràch.

Ach tha e anns an t-seannachas gur ann as an sin a thàinig am meall le sgrìob bhàin a tha fo ‘n iarmailt de rionnagan neo reultan a chà thu as iomadh oidhche ris an can iad Sgrìob.