Eairdsidh MacGill-Eathain: ...gun do dh'fhalbh sia fichead às an Ros 's Ì de bhalaich nach tug feusag riamh dhiubh. 'S cha do thill mòran dhiubh.
Bha aon fhear a' falbh agus bha... 's e Iain Mòr Àird Dealanais a theireadh iad ris. Agus cha robh de rathaidean no drochaidean ann, agus bha iad a-nuas tro Loch Neamhainn agus abhainn ann an sin, Abhainn nam Beathach; tha an clachan ann fhathast. Agus bha tuil anns an abhainn, agus 's e Iain Mòr Àird Dealanais a thug mòran dhiubh thairis air a dhruim, far na h-aibhne. Cha chreid mise... bha e air aithris gun robh sianar mhac aige air falbh, aig Iain Mòr Àird Dealanais. Nis, cha do thill mòran dhiubh.
Nis, an eaglais sin thall ann an Cladh Chill Mhic Eòghainn. Sin an searmon mu dheireadh a bh' innte, dar a thàinig fios na chaidh a mharbhadh. 'S e Eaglais Easbaigeach a bh' ann, a bh' ann an siudach. Agus tha e coltach gur e sin an searmon mu dheireadh a bh' anns an eaglais, dar a thàinig fios na mar a chaill iad aig Inbhir Chèitinn.
'S ann an sin a chaidh Eachann Ruadh nan Cath a mharbhadh. Agus 's ann air a shàillibh sineach, bha mòran aon uair ann an Ì de Chloinn Aonghais. Agus 's e Dubhaird a thug dhaibh am fearann. 'S ann leis a bha... a bha Muile air fad. Thug e dhaibh fearann ann an Ì. 'S iad a thiodhlaic Eachann Ruadh nan Cath aig Inbhir Chèitinn.
Sin mar a bh' a fhuair Clann Aonghais am fearann. Uill, tha feadhainn de Chloinn Aonghais ann an Ì fhathast.
Le Gilleasbuig Mac Gill-Eathain (1880 gu 1973)
(Chaidh 120 de bhalaich òga à Ros is Ì a shabaid ann am Blàr Inbhir Chèitinn ri thaobh Eachann Ruadh nan Cath air 20mh Iuchar 1651. 'S cha do thill mòran dhiubh. Air an t-slighe, thàinig iad gu abhainn a bha na leum, agus thog Iain Mòr nan Àird Dhealanais (aon dhe na fir a bha còmhla ris na balaich) na balaich eile tarsainn air a dhruim. Bha sianar mhac leis fhèin anns a' bhlàr. Nuair a chualas an naidheachd mun àireimh a chaidh a mharbhadh, chùm an Eaglais Easbaigeach ann am Muile an t-seirbheis mu dheireadh aca. Chaidh Eachann Ruadh nan Cath a mharbhadh aig Blàr Inbhir Chèitinn. Chaidh 760 fear as Eilean Muile shíos ri linn an cath. B' e Clann MhicAonghais a thiodhlaic e, is mar sin, thug MacGill-Eathain Dhubhaird fearann dhaibh ann air an Ì. Tha feadhainn aca ann fhathast an-diugh.)