Dàn air Aimearaca

(I)
’Nuair bha na h-uaislean air cinntinn cruaidh oirnn,
Ann san Taobh Tuath ’s an robh sinn an Alb’,
Dh’ éirich fuaim oirnn gu dhol thar chuaintibh,
’S do dh-Amearaga ghluais sinn le fonn air falbh;
Is ann sna Stàitean air tir do chaidh sinn,
’N ceann iomadh la dhuinn bhi muigh air fairg’,
’S cha mhor toil-inntinn a gheibh ’san tìr so,
Oir ’s iomadh ni a tha ga deanamh searbh.

(II)
Air dol dheth bord dhuinn aig crìoch ar seolaidh,
’Sa’ bhaile mhor ud do ’n ainm Nuadh Eabhraic
Bha sluagh gu leor as gach taobh ’n Roinn Eòrp ann
Dheth na h-uile seorsa ’s air iomadh dreach.
Bu chnapan “tràill” gach fear a tri dhiubh,
Mar ri na mìltean do Gheangaich ghlas,
’S ma their mi ’n fhirinn gur mi bha sgìth dheth,
Ma’n d’ fhuair mi m’ imrich a thogail as.

(III)
Gach ceum a shiubhlas sinn feadh na dùth’chsa,
Gur coille dhuth-ghorm i air fad,
Tha ruith gu siorruidh gun cheann no crìoch oirr’
Is beachainn fhiadhaich tha innt’ gu pailt’;
Cha ’n fhaic sinn fraoch ann a’ fas air aonach,
No sruth a caochan ruith soilleir glan,
Ach buig is geoban, ’s na rathadan mòra,
Na’n sluic mhi-chomhnard le stumpan grod.

(IV)
’S ge do shaoil sinn gu ’m bu “dùthaich shaor” i,
Tha sinn fo dhaors’ innt’ nach robh sinn riamh,
Le obair chruaidh ann gun suim do dh-uaraibh,
’S cha ghabhar truas dhinn ged bhiodh sinn sgith;
Bithidh glaodh oirnn eirigh ma ’n gann as leir dhuinn,
’S air ball gum feum sinn a dhol ri gniomh,
’S bho mhoch gu anmoch sinn ’sas mar ainmhidh,
’S le cabhaig anbarraich ag ith ar bidh.

(V)
Cha bhi na trathan ’s an àm am b’abhaist dhuinn,
Ach air aman daicheal nach do chleachd sinn riamh,
Dar theid gairm oirnn a dhol da ’n ionnsaidh,
Theid clag no dudach a’ sud a thoirm;
Theid suidhe ri biadh ann gun bheannachd iarraidh,
’S gach fear a’ lionadh gu grad a bhroinn,
’S cho ghrad aig eirigh am feadh tha bheul lan,
’S cha ghabh fear eis ri fear tha as a dheigh.

(VI)
Gur h-e an lon ’s tric bhitheas air bord aca,
Na staoigean mor dheth na mhuic-fheoil ghlais,
Is ti searbh air nach bi mor tharbhachd,
Gun an siucar dearg ’chuireadh dhith ’n droch bhlas;
Is stuth na Toiseachd air an robh sinn eolach,
Cha ’n fhaodar ol ann mar bu chleachd,
Tha e air a dhiteadh air feadh na tìr-sa,
’S gum beil a bhinn air a toirt a mach.

(VII)
Gur bochd ar caramh an so air airidh,
Is ann na’n raith’dean cha gabh sinn tlachd,
B’i tìr a phianaidh do dhuin’ is ainbhidh,
’S cha ’n ’eil na h-aimsirean mar bu chleachd;
Tha teas is fuachd ann a tha ro chruaidh oirnn,
Bhitheas cur droch shnuadh oirnn ’s toirt dhinn ar dreach,
’S cha mhor creutair a chi mi féin ann,
Gach fear is té dhiubh ach biorach glas.

(VIII)
Ri am an t-samhraidh sinn sgìth is fann ann,
Gu ’m bi ar teangan a mach le teas,
A bhitheas ga’r sarachadh ’s toirt ar cail uainn,
Is sinn mar sgail ann air leaghadh as;
Bithidh ’m fallas braonach a’ ruith na chaochanan,
Sios bh’ar n-aodann na shruthan cas,
’S an t-uisg’ a ghnath gu ’m feum bhi làmh rinn,
Sinn tioram, paiteach ag eigheachd deoch.

(IX)
’S tha geamhradh gruamach a tha cranndaidh fuar ann,
Le geur ghaoth tuath agus frasan sneachd,
Ga chur gu domhal is cathadh mòr leis,
’S gum bith na roidean gu h-uile tachd’.
Mur bi botan oirnn is pailteas comhdaich
Cha bhi doigh air a dhol a mach,
’S tha ghaoth cho reòdhte ann ’s gun gearr i ’n t-sròn dhinn
’S gum bi gach lon ann cho cruaidh ri clach.

(X)
’S e sud am fuachda a dh’fhagas gruamach
Na h-uile truaghan a bhios an airc,
Gur leoir a cheard dha bhi cumail blaiths air
Is connadh gearta gum feum bhi pailt’,
’S bithidh ’m fuachd air uairean a’ faighinn buaidh oirnn
Ged h-ann na ’r suain a bhitheadh sinn ’n ar leab’,
Is mur bi teine mor ann an impis rosdaidh,
Cha mhor nach reoth sinn ’nar suidhe steach.

(XI)
Ach a mhuinntir straiceil a tha ’san àit so,
’S e an t-àm is fhearr leo ’nuair thig an sneachd;
Bithidh iad nan caoiribh a’ ruith air slaoid ann,
Is cluig sa ghliongarachd ri ’n cuid each.
Aig dol mu’n cuairt’ anns an àm a’s fuair e,
’S an sneachd mu’n cluasan ga chur gu pailt’,
A’ ruith ’sa leumnachd ’s gach taobh an leir dhuinn,
’S an cuip ag eigneachadh speid nan each.

(XII)
Air Latha na Sabaid, do dh-aite a’ chrabhaibh,
Cha bhi ach ainmig aon neach air chois,
Ach arm an carbadaibh dol do’n t-searmoin,
’S a’ ruith ’sa stararaich le’n iomadh each,
Tha iomadh seòrs ann do bharail neonach
Nach ’eil a’ cordadh air aona bheachd,
Is cuid mi-churamach mar na bruidean,
Is cha’n ’eil umhlachd do Shabaid ac’.

(XIII)
Tha cuid do dh-Albanaich feadh na dùthaich so
Gu tur chuir cul ris gach cleachdadh coir
A lean ri’n sinnsearean air feadh nan linntean,
Is cha’n ’eil suim ac’ ga’n cumail beo.
Ach mar na Geintilich tha ma’n cuairt orr’
A’ fas gu fuar-chritheach le’n cuid stoir,
’S cha chan iad Gaelic’ ach deanamh tair oirr’
Ged ’s ann innt cha’n arach ’n uair bha iad og.

(XIV)
’S gur tric mi cuimhneachdainn air na tioman
Bhitheadh agam fhein ann an Albainn thall,
’S bithidh mulad diblidh a’ tighinn air m’inntinn
’S gur iomadh sgriob bhios i toirt a null,
A’ ruith gu eutrom air feadh an aonaich,
Mar bha mi aon uair an tir nam beann
A cluinntinn toirmean nan allt ’s nan caochan
Bhiodh mireach, sgaoilteach ruith feadh nan gleann.

(XV)
Aig Nollaig aoibhneach is La Bliadhn’ Ùir ann,
Gur sinn bhiodh sunndach, le cluich is ceòl,
Bhiodh surd is danns’ ann air feisd is bainnsibh,
Gun dad a sgrainge no dh’olc na ’r coir;
Is gum bu ghuanach a bhiodh na gruagaichean
Bhiodh m’an cuairt dhuinn gu critheil coir,
Gu cairdeal, eibhneach, gun eagal cleir oirnn
Do thaobh bheusan bha saor bho ghòid.

(XVI)
Air bhi air chuairt dhuinn car bheagan bhliadhnaibh
’N taobh airde n’ iar do Staid Nuadh Eabhraic
’S o’n bha m’ fearann daor ann ’s gun mor mhaoin againn
Chuir sinn ar n-aodainn ri dhol na b’fhaid’,
Agus sheol sinn thar Lochaibh Móra
Do dh-Illinois nam Faichean Glas
’San fhearann chomhnard gun choilltean domhal
Is ghabh sinn comhnuidh air Abhainn Balgair.

(XVII)
Gum b’i so Duthaich nam Phrèiridh Lubach,
Na ’n sealladh ur dhuinn ’s na h-uile cearn,
Is feur gu duint’ orr’ gu ruig ar gluinean,
Gu dosrach ùrar ’s gu gorm a’ fàs;
Gun chrodh no caoraich ri iomain caoin ann,
Ach crith sa ghaoith ann mar thonnaibh fairg,
’Sa’ fas ’s a’ crionadh o chian nan ciantan
Is aig gach fiadh-bheathach ’na àite taimh.

(XVIII)
Tha iomadh seorsa do dh-ainbhidh beo ann,
Gun dragh no eòlas air rathaidhean dhaoin,
Tha feidh nan crocan a’ ruith nan drobhan ann
Is cearcan boidheach mar bhiodh ’san fhraoch.
Tha Madraidh-Alld’ agus Sionnaich Sheolt ann,
Agus Gobharan Beaga Maol,
’S tha ’n tunnag spogach a’ snamh gach lon ann
Is pailteas drobhachan do ghlas gheoidh.

(XIX)
Tha moran eun ann a bhios ri ceol ann,
Cho binn ri smeorach am barr nan craobh.
Tha na h-aibhnichean is iasg gu leor annt’
Gun aig neach coir orr’, ach iad gu saor.
’S tha iomadh doigh air bhi deanamh beo-shlaint’,
’S cha’n ’eil an lon ann no’m fearann daor,
’S mur bhith aon do-bheart a bhios g’ar leon ann
Bhitheadh sinn cho doigheal ’sa shireadh aon.

(XX)
Ach tha aon droch bhuaidh ann d’am beil sinn buailteach
Bhios gar cur tuathal ’s gar fagail clith—
’S e sin droch eucail, ris an canar agué,
Is cha mhor creutair nach dean i chlaoidh.
Gu ’m bi na ceudan air chrith is dreun orr’
Mar dhuill air gheig bhiodh air chrith le gaoith,
’S cha’n ann gun reusan a bheir mi beum dhi,
Oir ’s iomadh eiginn ’s na chuir i mi.

(XXI)
’Nuar gheibh suairceag ud lamh an uachdar,
’S i chuireas gluasad nam’ fhuil ’s na m’ fheoil,
Mi greannach, gruamach, is fior droch shnuadh orm,
’S bithidh mi cho fuar ann ri stocan reòtht’.
’S m’an gann gun gluais mi ’s gum falbh am fuachd sin
Thig teas cho cruaidh orm ’s ged bhithinn roisdte,
Mi ’n gnath ri luasgan gun fhois no suain domh,
Och, gur mi-shuaimhneach a bhios mo choir.

(XXII)
B’i sin a’ bhan-shuirich a dh’fhanas teann rium,
’S a chuireas greann orm i thighin am chòir,
Is ged bhiodh aing orm cha toir i taing dhomh
Is cha ghabh connsachdainn oirr’ le deoin.
Nuair a smuanaich mi gun d’thug i fuath dhomh
’S gun d’rinn mi fuadach uam ri’m bheo,
Thig i gun naire a ris chur failt’ orm,
’S a dh-fhantainn lamh rium ge b’oil lem’ fheoil.

(XXIII)
Is i a’ bhana-Gheangach a tha gun nair i,
’S an orm tha’n tamailt mi faicinn riamh;
’N uair dh’eireas teum oirr’ cha bhi mi reidh rithe;
Ach gheibh mi greudhadh uaipe nach bi cli.
Mo cheann is m’eanchainn bithidh troimh a chéile,
Is gach cnaimh nam chreubhag bithidh bruite, sgìth,
Gum b’fhearr dhomh fein bhi fo phlaigh na h-Èiphid
’Nuair throideas breunag na bhi ’san tìr.

(XXXIV)
Ach, taing dha’n Ti-mhath, gun d’fhuar mi cuibht ’s i,
Is iomadh cuingealachd bha na déigh,
’S le tuillidh bruidhne cha bhi ga maoitheadh,
Ach bithidh mi chaoith guidhe dhi siubhal réidh.
’S a nis cho-dhunain le comhairle dhurachdaich
Do mo luchd-dùthcha ’san tìr gu leir—
Gun iad bhi diombach no’m misneachd cul riutha
Ge do bhiodh cuisean dol uairean fiar.

Le Uilliam Friseal