Luinneag.
’Chailin donn a’ chuailein réidh,
’Nighean donn a’ chuailein réidh,
’Chailin donn ’tha ris an spréidh,
Gu ’n tug mi spéis do ’n bhanaraich.
(I)
Cha ’n e mheud ’s a dh’ol mi leann
Chuir na deòir a ruith o ’m shùil,
Ach a caoidh na dhealaich rium,
Ga bheil an giùlan farasda.
(II)
Thug mi ceum leat air an t-sràid,
Shìn mi dhuit gu faoin mo làmh
’S sinn a dealachadh, a ghràidh,
’S a Mhàiri, cha bu mhath leam e.
(III)
Gur-a math thig do mo rùn
Aparan geal as a’ bhùth;
Ged-a bhiodh an t-slat deth crùn
Gur math a b’ fhiù i ’cheannach d’ i.
(IV)
Do shùil mar dhearcaig an fhraoich,
Do ghruaidh dearg, ’s do mhala caol:—
’S ann dhuit a ’thug mi mo ghaol
’N uair ’bha mi aotrom amaideach.
(V)
Fios gu caileig tha ’s an tìr
Gun ’bhi ni ’s faid’ air mo thì;
’S coma leam cogadh no sìth,
Cha leig mi dhiom a’ bhanarach.
(VI)
Na biodh cùram ort mu d’ lòn;
Bidh mi ’m sgiobair air luing mhòir;
’S ’n uair ’thogas mi rithe seòl
Am dheòin cha bhi thu ’d bhanaraich.
ISE FREAGAIRT.
Gur-a math ’thig do mo rùn
Boineid ghorm a chosgas crùn,
’Slat de ribein dubh ’na cùl,
’S cha chùbaire ’s taigh-leanna thu.
’S iad do chàirdean nach ’eil gann,
’S iomadh àrd-fhuil tha na d’ cheann;
’S car thu do Chlann-Dùghaill nan lann
A chuireadh srann á cananaibh.
Le Neo-Ainmeil
(Shàbhàil Iain mac Ailean an t-òran so n’ uair a chuir e sin san leabhar nan òrain a chuir e ri chéile. Dheun e sin mu bhliadhna 1840 no 1841 no 1842 b’ fheudar. Thàinig an t-òran a-mach as Loch Aillse san Thaobh Tuath agus chaidh e thairis nan tonn gu Cala Mór air Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh. ‘S òran gaoil annseo mu’n am fear òg chun an cailin donn a dh’iarr e do phòstamh ri chéile chuici, ‘gus tha e ‘cainnt annseo mu gruaig donn mhath oirre.)