An Saighdear Bàn – Saighdear Chaluim Bàn

Luinneag:
Hi horaibhe hoirinn hoirinn,
Hi horaibhe hoirinn ail,
Hi horaibhe, och is eileadh,
Leamsa b’eibhinn d’fhaicinn slan.

(I)
Chuir iad thu air tìr an Eirinn,
‘S aotram bha do cheum air sràid,
Chuir iad umad dèise an t-saighdear,
Bu fhèin an diaman a-measg chàich.

(II)
O gur mise tha gu cianail,
‘S mi a’ faicinn feur a’ fàs,
‘S e ri falach orm do lorgan,
‘S mi gu sgealbadh leis a ghràadh.

(III)
Nuair a thèid mi dhan a’ mhoine,
Bidh na deòir a’ruith gu làr.
Ach ged a lionadh iad mo bhrògan,
Cha leig mi mo bhròn ri càch.

(IV)
Ged a thigeadh triùir san oidhche,
‘S mi nach tugadh dhaibh mo làmh,
‘S mi nach tugadh dhaibh an coibhneas,
Gheibheadh Saighdear Chaluim Bhain.

(V)
Ged a thigeadh traigh nach fhacas,
Riamh a leithid anns an àit’
‘S iomadh struthan den a’chuan,
Tha eadar mi’s mo luaidh, nach traigh.

(VI)
Cait’ am bheil thu, gràidh, an tig thu,
‘M bheil thu’n duil an tig thu ghraidh,
An tig thu shealltainn onn am bliadhna,
Na ’n tig thu gu siorraidh bràth.

(VII)
Nuair a thèid mi dhan an doras,
‘S a chì mi ghealach ’s i na h-aird,
Bidh mo smuaintean air an t-saighdear,
Dh’fhalbh na fheileadh dhan a’bhlàr.

(VIII)
Chunnaic mise thu as mo chadal,
Ri tighinn dhachaigh as a’ bhlàr,
Le do chlaidheamh caol a lasadh,
Cha b’ann gam iarraidh-sa a bha.

Le Cairistìona no Cairistidh Nic Dhòmhnuill Mhic Mathain.

(‘S an òran seo mu Dòmhnull mac Chaluim Bàn ‘ic Iain Arainis ‘ic Mhurchadh Breabadair ‘ic Iain Bàn Mac Mhathain no Saighdear Chaluim Bàn. Bha saighdear e san arm nan Gaill, agus bha e leis nan Goill ri linn Séist Louisbourg / Caistil Lughaidh san bhliadhna 1758. Dh’fhill e chun Uig air Leòdhais mu 1763 no 1764, agus phòstamh e gu Cairistìona Nic Dhòmhnuill, agus bha teaghlach mór aca. Sgrìobh Cairistidh an t-òran seo mu’n bliadhna 1790 nuair a dh’fhill Dòmhnull mac Chaluim Bàn chun arm nan Goill, agus bh’ eagal oirre nuair a dh’fhoghluim i bha e san Éirinn leotha – nan Goill – agus sgrìobh i ’n òran seo ri chéile mar sin. Chaidh Dòmhnull mac Chaluim Bàn chun an arm mar bh’ eagal aca mar bha sin an aimsir Fuadaichean nan Gàedheal. Chaidh Dòmhnull mac Chaluim Bàn gu h-Éirinn agus air aghaidh gu h-India cuideachd, agus bha e leis na Friseallaich annsein.)

(Chaidh Dòmhnull mac Dòmhnull ‘ic Chaluim Bàn (1794 gu 1869) gu Gleann Uisge Dhearg sa bhliadhain 1815, agus dh’oibrigh e leis Teoranta Cuan MhicAoidh eadar 1815 gu 1821. Fhuair e móran thalamh aige mu cheanntar Bhinnipéig, ach dh’fhill e chun dachaigh gu h-Uig, Leòdhais, air nan Eileanan sa bhliadhan 1821 agus phòstamh e chun Eilidh Nic Ìomhair, agus bha teaghlach an-mhath aca cuideachd. Dh’fhág iad a-muigh as Leòdhais agus an Seann Ghàidhealtachd an dheidh a rugadh triúir pàisde ‘ca, ‘gus chaidh iad gu Ceap Breatuinn. Chaochail Dòmhnull mac Chaluim Bàn san bhliadhan 1831, agus chaidh Cairistidh thairis nan tonn chugu nuair a chaochail Dòmhnull mac Chaluim an dheidh 1831 cuideachd.)