Diteadh Mhic-an-Tòisich

Luinneag.
Tha mi sgìth bho ’n tim so ’n dé;
Cha ’n ’eil m’ inntinn leam air ghleus;
’S beag an t-ioghnadh sin dhomh féin
’S gu ’n d’ fhuair mi sgeul ’tha muladach.

(I)
Cha tig dhomhsa bhi nam thàmh
’S Mac-an-Tòisich, fear mo ghràidh,
Aig a’ nàimhdean ann an càs;
Am fleasgach àluinn urramach.

(II)
Ged-a fhuair iad e fo chìs
Cha robh leithid anns an tìr;
Bu chompanach e do ’n rìgh
Do dh’ uaislean grinn ’s do chumantan.

(III)
Gur-a diomhach mi de ’n chléir
’Chuir an tòrachd ás a dhéigh;
Gu ’m bu dìleas e dhaibh féin
Ged thug iad beum na dunach dha.

(IV)
A chiad latha de ’n bhliadhn’ ùir
’S ann a shuidhich iad a chùirt
’S iad ag iarraidh fear mo rùin
A chur an cùil ’s a chumail ann.

(V)
Chaidh mi-féin a staigh nam dheann;
Bha mo bhoineid ann am làimh;
Bha mi sìobhalt ann am chainnt
’S cha tugainn taing do dhuin’ aca.

(VI)
Thuirt a nàimhdean ’s fearg nan gnùis
Gu ’n robh e gun mheas, gun chliù;
Gu ’n goideadh e an cuid ’s a chùil
Ged bhiodh an sùil air furachail.

(VII)
Thuirt mi féin, gur cruaidh an càs
Mac-an-Tòisich chur gu bàs
’S gun chìir’ aca ’dh ’fhear mo ghràidh
Ach e ’bhi fàilteach, furanach.

(VIII)
Dh’ iarr mi orra ’chur mu sgaoil,
’Leigeadh ás duinn air an raon;—
Cha ghlachdte e a ris le maoir;
Cha bhiodh e faoin a chuireadh ris.

(IX)
Gu ’n robh fianuisean gu leòir
Gus a shaoradh aig a mhòd,
Fear na misnich, Uilleam òg,
Bha deònach dol an urras air.

(X)
Tòmas air a chnoc ud shuas
Thàinig oirnn le ’lagh a nuas
Dh’ fheuch an dionadh e’m fear ruadh
’S e’ ruith cho luath ’s a b’ urrainn da.

(XI)
Thàinig Pàdruig ás a dhéigh
Ged bha bacaiche ’na cheum;
Gu ’n robh bat’ aige fo ’sgéith
’S mur biodh iad réidh bhiodh fuil aige.

(XII)
Dh’ éirich Somhairle ’s a chùirt
’S labhair e le sgairt mu ’n chùis;
Thuirt e chogainn ris a chrùn
Mu ’n cuirinn diomb a churaidh rium.

(XIII)
Chreid am breitheamh a luchd-fuath’
’S thuirt e, ’s ’fhuil a leam gu ’ghruaidh,
’S fad o’n thoill e ’chroich mar dhuais,
Is gheibh e bhuam-s’ na bhuineas dha.

(XIV)
’N uair a fhuaradh e fo shreing,
Bha na ceudan ’dol nan deann
’S iad a bòideachadh gu teann
A bhi nan nàimhdean tuilleadh dha.

(XV)
’S iomadh aon ’bha ’chridhe fann
’Sa bh’ air chrith gu dlùth ’s gach ball,
’Cur a laimhe ris a pheann
’S e dol ’s a’ bhann ’bha cunnartach.

(XVI)
’S fad o’n chuala mi ’bhi ’g ràdh
Gu ’n téid neart thar ceart an àird;
’S ann mar sin tha ’chùis an dràst;
Bha bhinn ud ceàrr, ’s bu ghuineach i.

(XVII)
Bha lagh Chill-ma-cheallaig cam,
’N uair a chroch e’n t-each ri crann;
Ach ni ’s caime tha ’n lagh teann
’Chuir slabhraidh mu ’n fhear churanta.

(XVIII)
Dheanainn iasgach leis an tàbh
Air a’ charaig mar-ri càch,
’S ged nach biodh mo lòpan làn
Bhiodh cuid an tràth’ no tuilleadh ann.

(XIX)
Gur-a tric a thug mi sgrìob
Gu rudha Arasaig ud shios,
’S an taigh Ealasaid gu ’m bith’nn
’N uair ’bhiodh na linn an cur agam.

(XX)
’Mhic-an-Tòisich bha thu riamh
Fearail, fiùghantach, ’us fial;
Cha bhiodh tlachd ach far an iarrte
Thu, ’dh’ aindeoin briag a chuireadh ort.

(XXI)
Raoghal cùbair tha fo leòn
Bho na chuala e mu ’n mhòd;
’S tric ’na mheòir a chuir thu ceòl
A dh’ fhògradh bròn gu buileach bhuainn.

(XXII)
Màla ’phioba chrup e ’suas,
’Ga fhliuchadh le uisge fuar,
Bho ’n theirig iocshlàinte nam buadh
A bheireadh fuasgladh muineil da.

(XXIII)
’Sin an iocshlàint’ ’s an robh ’m feum
’Dh’ fhògradh aiceidean bho chléibh:
’S b’ ainmeil i air leigheas chreuchd;
Gu ’m b’ fheàrr na léigh nam Muileach i.

(XXIV)
Thuirt Mac-Mhuirich rium Di-màirt
Gu ’n d’ fheuch e cuislean do làmh,
’S gu ’n éireadh tu fhathast slàn;
Do chur gu bàs nach b’ urrainn daibh.

(XXV)
B’ fheàrr gu ’m biodh an sgeul sin fìor;
’S iomadh aon dha ’m biodh e binn;
Ged bhiodh ’bhranndaidh gini ’phinnt
Gu ’n cosdainn trì le sulas riut.

(XXVI)
Ged-a bhithinn ’s an taigh bhàn
Gun dùil ri tigh’nn ás gu bràth,
Nam faicinn thu air an t-sràid
Gu ’n leumainn àrd troimh’ uinneagan.

(XXVII)
Cha bhiodh banais ’s cha bhiodh bàl,
Cha bhiodh Nollaig ’s cha bhiodh càisg
Nach biodh tus’ air ceann a’ chlàir
’S do chàirdean a’ cur furain ort.

(XXVIII)
’S ann ad chomunn nach biodh sgraing
’N uair a theannadh daoin’ ri cainnt;
Cha bhiodh òr ad phòca gann
’S gu ’n tugte dram do ’n’ h-uile fear.

(XXIX)
Greis air iomairt ’s greis air òl,
Greis air aighear ’s greis air ceòl,
Greis eile air bualadh nan dòrn
’S gun chòmhdach air am mullaichean.

(XXX)
Chuireadh tu ’n daorach nan ceann,
Thuiteadh iad a bhos ’us thall;
’N uair ghlacadh iad thu air làimh
Cha cheannsaicheadh Cochullain iad.

(XXXI)
Dh’ fhàgadh tu ’m fear glic gun chiall;
Dheanadh tu ’n spìocaire fial;
Dh’ fhuasgladh tu sporan nan iall
’S cha bhiodh an gnìomh sin furasda.

(XXXII)
Co a chunntadh e ’na chall
’Bhi sgapadh airgid ’n ad gheall,
Ged-a bhiodh e’n ath-là fann
’S a làmh mu cheann ’se ’turaman.

(XXXIII)
’S misd’ na mnathan thu ’g an dìth,
B’ fheàird’ iad ac thu ’g òl na ti
Dh’ fhiosraicheadh tu dhaibh le cinnt
A’ bhrìgh a bhiodh ’s na duilleagan.

(XXXIV)
’S mòr am beud thu ’bhi air chall;
Bu tu ceann-cinnidh gach dream:
Chiosnaicheadh tu feachd na Fraing’
Gun deann a chur á gunn’ orra.

(XXXV)
Dheanadh tu cogadh ’us sìth;
’S e do spiorad nach robh clì;
Cha ’n fhacas tu air do dhriom,
Ge tric an strì nam buillean thu.

(XXXVI)
’S lionmhor mais’ ort, fhir mo ghràidh,
Nach h-urrainn domh ’luaidh am dhàn:
Ma théid d’ fhògradh null thar sàil’
Bidh sinn ri ’r là dheth uireasach.

(XXXVII)
Ach ma thig thu slàn ’n ar ceann
Le d’ shuaicheantas àrd ri crann,
Gur curaideach a bhios do chlann
A dannsadh Ruidhle-Thulaichean.

(XXXVIII)
Bidh sinn éibhinn thu bhi beò;
Cha bhi duine sean no òg
Nach tionndaidh fo d’ bhrataich shròil,
’S gu mòd cha toirear tuilleadh thu.

(XXXIX)
Sud ort féin, a charaid ghràidh;
’S mi nach tréigeadh thu gu bràth;
Cha téid m’ ainm s’ air paipeir bàn
Am measg na gràisg nach buineadh dhuit.

Le Iain mac Ailein Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgríobh Iain mac Ailein an t-òran so shìos sa bhliadhna 1841. Thòsaich an t-Easbuig Friseal an Comunn Stuamachd air Antaganais, Albainn Nuaidh ann bhliadhna so, ‘gus chuir ‘s chaoidh e an aghaidh gach aon taigh tabhairn gun mhall cuideachd gun teagamh! Thàinig an t-Easbuig Friseal thun daoine leis gealladh do fhan a-mach as an òl fad thrì bhliadhna no mu sin. Ach bha ‘s tha e sin airson thrì bhliadhna ‘mhàin, agus dh’ fhill iad – nan daoine – thun an craic an dheidh sin gun teagamh. Sgrìobh Iain mac Ailein an t-òran so air a dheanadh ann an ainm Dhòmhnuill Mhic-Gille-Bhràth ris an abairteadh gu coitchionn Dòmhnull Mhamaidh. ’Se mar sin Òran Dhòmhnull Mhamaidh an t-ainm fo ’bheil e ’dol.)