An Adharc

AN ADHARC.
Gur-a muladach tha mi
Ann am fàsach nam beann,
Anns an tìr so air m’ aineoil;
Cha ’n ’eil caraid orm teann
Gur-a neònach leam Uilleam
’Chur an turais fo m’ cheann;
Thug e dhuit mi mar leannan,
’S tha mi falamh ’s an àm.

AM BARD.
Na bi gearan cho tràthail
Mu ’m bi càch oirnn a’ cainnt;
Gur-a h-iomadach fàilinn
’Thig air làimh a bhios gann.
Gabh mo leisgeul ged ’tha thu
Greis an dràst gun an dram;
Gheibh sinn fathast gach goireas,
Théid a’ choill’ as a bonn,

AN ADHARC.
B’ fhearr leam fhaicinn na chluinntinn,
’S gur h-e ’mheudaich mo bhròn
’Thu ’bhi ’g innse cho daor ’s tha
Stuth mo ghaoil, aig Mac-Leòid,
’N uair bha mise aig mo chiad fhear
Bha e fialaidh ’s gach dòigh,
Cha do chaomhainn e riamh orm
’Mheud ’s gan iarrainn r’a òl.

AM BARD.
Bheirinn comhairl’ nach misd e
Air an fhleasgach dheas òg,
Gun e ’phòsadh ri banntraich
’S e an geall air a h-òr;
Gheibh i cleachdadh bho ciad fhear
’Bhios i ’g iarraidh r’a beò,
Ged-a bhiodh i na caillich
’S aogasg sean air a sròin.

AN ADHARC.
Cha ’n ’eil mise nam chaillich,
Uist, a bhalaich gun tùr!—
Cha ’n ann falamh a bha mi
’N latha ’dh’ fhàg mi mo rùn;
Gheibh thu tuilleadh bho Uilleam,
Fear an fhurain ’s na mùirn,,
’S thoir dha gealladh teann làidir.
Nach téid m’ fhàgail an cùil.

AM BARD.
Ciamar ’bheirinn thu ’m folais
Ann an comunn an dràst?
’S duilich dhomhsa ’bhi d’ chomain,
’S nach h-’eil boine air do chlàr.
Théid mi dhachaidh gun fhios leat,
Cha bhi mise fo d’ stràic:
Na bi maoidheadh do thochraidh,
Airson botail no dhà.

AN ADHARC.
’S math an tochradh a fhuair thu
Ceangailt’ suas air do thaobh
Bho ’n duin’ onarach ghasda,
’S rinn thu ’sgapadh gu faoin.
Dhomhsa dh’ éirich a’ bhochduinn,
Thug thu leat mi o m’ ghaol;
Gur h-e fhàgail a liath mi
Am bliadhna ’s cha ’n aois.

AM BARD.
Cha ’n iad boirinnich bheusach
’Bhios an déidh air an òl;
Ma thug thusa do spéis dha,
Gu ’m bi éis air do lòn.
Ciamar ’chumas sinn teaghlach
’S tusa ’glaodhach nan stòp?
’Sguir de ’n òl agus chi thu
Nach bi dìth oirnn ri ’r beò.

AN ADHARC.
Tha a’ bhranndaidh leam taitneach.
’S i a’s blaisde na m’ fion;
Tha i fallain do m’ bhroilleach,
’S ni i sona mo chrìdh:
Ach ged bhithinn air phadhadh
Deoch cha ghabhainn leam fhìn;
’S riamh cha d’ iarr mi tomhac’ ort,
’S cha do chleachd mi an ti.

AM BARD.
’S maith tha fios aig gach neach
Nach ’eil do chleachdadh aig céill;
’S tha e dhomhsa na mhasladh
’Bhi gad fhaicinn nam dhéigh.—
’S iomadh fear ’chaidh a mhealladh
’Fhuair a leannan aig féill,
’S e ’ga taghadh air àilleachd
’S gun a nàdar ’ga réir.

AN ADHARC.
B’e mo mhiann ’bhi aig Uilleam,
Sin an duine tha grinn;
Bha mi fada na theaghlach
’S bha rud daonnan fo m’ làimh.
’N uair a thigeadh luchd-eòlais
Bheirte á seòmar mi ’nall;
’S iomadh conaltradh ciatach
Anns an d’ iarradh mo chainnt.

AM BARD.
’S éigin dhomhsa ’bhi sàmhach
Ged is nàr e r’a luaidh;
Tha an sean fhacal ’gràitinn
Nach bi dànachd gun duais.
Mar faigh fear an deadh-nàdair
Air mnaoi àrdanaich buaidh
Ni i burraidh ’us tràill dheth,
’Us cuis-ghàire do ’n t-sluagh.

AN ADHARC.
Bha mi féin agus Uilleam
Riamh, mar bhuineadh dhuinn, réidh;
’S mi nach faiceadh air gruaman,
’S i an uaisle dha ’s beus.—
Tha e ’chinneadh nan sàr-laoch
Anns na blàir a bhiodh treun;
Air na Foirbeisich uallach,
’S tric a chualas deadh-sgeul.

AM BARD.
Bho na chaidh thu gu eachdraidh
’S gu cinn-fheachd’ nach robh clì
Bha mo chinneadhs’ cho beachdail
Bi dream ’chleachd a bhi strì,
Ged-a chaill iad le ’n gòraiche
An còir air an tìr
Ann an aobhar righ Seumas:
’S bochd a dh’ éirich sud duinn.

Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Mu ’n bliadhna 1827 a sgrìobh e ’n t-òran so. Dh’ fhuair e ’n adharc as do charaid Uilleim Foirbeis nan Phiogto, ach thug e ’n adharc òl thun gu ’n t-Athair Cailean Grannd as Arasaig bliadhnichean bho san àm sin. Bha e sin an adharc mhòr bhriadha ’s do branndaidh.)