Òrain Clann Dòmhnaill

Brosnachadh Cath Gairbheach:
(24mh Iuchar 1411):

A Chlanna Cuinn, cuimhnichibh
Cruas an am na h-iorghaile:
Gu h-àirneach, gu h-arranta,
Gu h-athlamh, gu h-allanta,
Gu beòdha, gu barramhail,
Gu brioghmhor, gu buan-fheargach,
Gu calma, gu curanta,
Gu cròdha, gu cath-bhuadhach,
Gu dùr is gu dàsannach,
Gu dian is gu deagh-fhulang,
Gu h-èasgaidh, gu h-eaghnamhach,
Gu h-éidith’, gu h-eireachdail,
Gu fortail, gu furachail,
Gu frithir, gu forniata,
Gu gruamach, gu gràinemhail,
Gu gleusta, gu gaisgeamhail,
Gu h-ullamh, gu h-iorghaileach,
Gu h-olla-bhorb, gu h-àibheiseach,
Gu h-innil, gu h-inntinneach,
Gu h-iomdha, gu h-iomghonach,
Gu laomsgar, gu làn-athlamh,
Gu làidir, gu luath-bhuilleach,
Gu mearghanta, gu mór-chneadhach,
Gu meanmnach, gu mìleanta,
Gu neimhneach, gu naimhdeamhail,
Gu niatach, gu neimh-eaglach,
Gu h-obann, gu h-olla-ghnìomhach,
Gu h-oirdheirc, gu h-oirbheartach,
Gu prap is gu prìomh-ullamh,
Gu prosta, gu prionnsamhail,
Gu ruaimneach, gu ro-dhàna,
Gu ro-bhorb, gu rìoghamhail,
Gu sanntach, gu sèanamhail,
Gun socair, gu sàr-bhuailteach,
Gu teannta, gu togarrach,
Gu talcmhor, gu traigh-èasgaidh,
Gu h-urlamh, gu h-ùr-mhaiseach,
Do chosnadh na cath-làthrach
Re bronnaibh bhar biodhbhadha.
A Chlanna Cuinn Cèad-chathaich
A nois uair bhar n-aitheanta,
A chuileanan confadhach,
A leómhannan làn-ghasta,
A onchonaibh iorghaileach,
Chaoiribh chròdha, churanta
De Chlanna Cuin Cèad-chathaich —
A Chlanna Cuinn, cuimhnichibh
Cruas an am na h-iorghaile.



Fuaim a’ Bhlàir

(I)
Fuaim a’ bhlàir, ceòl a’ chogaidh,
An guth ’s an nàire,
Air cluasan eachdraidh,
Sgith dh’an bhlàr, sgith dh’an chogadh,
An t-eallach ’s an cràdh,
Air gualainn eachdraidh.

Saighdear mi sa’ Fhraing ’s sa Ghearmailt,
Saighdear mi air raointean Chanada,
Saighdear mi san Spàinn san Eadailt,
Saighdear mi ’nam aghaidh fhein an Éirinn.

Saighdear mi sa’ Fhraing ’s sa Ghearmailt,
Saighdear mi air raointean Chanada,
Saighdear mi san Spàinn san Eadailt,
Saighdear mi ’nam aghaidh fhein an Éirinn.

(II)
Blàr nan Gàidheal, an Gàidheal ’s an cogadh,
An fhuil ’s am bàs,
Air bràighean eachdraidh,
Fuaim a’ bhlàir, ceòl a’ chogaidh,
An guth ’s an náire,
Air cluasan eachdraidh.

Saighdear mi sa’ Fhraing ’s sa Ghearmailt,
Saighdear mi air raointean Chanada,
Saighdear mi san Spàinn san Eadailt,
Saighdear mi ’nam aghaidh fhein an Éirinn.

Saighdear mi sa’ Fhraing ’s sa Ghearmailt,
Saighdear mi air raointean Chanada,
Saighdear mi san Spàinn san Eadailt,
Saighdear mi ’nam aghaidh fhein an Éirinn.

le Caluim ’s Ruairidh Dòmhnallach.

(Tha ’n óran seo ’n aghaidh na Gáidheil ’déanamh seirbhis míleata chun nan Gaill agus chun Sasuinn gu h-áiridh mar fhuair saighdearan Gáidhealach bás sa seirbhis le Sasuinn le bliadhanta ró-fhada ’nis gun teagamh).



Tìr an Airm

(I)
An tèid thu leam, a rìbhinn òg,
Gu tìr mo ghràidh sìtheil sona,
‘S chì thu saighdearan a’ ruith,
Am measg nan lusan brèagha ’sa mhonadh.

Ho ro h-orain ò,
Fàilte gu tìr an airm,
Ho ro h-orain ò.

(II)
A’ coimhead a mach air madainn chiùin,
Air ball mor cruinn os cionn na beinne,
‘S bhon is ciùin na tonnan gorm,
Tha ceòl ùr aig ceòl na mara.

Ho ro h-orain ò,
Fàilte gu tìr an airm,
Ho ro h-orain ò.

(III)
‘S an tèid thu leam gu tìr mo ghràidh,
Seall na h-eòin dhorcha dhona,
Treabhadh speuran as ar cionn,
Dèanamh air Steòrnabhagh le cabhaig.

Ho ro h-orain ò,
Fàilte gu tìr an airm,
Ho ro h-orain ò.

(IV)
Nis leugh t-eachdraich, fosgail sùil,
Anns gach linn mu dhòigh an airm,
Stampadh air na croitean seagail,
‘S beathannan òg aig gillean Uibhist.

Ho ro h-orain ò,
Fàilte gu tìr an airm,
Ho ro h-orain ò.

(V)
Cha tèid mise gu an rìgh,
Cha tèid mise an còrr a shabaid,
O Lunnain mheallt, a Bhreatuinn fhoilleil,
Cha seas mi ach ’son sìth nan eilean.

Ho ro h-orain ò,
Fàilte gu tìr an airm,
Ho ro h-orain ò.

le Caluim ’s Ruairidh Dòmhnullach

(Bha ’n t-oran seo ’n aghaidh na Gáidheil a-staigh arm no sluagh Sasuinn mar bha nan saighdearan Gáidhealach biadh nan gunnaithe móra le bliadhanta ró-fhada ’nis gun teagamh! Bha sin an sgéal as 1700an gu h-áiridh).