Latha Chùil Lodair (16mh Geiblean 1746):
I
O, Gur mór mo chùis mhulaid,
‘S mì caoineadh na guin atà ‘m thìr;
A Rìgh! bi làidir ‘s tù ‘s urrainn
Ar nàimhdean a chumail fo chìs;
Oirnne làidir Diùc Uilleam,
An rag-mheirleach, tha gun aige dhuinn;
B’è sud salchar nan sgeallag
Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
II
Mo chreach, Teàrlach Ruadh bòidheach,
bhith fo bhinn aig Rígh Deòrsa nam biasd,
B’è sud dìteach na còrach,
An Fhìrinn ‘s a bheòil foipe síos;
Ach, a Rìgh ma ‘s é ‘s deòin leat,
Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
Cuir rígh dligheach na còrach
Ri linn na tha beò os ar cionn.
III
Mo chreach, armailt nam breacan
Bhith air sgaoileadh ‘s air sgapadh ‘s gach áit’,
Aig fìor-bhalgairean Shasuinn
Nach do ghnàthaich bonn ceartais ‘nan dáil;
Ged a bhuannaich iad baiteal,
Cha b’ann d’an cruadal no ‘n tapadh a bhà,
Ach gaoth aniar agus frasan
Thiginn a níos oirnn bhàrr machair nan Gall.
IV
Is truagh nach robh sinn an Sasunn
Gun bhith cho teann air ar dachaidh ‘s a bhà,
‘S cha do sgaoil sinn cho athghearr,
Bhiodh ar dìchioll ri seasamh na b’fhearr;
Ach ‘s droch-dhraoidheachd us dreachdan
Rinneadh dhuinne mu’n deachas ‘nan dáil,
Air na fríthean eòlach do sgap sinn,
‘S bu mhì-chomhdhail gun d’fhàirtlich iad oirnn.
V
Mo chreach mhór! na cuirp ghlé-gheal
Tha ‘nan laigh’ air na sléibhtean ud thall,
Gun chiste, gun léintean,
Gun adhlacadh fhéin anns na tuill;
Chuid tha beò dhiubh an déidh sgaoilidh
‘S iad ‘gam fògair le gaothan thar tuinn,
Fhuair na Chuigs an toil féin dinn,
‘S cha chan iad ach ‘reubaltaich’ ruinn.
VI
Fhuair na Goill sinn fo ‘n casan,
Is mór an nàire ‘s am masladh sud leinn,
An déidh ar dùthaich ‘s ar n-àite
A spùilleadh ‘s gun bhlàths againn ann;
Caisteal Dhùinidh an déidh a losgaidh,
‘S è ‘na làraich lom, thosdach, gun mhiadh;
Gum b’è ‘n caochladh goirt è
Gun do chiall sinn gach sochair a b’fhiach.
VII
Cha do shaoil leam, le ‘m shùilean,
Gum faicinn gach cùis mar a thà,
Mar spùtadh nam faoilleach
‘N am nan luibhean a sgaoileadh air blàr;
Thug a’ chuibhle car tionndaidh,
‘S tha iomadh fear gu h-aimcheart an càs,
A Rìgh, seall le do chaoimhneas,
Air na fire th’ aig na nàimhdean an sàs!
VIII
Is mór eucoir ‘n luchd-orduigh
An fhuil ud a dhòrtadh le foill;
Mo sheachd mhallachd air Mhoirear Deòrsa,
Fhuair e ‘n là ud air ordugh dhà féin;
Bha an dà chuid air a mheòirean,
Mar an gìogan gun tròcair le foill,
Mheall e sinne le ‘chomhradh,
‘S gun robh ar barail ro-mhór air r ‘a linn.
IX
Ach fhad’ ‘s is beò sinn r ‘ar latha
Bidh sinn caoi na ceathairn’ chaidh dhinn,
Na fir threubhach bha sgairteal
Dheanadh teugmhail le claidheamh ‘s le sgiath;
Mur bhiodh siantan ‘nar n-aghaidh
Bha sinn sìos air ar n-adhairt gu dian,
Us bhiodh luchd-Beurla ‘nan laighe
Tòn air cheann, b’è sud m’aighear ‘s mo mhiann.
X
Och nan och! ‘s mì fo sprochd
‘S mì an dràsda ri h-osnaich leam fhìn,
Ag amharc feachd an dubh-Rosaich
‘G itheadh feur agus cruithneachd an fhuinn;
Rothaich iargalt us Cataich
Tighinn a nall oirnn le luchd chasag us lann,
Iad mar mhìol-chion air acras
Siubhal chrìochan, chàrn, chlach, agus bheann.
XI
Mo chreach! tìr air an tàinig,
Rinn sibh nis clàr réidh dhith ro lom,
Gun choirce gun ghnàiseach
Gun sìol taight ann am fàsach no ‘m fonn;
Prìs na cric’ air an spàrdan,
Gu ruige na spàinean thoirt oirnn,
Ach sgrios na craoibhe f’a blàth dhuibh,
Air a crìonadh f’a bàrr gus a bonn.
XII
Tha ar cinn fo na choille,
‘S éiginn beanntan us gleanntan thoirt oirnn,
Sinn gun sùgradh, gun mhacnus,
Gun éibhneas, gun aitneas, gun cheòl;
Air bheag bìdh no teine
Air na stùcan air an laigheadh an ceò,
Sinn mar Chomhchaig eile
Ag éisdeachd ri deireas gach lò.
le Iain Ruadh Stiùbhart (1700 go 1752).
Oran eile air Latha Chùil Lodair (16mh Geiblean 1746):
I
O, gur mis’ th’ air mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
Is tric snighe gu m’ shail o m’ léirsinn.
II
Dh’fhlabh gach toileachadh uam,
Sheac mo mhulad mo ghruaidh,
Us nach cluinn mi ‘san uair sgeul éibhinn.
III
Mu Phrionns’ Teàrlach mo rùn,
Oighre dligheadh a’ chrùin,
‘S è gun fhios ciod an tùbh a théid e.
IV
Sàr-fhuil rìoghail nam buadh,
Tha ‘ga dìobairt ‘san uair-s’,
‘S a’ chlann dìolain a suas ag éirigh.
V
Sìol nan cuilean gun bhàidh,
Dh’am maith-chinnich an t-àl,
Chuir iad sinn ann an càs na h-éiginn.
VI
Cha b’è ‘n cruadal mar laoich
Thug dhaibh buaidh air an fhraoch
Ach gach tubaist a dh’aom mu’r tréin-ne.
VII
Bha iad iomadaidh uainn
De gach fine mu thuath,
Fir nach tilleadh ri h-uair an fheuma.
VIII
Feachd chóig brataichean sròil
Bu mhaith chuireadh an lò
Bhith ‘gar dìth anns a’ chomhdhail chreuchdaich.
IX
Iarla Chrombaidh le ‘shlògh,
Agus Barasdal òg,
Us Mac Fhionghain le ‘sheòid nach géilleadh.
X
Clann Ghriogair nan Gleann,
Buidheann ghiobach nan a lann,
Fir a thigeadh a nall ann éight’ iad.
XI
Us Clann Mhuirich nam buadh
Iadsan uile bha uainn,
‘S è sin m’iomadan truagh r’a leugadh.
XII
A Chlann Dhomhnuill mo ghràidh,
Leam is cruaidh mar a bhà,
Nach do bhrùchd sibh le càch do’n teugmhail.
XIII
Air thùs an latha dol sìos
Bha gaoth a’ cathadh nan sian,
As an athar bha trian ar léiridh.
XIV
Dh’fhàs an talamh cho trom
Gach fraoch, fearann, us fonn,
‘S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sléibhe.
XV
Bha lasair-theine nan Gall
A’ frasadh pheileir mu’r ceann,
Mhill sud éireachdas lann ‘s bu bheud è.
XVI
Ma’s fìor an seanchas a bh’ ann
Gun robh Achan ‘sa champ,
Dearg-mheirleach nan rabhd ‘s nam breugan.
XVII
B’è sin an Seanalair mór
Gràin us mallachd an t-slòigh,
Reic e onoir ‘s a’ chòir le h-eucoir.
XVIII
‘S ann a thionndaidh e ‘chleòc
Air son an sporain bha mór,
‘S rinn sud dolaidh do sheòid Rìgh Seumas.
XIX
Mo chreach uile ‘s mo bhròn
Na fir ghlasd’ tha fo leòn,
Deagh-Chlann Chatain nan sròl ‘s nan geur-lann.
XX
Us Clann Fhionnlaidh Bràigh-Mharr
Buidheann cheannsgalach, ard,
Dheanadh sgathadh am blàr nan creuchdan.
XXI
Bruidheann eile, mo chreach,
Fhuair an laimhseachadh gairt,
Sluagh an Fhrisealaich ghasda, threubhaich.
XXII
Bu laoich uaibhreach gun mheang
Sheasadh cruadal ‘sa champ
Chaidh am bualadh an am na teugmhail’.
XXIII
Chaill sinn Domhnull donn, suairc’,
O Dhùn Chrombaidh shuas,
Mar ri h-Alasdair Ruadh na féile.
XXIV
Chaill sin Raibeart an àigh
‘S cha bu ghealtair è ‘m blàr,
Am measg chaigneachadh lann us bheigneid.
XXV
‘S ann thuit na rionnagan gasd’
Bu mhaith àluinn an dreach,
‘S cha bu phaidheadh leinn mhairt ‘nan éirig.
XXVI
Ach thig a’ chuibhle mu’n cuairt
Car o dheas no o thuath,
‘S gheibh ar n-eascàirdean duais an eucoir.
XXVII
Gum bi Uilleam Mac Dheòrs’
Mar chraoibh sheargte fo leòn,
Gun fhreumh, gun duilleach, gun mheòirean géige.
XXVIII
Guma lom bhios do leac,
Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair-chéire.
XXIX
Gun sòlas, sonas, no seanns,
Ach dòlas dona mu d’ cheann,
Mar bh’ air ginealach Chlann na h-Eiphit.
XXX
Us chì sinn fhathast do cheann
Dol gun athadh ri crann,
‘S eòin an athair gu teann ‘ga reubadh.
XXXI
Us bidh sinn uile fa dheòidh,
Araon sean agus òg,
Fo’n Rìgh dhligheach dh’an còir duinn géilleadh.
le Iain Ruadh Stiùbhart (1700 go 1752).