Fear a chunntais na Sìdhchean (Gàilig Loch Abar)

Bha an sluagh anns an dùthaich seo air an cuideachadh gu math trichc leis na Sìdhchean. Tha àite anns an dùthaich seo ris an abair iad an Ràth, thall am Bracleitir. Agas bha duine a’ fuireach ann ris an abradh iad Ailean Mór an Ràth agas iomadh duine air thoiseach air an ãm aig Ailean Mór an Ràth. Agas bha fear a’ dol seachad aig Geàrrlochaidh, dìreach mu choinneamh an Ràth: tha iad glé theann air a chéile, ach gu bheil an abhainn a’ ruith sìos eatorra, Abhainn Spèan. Bha oidhche bhriagha ghealach ann. Agas gu dé b’ iongnadh leis ach an t-àite làn Sìdhchean a’ ruith air ais ’s air adharst ag obair air an arabhar. Agas ’s ann dar a rachadh càch mu thàmh air an oidhche, ’s ann a bha à-san a’ tighinn a mach a dh’ obair. Agas thuirst e ris fhéi’:

“Chuala mi iomaradh riamh air nan cunntadh tu na Sìdhchean nach fhaiceadh tu tuillidh iad. Nach fhiach mi sin a dhèanadh,” thuirst ris fhéi’.
Shuidh e agas bha e ’gan cunntas. Agas b’e sin an obair. Bha iad cho colta’ ri chéile a chuile h-aon dhiubh a’ ruith air ais ’s air adharst. Is thuirst e:

“Is iomadh cunntas a rinn mi riamh air meanbh-chruidh ’s air crodh, air spréidh agas an iomadh àite, ach bheat seo na thachair riamh oram.”

Chum e air cunntas gus an dàinig e a dh’ ionnsaigh ciad gu leith.

“Ma ta, chan ’eil mi ro-chinnteach a bheil iad agam uile. Ach ’s e an t-aon rud a chuala mi: nam bitheadh iad air an cunntas cearst, nach bitheadh iad ri fhaicinn tuillidh.”

Agas chum e air a thuras. Dar a thàinig a’ sluagh a mach ’s a’ mhaduinn, b’ iongnadh leotha a chuile sguab de’n arabhar cho seasgair, tioram air a chur air dòigh agas air a thughadh. Agas thug iad taing seachad: na bu có a rinn e, gur h-iad an sgioba a bha tapaidh. Agas cha deach na Sìdhchean fhaicinn tuillidh. Agas feumaidh a’ fear a chunnt iad, gun robh iad air an cunntas cearst. Mar a tha a’ fachcal ag ràdha: ‘Ma chunntas e a dh’ ionnsaigh a h-aon iad, chan fhaichc thu a h-aon dhiubh tuillidh.’

Le Iain am Bàrd / Iain Beag Mac Dhomhnaill (1876 gu 1964)

(Fhuair Caluim Mac Gilleathain an sgeul seo ‘mach as Iain Beag sa bhliadhna 1951 ri linn an Gheimhridh gharbh ann.)