Bliadhna Sheumais

(I)
‘S tearc an diugh mo chùis gàire
Bhon chaidh Albainn gu strì;
Fo bhreitheanas ‘nàmhaid
‘Rìgh, na fàg sinn air dìth.
Tog féin do chrois-tara’,
Thoirt nan càirdean gu tìr;
Ann am purgadair tha sinn,
Mur gabh thu Phàrrais ré ‘r sìth.

(II)
Chaidh an saoghal gu bagairt,
‘S éiginn aideachadh bhuainn,
Faic a chòir ann an dìobradh,
Chaill an fhìrinn a bonn.
Tha na h-urrachan prìseil
A dol sìos mar am moll,
Aig fir-Chuigse na rìoghachd,
‘Cur nan dìlsean á fonn.

(III)
Athair, seall oirnn ‘s an tìm so,
Bhon tha ‘n ìobairt ud trom,
‘Chuigse tha bòtadh nan binne,
Gu dé ‘nì sinn air lom,
‘S daoin’ iad ‘loisgeadh am Bìobull,
‘Chur na firinn á bonn:
Fhuair fir Shasuinn an stìobull
‘N deidh an rìgh ‘chuir air luing.

(IV)
Bi’ bh ag ùrnuigh le dìchioll
Dia ‘chur dìon air an luing,
Faicibh ‘m posd’ air a dhìobradh
Leis an stìobull ud lom;
An t-oighre tuisleach a’ dìreadh,
On ‘s e ar mì-run a thoill,
Aig luchd mortaidh na fìrinn
‘S mòr a lìbhrig sibh bhuaibh.

(V)
Mas iad ‘ur cealgan cho lìonmhor
‘Chuir an rìgh so gu gluas’d,
Chuir sibh corruich gu dìlinn;
‘S plàigh bhon easbuig air buaidh,
Rinn sibh Anna a chàradh
Gun a bàs a thoirt suas;
Seumas ‘chur air an t-sàile
‘Sgeul a chràidh sinn ‘s an uair.

(VI)
Shaoileadh Seumas òg Stiùbhart
Fhad ‘s a bhiodh triùir air a sgàth,
Nach tugadh Gòrdanaich cùl dha
A gheall a chùis air a chlàr,
Ged tha ‘n coileach na fhùidse
Cha b’ e dhùthchas ‘bhi bàth;
‘S olc a dhearbh thu do dhùrachd
Gus an crùn thoirt á càs.

(VII)
Tha do chàirdean mór-uasal,
‘S iad fo ghruaim riut gach là,
‘S éiginn dhaibhsean ‘bhi ‘m fuath riut,
Ged is cruaidh e ri ràdh,
Bhrist thu ‘n cridhe le smuairnean,
Ann an aobhar buairidh no dhà,
‘S tha càch ag éigheach mun cuairt dhuit
Gun deach do chruadal mu làr.

(VIII)
Air dhomh tionndadh mo leaba,
Sgar an cadal siud bhuam,
M’ aobhar clisgidh a dhùisg mi,
Shil mo shùilean gu trom,
A feitheamh Caisteal na Mòidhe,
Am bu tric tathaich nan sonn,
‘S e ‘n diugh na fhàsach gun uaislean,
No gun tuath bhi mu bhonn.

(IX)
Feitheamh Caisteal na tàirne,
Dheth ‘m b’ àbhaist ‘bhi smùid;
Tha do bhaintighearna ghasda,
An deigh pasgadh a ciùil
‘S tric a deòir oirre ‘bras-ruith,
Mu Shir Lachluinn nan tùr,
On chaidh prìosan an Sasuinn
Air sàr ghaisgeach nach lùb.

(X)
Tha do chòmhlaichean glaiste,
‘S tha do gheatachan dùint’;
Òg phrìseil na pailte,
Cha b’ ann le airc no le brùid,
Thu bhi’ ‘n tòir air a cheartas,
‘S e chuir air aiseag thu null;
Ghabh thu toiseach a ghùtair,
Ged a shàraicheadh thu.

(XI)
Mo chreach Uilleam a Bhòrluim,
‘Bhi aig Deòrsa na thùr,
Am fear misneachail, mórlaoch,
A lean a chòir air a cùl,
Beinn Sheoin thu nach dìobair,
Cridhe dìleas gun lùb,
‘S e fo chòmhla gu dìblidh
‘N diugh ga dhìteadh ‘s gach bùth.

(XII)
‘S a Rìgh dhùlaich na feartan,
Tionndaidh ‘n reachd so mun cuairt,
Thoir gach dùthchasach dhachaidh,
Dh’ fhalbh air seacharan bhuainn,
Mac-an-Tòisich nam bratach,
A’s Clann Chatain nam buadh,
A ghabh fògradh o ‘n aitreibh,
‘S cha b’ ann le masladh no ruag.

(XIII)
Chuir e m’ inntinn gu leughadh
Dé mar dh’ eirich so dhuinn,
Am faic thu ‘n t-eilean na aonar,
Gun aobhar eibhneis na thùr;
Far am b’ aigeannach teudan,
An àm éiridh do chùirt,
Fìon na Spàinne ga eughach,
Air slàinte Sheumais a chròin.

(XIV)
Am faic thu ‘n t-uachdaran brèige,
Air an sgeul ris a Phàp;
‘S iad a damnadh a chèile,
On latha ‘dh’ éirich am bràth,
Gura tùrsach an sgeula
Bhi ga éisdeachd ‘o chàch;
Mheall thu coileach na féile,
Dhìt a chlèir e gu bàs.

(XV)
‘N coileach dona gun fhìrinn,
Ghibht e ‘chìrean sa ‘ghràs,
Chan eil feum ann gu sgrìobadh,
Is cha dìrich e ‘n spàrr,
Ma gheibh Mac-Cailean na lìn thu,
Bheir e cìs dhiot gu dàn,
‘S daor a phàigheas tu ‘n tìm s’
Air son na fìrinn a bha.

(XVI)
‘S gura sean leam a chòir sin,
A th’ aig Deòrs’ air a chrùn,
Ma ‘s e Chuigs’ ‘tha ga sheòladh,
Guidheam leòn air a chùis,
Ghlac thu ‘n t-urram air òr-bheinn,
‘S bu daor an còmhrag sin duinn;
Sgrios a thigh’nn air a ghàradh
Mu ‘n cinn bàrr ann ni ‘s mò.

Le Neo-ainmeil

(‘S Bàrdachd nam Bàideanach annseo bhon éirigh a-mach mór no Bliadhna Sheumais eadar bhliadhna 1715 no 1716. Sgrìobhte le boireannach Clann Sheathaich. Bha ‘n cogadh seo cuid an-mhor na h-eachdraidh Clann an Tòisich agus chan eil hios againn an t-ainm a’ bhoireannaich. Chì mhaid an t-ainm agus seallaidh mi an Clann Chatain dha. Thánaig ead a-muigh do shabaid san Arm nan Gàidheal ri linn an cogadh 1715 gu 1721. Tha sin ann san dàn agus an sgeulachd cuideachd).