Cladh an Eilean Mhunga

Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: Bha iad ag ràidhinn solast Challaird, bha e daonnan air fhaicinn mar a bha mi ag ràidhinn. Bhiodh iad air fhaicinn air taobh Taigh Phuirt ’s shuas Gleann Comhann. Agus mun chaochaileadh duine sam bith, chitheadh iad daonnan solast a’ dol an àird fos chionn Eilean Mhunga mar a their iad ris, eilean far a bheil na Dòmhnallaich air dar a thigeadh orraidh a dh’ionnsaigh crìoch eadar an adhlacadh a-staigh sin. Agus tha an solast sin tha iad air a ràidhinn riumsa, dar a bha e mi shuas aig a’ Bhliadhna Ùr ann am Baile a’ Chaolais. Bha iad ag ràidhinn rium gum faiceadh iad solaist sin fhathast dar a bha duine sam bith a bh’ air a’ cur a-nunn don eilean dar a thig am bàs ann. Solast Challaird a theireadh iad ris.

Calum Mac Gilleathain: …Challaird, seadh. Agus feumaidh gur h-e ’s fìor sheann chladh a tha sin san eilean.

Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: ’S e. Tha aon leac-uaighe thall an sin agus an duine fos a cionn ’s e fear MacCoinnich a bh’ ann, tha, à Loch Abar a thàine e ann…ann mar a theireadh iad Baile Chaois Tuath shuas an sin, shìos ann an Omhanaich. Agus bha e aig baiteal no Blàr Sliabh a’ Chliamhan le…le sin agus air an leac aige, tha e air na laighe an leac, chì thu timeglass air an dà thaobh agus chì thu fàladair air an taobh eile bho ’m pàirt don arm a bha leis a’ Phrionnsa aig a’ bhaiteal sin bha bha fàladairean ac’ agus dar a bha an trùpan aig Sior Iain Coip a’ tighinn air adhart bha iad a’ geàrr nan casan aig na h-eich, hamstringing them mar a theireadh ris.
Calum Mac Gilleathain: Seadh, dìreach. Tha sin spèiseal.

Iain Alasdair Stiùbhart: Tha seann seann…eh…tha e…tha e uamhraidh, uamhraidh seana…
Calum Mac Gilleathain: Seadh.

Iain Alasdair Stiùbhart: Ceud de na bliadhnaichean.
Calum Mac Gilleathain: Seadh. Agus saoghail…feumaidh gur h-e…a-nist, tha beachd agaibhse air seann-duine ag ràidhinn a chionn ’s gun robh madaichean-alladh a’ dol timcheall gun do chuir iad na…na…na h-uaighean air eileanan mar sin gus nach faigheadh na madaichean-alladh gan ionnsaigh.

Iain Alasdair Stiùbhart: Gan ionnsaigh. Bha…bha iad ag ràidhinn sin. Bha caibeal uairigeineach air Eilean Mhunga an sin. Caibeal an sin far an robh dìreach eaglais bheag a bh’ ann. B’ àbhaist na ruins aig a bheil i ri fhaicinn ann an sin.

Calum Mac Gilleathain: Ach bidh cuimhne mhath agaibh-se air tìodhlacaidhean a’ dol a-nunn don eilean Mhunga an sin. ’N ann air bàta a bhiodh iad a’ dol a-null?

Iain Alasdair Stiùbhart: Bha ceithir àiteachan air an son dar a thigeadh iad a-staigh na h-adhlacaidhean ann: bha port ann airson muinntir Loch Abar dar a thigeadh muinntir Loch Abar. ’S bha port ann air a shon muinntir Bhaile a’ Chaolais ’s bha port ann airson Taigh Phuirt agus port ann air a shon Gleanna Chomhann. Chan fhaodadh bàta a’ tighinn a-staigh ach don phort aca fhèin.

Calum Mac Gilleathain: Aca fhèin, seadh dìreach.

Iain Alasdair Stiùbhart: ’S bha corra uair ann dar a bhiodh adhlacaidhean a’ dol a-nunn mar sin gum biodh stoirm uamhraidh ann gaoth an ear a’ sèideadh a-nìos an loch agus ò shaoileadh tu gum biodh air am bàthadh mum faigheadh iad a-nunn. Deisichean luath orr’ ’s bhiodh làn den t-sàl ’s dar a ruigeadh iad às.

Calum Mac Gilleathain: Seadh, dìreach.

Iain Alasdair Stiùbhart: Ach…
Calum Mac Gilleathain: Agus tha Dòmhnallaich Ghleanna Chomhann…sin an cladh a bh’ acasan?

Iain Alasdair Stiùbhart: Sin Dòmhnallaich Ghleanna Chomhann. Tha mausoleum aca a tha sin far a bheil an rathad an cùl.

Calum Mac Gilleathain: Dìreach.

Iain Alasdair Stiùbhart: Tha cuimhn’ a’m dar a bha aig as an sgoil, cha chreid gur h-ann ann an 1895 a’ bh’ann, bha Maor Dòmhnullach, chaochail e anns…ann an Lunnainn bha e as an Einnseanairean arm Sasuinn, agus chaidh an corp aige a thoirt agus a chuir don Eilean Mhunga a-staigh an sin.

Calum Mac Gilleathain: Feumaidh gum boineadh e do Dhòmhnallaich Ghleanna Chomhann…

Iain Alasdair Stiùbhart: Do Dhòmhnallaich Ghleanna Chomhann. Tha chuimhn a’m dar a bha mi…ach cha robh mi ach nam ghille òg aig an àm dar a thàinig Sior Dòmhnull Mac a’ Ghobhainn, dar a cheannaich e oighreachd Ghleanna Chomhann. ’S e sin a bha iad a’ gabhail ris as an àm sin, bha e na h-Ard-Cheannaire ‘nn an Lunnain mun robh na tighearna Strath-Cona. Dar a bha iad ga dhèanadh iad Morair air, dh’iarr e gur h-e Tighearna Gleanna Comhann ann. Agus gun robh test Dòmhnallach a bh’ ann an Nuadh Shealann ann an Inbhir Cargoill an àite sin. Bha testich ann a bha dh’ionnaigh…an Laighean….

Calum Mac Gilleathain: ‘Tighearna Laighean’

Iain Alasdair Stiùbhart: Fear sin ann an Lunnainn mar a tha an Laighin rìgh nan armàilt’ againn. Agus chan fhaigheadh an title cho fad ’s bha pìos den ghrunnd aig na Dòmhnallaich ann an Gleanna Comhann. Tha am pìos den ghrunnd a th’ acasan timcheall far a bheil am càrn an sin ann an Gleann Comhann, ’s ann a tha e. Sin an aon…am pìos an sin, ’s ann leis na Dòmhnallaich mar a their iad thoir anns a’ ghrunnd, air gach aon àm. Agus cho fada ’s bha pìos den ghrunnd aig na Dòmhnallaich cha b’ urrainn dha Tighearna Gleanna Comhann fhaighinn. Sin an dòigh a thug e air Tighearna Strath-Cona air fhèin.

Calum Mac Gilleathain: Seadh dìreach.

(Seo ‘n agallamh eadar Calum Mac Gilleathain agus Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim ann san Baile Chaolais. Bha iad ‘cainnt mu Dòmhnull MacCoinnich. Bha saighdear e ri linn Bliadhna Teàrlaich agus bha e san Arm nan Gàidheal ann cuideachd. Bh’ e ‘sabaid air Blàr Sliabh a’ Chlamhain air 21mh Sultain 1745. Chuir e móran sluaghan nan Goill gu bhàs, agus chuir do chlann aige sin air do cladh reilig aige nuair a chaochail e ‘mach as dheidh 1759 no 1779 b’ fheudar. Bha Fíor Gàidheal e fhéin gun teagamh.)