An deadhaidh Murt Ghleanna Comhann (Gàilig Loch Abar)

An deadhaidh Murt Ghleanna Comhann thachair rud glé iongantach. Agas am a’ mhurst bha boireannach truagh ann, agas chaidh i fo dhrochaid leis an leanabh a bha mu thrì miosan a dh’ aois. Agas dh’ airich na saighdearan sgriach an leanabh is iad a’ dol seachad agas i a’ fiachainn ri chumail sàmhach. Agas thuirst an commandair a bh’ orra:

“Theirige sìos fo’n drochaid agas ma’s e gille a th’ ann, marabh e. Ach ma’s e nighean a th’ ann, leig leis.”
’S e gille a bh’ ann. Agas ghuidh i air:
“Aig ghaoil Dia,” thuirst i, “fàg an gille agam,” thuirst i.

Ach bha cat ann. Agas mharabh e an cat agas chuir e fuil a’ chait air a’ chlaidheamh. ’N uair a thill e air ais son dearadh a thoirst do’n chommandair gun do mharabh e e, sheall e an claidheamh dha làn fuil. Dh’ fhàg seo làn-riaraichte an commandair.

Ach bliadhanachan an deadhaidh sin, dh’ fhàs an gille seo suas. Bha taigh-òsta aige aig an Apuinn. Thàinig duine allabanach, truagh a staigh a bha a’ falabh air an rathad mhór. Agas an deadhaidh dhà drama na dhà fhaotainn, thòisich e air innseadh m’a dhéidhinn Murst Ghleanna Comhann. Tha an Apuinn pios bho Ghleanna Comhann, ach cha robh e a’ tuigsinn idir gun robh an duine a bha a staigh a’ cumail cluais ris na biathran a bha e ag ràdha. Is ’n uair a chuala e e a’ bruidhinn air Murst Ghleanna Comhann, thuirst e:

“Cha téid thusa as seo a nochd.”

Ach ’n uair a dh’ innis e gur e shàbhail a bheatha agas ’s ann a ghabh e bàidh glé mhór ris. Agas chum e riamh tuillidh m’an taigh-òsta e a’ dèanadh mar a thoilicheadh e fhéin gus na chaochail e.

Le Iain Beag am Bàrd.

(Dh’fhoghluim Iain Beag Dòmhnallach an sgeul seo ‘s nan daoine na h-àite faoi Gleanna Comhann agus thairis Loch Abar ri chéile. Bha seannchaidh an-mhath a bha Iain Beag am Bàrd. ‘S an sgeul seo mu’n nan daoin’ ‘n dheadhaidh Murt Ghleanna Comhann air 13mh Gearran 1692 nuair a chuir nan Goill eadar dhà chiad (200) gu ceathar chiad (400) daoine chun gu bhàis san Ghleanna Comhann mar bha Gàidheil iad fhéin.)