Bean Dubh a’ Caoidh a Fir a Chaidh a Mharbhadh leis a’ Phoileas

(I)
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.
Carson, a Dhè a tha sa chathair,
Carson an-diugh a rinn Thu ‘n latha?
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(II)
Mo-nuar gum faca mi a shoillse
Ach a bhith gu bràth san oidhche.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(III)
Och, mo chràdh, mo chràdh ‘s mo lèireadh,
An latha thug iad uam mo cheud-ghràdh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(IV)
Do chorp donn an sin na laighe,
Toll air tholl a’ sileadh fala.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(V)
Am fear bòidheach laigh rim thaobh-sa
An sin ‘s a mhionach às a’ slaodadh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(VI)
Aichbheil, achbheil, sgrios is lèireadh
Air an luchd a rinn mo cheusadh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(VII)
Eisd rim ghuidhean, Rìgh nan Dùilean,
Eisd rim athchuinge ‘s rim ùrnaigh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(VIII)
Tha ‘n luchd bàn an-diugh làn aigheir
‘S tha mo phàistean-sa gun athair.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(IX)
Is tha mo bheatha-sa nis falamh –
Ach ceadaich dhomh, mum fàg mi ‘n talamh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(X)
Air mo fhear-cèile ‘n sin na shìneadh,
Nuair a thig mo mhic gu ire,
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XI)
An èirig dhuinn airson ar dòrainn,
Latha rèidh a ghearradh sgòrnan;
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XII)
Ghearradh sgòrnan nam fear fuileach,
Fuil mum dhòrnaibh suas gu uilinn,
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XIII)
A bhith gan reubadh is gam pianadh
Is deagh fhaobhar air mo sgian-sa.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XIV)
Thoir latha dhuinn gu saor a’ pàigheadh
Fhir is mhnathan agus phàistean
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XV)
An luchd ghil a bhuail ar daoine;
Cuairt mun amhaichean den caolain.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XVI)
Cuairt den caolain ‘n àite chneapan,
Is siridh mi ‘n sin taobh do leapaidh,
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

(XVII)
Na fiachan uile air an dìoladh,
Fhir ‘s a ghràidh, ‘s tu ‘n sin ad shìneadh.
Baba Inkòsi Sikelele, Baba Inkòsi Sikelele.

 

Le Donnchadh MacDhunlèibhe (1877 gu 1964).

(Sgríobh Donnchadh an òran seo nuair a dh’fhoghluim e mu’n Ár Fuileach air Baile Mhic Gille-Chiaráin, Transbhál san Afraga a’ Dheas air 21mh Màrt 1960. Bha nan daoine dúthchais Afragaich a-muigh agus bh’ ead tog fianais an aghaidh mì-cheartais ann. Thánaig nam poileas Afraga Dheas a-mach agus dh’osgail ead teine beó h-uabhasach air nan daoine ‘nn. Fhuair no shiubhail trì fhichead a’ naoidh daoine bás ann, agus fhuair ciad ‘s a ceathair fichead daoin’ eile bhristeamh san chuirp aca cuideachd. Thosaidh Mac-Néal Mandeala ‘n treall-chogadh an aghaidh riaghaltas uabhasach na h-Afraga Dheas as dheidh am ár seo gun mhall! Bha Donnchadh an aghaidh an riaghaltas cruadhlachd agus na dlighean uabhasach an aghaidh na daoine h-Afraga Dheas cuideachd, agus sgríobh e ‘n òran seo mar sin gun teagamh.)