An t-Each Odhar

LUINNEAG.
Sud mar dh’ iomair mi ’n t-each odhar,
Thug mi thun na féile fodham;
’N uair a shaoil mi ’chur air theadhair
’S ann a ghéibhinn dram deth.

(I)
Thug mi ’n sgrìob ud do Cheann-Locha
’Dh’ iarraidh gearrain ’dheanadh obair;
’S gu de thachair rium gu h-obann,
Ach stòp laghach, ’s dram ann.

(II)
Ghabh mi cairtealan an toiseach,
’S thuirt bean-an-tighe gun doicheall,
B’ fheàird thu rud an dèigh na coiseachd,
’S thug i deoch is dram dhomh.

(III)
Dh’ fhosgail mi dorus an t-seòmair,
Bha càirdean ann is luchd-eòlais,
’S thuirt iadsan le briathran mòra
Gu ’n òlainn gun taing dhomh.

(IV)
’S bho na fhuair mi iad cho cridheil
Ghlaodh mi fhéin air stòp a rithist;
’Saol sibh féin nach b’ fheàird sinn dithis,
’S mi ’thighinn cho anmoch.

(V)
Shuidh mi gu somalt a’m’ chathair,
’S ghlaodh mi suas ri bean-an-taighe,
Bho ’n theirig solus an latha
I ’dh’ fhaighinn dhuinn choinnlean.

(VI)
Thug mise ’n oidhche gu latha
Ri sìor-òl an uisge-bheatha,
’S airgiod mo ghearrain ga chrathadh
Ri aidhear ’s ri dannsa.

(VII)
’N uair a shaoil mi gu ’m b’ e ’n lath’ e
Dh’ fhosgail mi dorus a chadha,
’S chunnaic mi ’n talamh ’s an t-adhar
’S balla ’n taighe ’dannsa.

(VIII)
Mac-na-bracha chuir air mhisg mi,
Chaidh e ann am cheann a chlisgeadh,
’S thug e bhuam mo chainnt a thiotadh
Le liotaich’ mo theanga.

(IX)
’N uair a dh’ éirinn ann am sheasamh
’S ann a dh’ fhalbhainn air mo leth-taobh;
Gu ’n do bhagair e mo leagadh,—
Cuid de ’n chleas a rinn e.

(X)
Cha tug mise bharr na féille
Airson m’ eich a b’ àirde leumadh
Ach da fhacal de dhroch-Bheurla,
’S bha mi-féin an call deth.

(XI)
’S e bu chiall daibh thig a nighean
Dh’ fheuch am faigh sinn stòpa rithist;
’S gun iomradh air màl an tighearn’
No air dlighe maighistir.

Le Calum a’ Ghlinne

(Bu ‘s Clann Mac Gilleathain a mhuinntir Rois a Calum a’ Ghlinne. Bha e san arm airson àm fhada. Bha deochadair mhór e fhé air an òl. Thachair e féin agus Dròbhair a mhuinntir Bhaideanaich, uair, air a chéile ann an taigh-òsda. Reic Calum each glas a bh’ aige ris an dròbhair, ’s mu ’n dh’ fhàg e ’n taigh-òsda dh’ òl e-féin ’s an dròbhair airgiod an eich. Chaochail e mu ‘n bhliadhna 1764.)