Am Bàl Gàidhealach – Òran a’ Bhàil Ghàidhealaich

Luinneag.
Bithibh aotrom ’s togabh fonn,
Cridheil, sunndach gun bhi trom,
’G òl deoch-slàinte na bheil thall
Ann an tìr nam beann ’s nan gleannaibh.

(I)
Fhuair mi sgeul a tha leam binn
’Dh’ ùraich gleus air teud mo chinn,
’S bidh mi nis a dol ’g a sheinn
Ged tha mi ’s a’ choill am falach.
Bithibh aotrom ’s togabh fonn,
Cridheil, sunndach gun bhi trom,
’G òl deoch-slàinte na bheil thall
Ann an tìr nam beann ’s nan gleannaibh.

(II)
Gur h-e ’n sgeul a fhuair mi ’n dràst
’S a dhùisg m’ inntinn ’suas gu dàn
’Bhi gam iarraidh ’dh’ ionnsaidh ’bhàil
’Th’ aig na Gàidheil tùs an Earraich.

(III)
’N uair a théid an comunn cruinn
Bidh iad sìobhalta le loinn,
Cliùiteach, ciallach, fialaidh grinn,
’S bheir iad caoimhneas do dh ’fhear aineoil.

(IV)
’N uair a shuidheas iad mu ’n bhòrd
Bheir iad tacan air an òl,
’S fiodhall théud bho ’n gleusar ceòl
’Cur nan òganach nan deannaibh.

(V)
Cha bhi sgrùbaireachd mu ’n chlàr
Ann an cuideachda mo ghràidh,
Aig a bheil an inntinn àrd
’S nach gabh tàmailt bho na Gallaibh.

(VI)
’N uair a théid an fhiodh’l na tàmh
Bheir iad treis air cainnt nam bàrd,
’Dhùisgeas fonn neo-throm ’nan càil
Anns a’ Ghàilig a’s glan gearradh.

(VII)
’Chànain ghasda, bhlasda, bhinn!
’Si bha ’n cleachdadh aig na suinn
’Dhearbh an gaisge ’m feachd an rìgh:
’S iomadh tìr ’s an tug iad deannal.

(VIII)
Luchd nam breacan bha ’s gach àm
Fuasgailteach an strì nan lann:
’N uair a ghluaiseadh iad bho ’n chàmp
Chuirte ’n ruaig ’s bu teann an leanachd.

(IX)
’S ann ac’ féin ’tha ’n t-éideadh grinn!
Breacan guaille, féile cuim,
Osan geàrr mu ’n chalpa chruinn
’S boineid ghorm os ceann na mala.

(X)
Stàilinn ghlas, mar ealtuinn giar,
Chleachdadh anns na baiteil riamh
Leis na gaisgich nach tais fiamh
’S nach biodh riamalach a tarruing.

(XI)
Bha iad fìrinneach gun fhoill
’Nàm dol sios ’us pìob ’ga seinn:
Rùisgte brataichean ri croinn
Aig na saighdeiribh nach mealladh.

(XII)
’S bho na chinn sibh féin o’n dream
’Dh’ àraicheadh fo sgéith nam beann,
’Bhuannaich anns an Eiphit geall
’S a chuir Frangaich as an t-sealladh;

(XIII)
Ged tha sibh an tìr nan craobh
Cuimhnichibh air beus nan laoch!
Leòghainn bhorb bu ghairge fraoch;
’S iad nach aomadh as a’ charraid.

(XIV)
Ged tha sibh an Albainn Uir
Caithibh an oidhche le sunnd:
’S an deoch-slàinte ’thig air tùs
Olaidh sinn gu grunnd, gach fear i.

(XV)
Olaibh air na Gàidheil threun
’Rachadh acfhuinneach air ghleus,
’S a tha fuasgailteach gu feum;
Sealgairean air féidh ’s na beannaibh.

(XVI)
Soraidh bhuam do ’n t-sluagh a null
’Tha ’s an tìr ’s an robh mi ’n tùs.—
’S tric a dh’ fheuch iad bàt’ fo shiùil
’S iad ’g a stiùireadh ’dh’ ionnsaidh cala.

(XVII)
Bho nach ruig sinn orra ’n dràst,
Lion a’ chuach a suas fo stràic,
’S cuir mu ’n cuairt i nuas gun dàil
Ann an onair àrd nam fearaibh.

Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Chuir Iain mac Ailein an òran so re chéile mu’n bliadhna 1826. Bha bàl no féiliridh mór ann san taigh Dhaibhidh Mhurraidh am Mearagomais, Albainn Nuadh sann toiseach Earrach sa bhliadhna 1826. Chaoidh am Bàrd thun ann am bàl agus bha craic móran ann gun teagamh. Agus bha Gàidheil san ann amhàin, ach thugadh cuireadh do ’n Bhàrd. Phàidh e a luchd cuiridh leis an òran so a sheinn aig a’ bhàl. Bha ‘n t-òran so mu ‘n nan Gàidheil sa cogadh thairis na domhan agus san dachaidh ann Seann Ghaidhealtachd cuideachd.)