Gàilig Eilean Naomh Eóin

Imrich nan Eileanach

(I)
An àm togail dhuinn fhìn
Mach o Chal Phortrìgh
‘S iomadh aon a bh’ air tìr ’s iad brònach;
Iad ag amharc gu dlùth
Null ’s an sùil air an luing,
‘S ise ’gabhail a null gu Rònaidh.
Thuirt Mac Faid às an Dig,
‘S e ag éigheach rium fhìn,
‘S ann a laigheas i sìos gu Trodaidh,
‘S biodh am fear as feàrr tùr
Nis ’na shuidh’ air an stiùir,
Gus an téid i os cionn as t-Soain.

(II)
Thàinig maighstir as ùr
Nis a stigh air a’ ghrunnd,
Sin an naigheachd tha tùrsach brònach
Tha na daoine ’s a’ falbh,
‘S ann tha’m maoin an déigh searg,
Chan ‘eil mart aca dhfhalbhas mòinteach
Chuireadh cuid eile dhiubh’m bàs,
‘S tearc na dh’fhuirich a làthair beò dhiubh
Ciod a bhuinnig dhomh fhìn
Bhi a’ fuireach ’s an tìr,
O nach coisinn mi nì air brògan.

(III)
‘S ann a théid mi thàr sàil,
‘S ann a leanas mi càch,
Fiach a faigheamaid áite còmhnuidh
Gheibh sinn fearann as ùr.
‘S e ri cheannach a grunnd,
‘S cha bhi sgillin ri chùnntas oirnn dheth
‘S math dhuinn fàsgadh nan craobh,
Seach na brùthaichean fraoich,
Bhiodh a muih ann an aodann Ghròbainn
Air na leacan lom, fuar,
‘Nuair a thigeadh am fuachd
Sin an t-astar bu bhuaine mòinteach.

(IV)
Ach ma théid thu gu bràth
A null thairis air sàil,
Thoir mo shoraidh gu càirdean eòlach
Thoir dhaibh cuireadh gun dàil
Iad a theicheadh o ’n mhàl,
‘S iad a thighinn cho tràth ’s bu chòir dhaoibh,
‘Us nam faigheadh iad àm
‘S dòigh air tighinn a nall,
‘N sin cha bhiodh iad an taing MhicDhòmhnuill,
‘S ann a gheibheadh iad àit’
Anns an cuireadh iad bàrr,
‘S ro-mhath chinneadh buntàta ’s eòrn’ ann.

(V)
‘S e seo Eilean an àigh
Anns a bheil sinn an dràsd’
‘S ro-mhath chinneas dhuinn blàth air pòr ann,
Bidh an coirc’ ann a’ fàs
Agus cruithneachd fo bhlàth.
Agus tuirneap ‘us càl ‘us pònair
Agus siúcar nan craobh
Ann ri fhaighinn gu saor,
‘S bidh e againn ’na chaoban móra;
‘S ruma daite, dearg ùr,
Anns gach bothan ‘us bùth,
Cheart cho pailt ris a’ bhùrn ’ga òl ann.

Image

Le Calum Bàn MacMhannain.

(Sgríobh Calum Bàn ’n t-òran seo sa bhliadhain 1803 nuair a dh’fhàg e ‘us do chlann a muigh as nan Eileanan agus chaidh iad gu h-Eilean Naomh Eóin, Dúthaich nan Craobh. Dh’éalaich iad a muigh as nan Gaill uabhasach agus a muigh as nan tighnearnan talún gu h-àiridh. Chuir iad comhaireachd us sabaid an aghaidh nam Fuadaichean ann, ach fhuair iad bhristeadh ‘us bhris sa cogadh sin ‘us chaidh ‘us dh’éalaich iad a muigh thairis nam Fharraige Mór as déidh sin sa Gearramh 1802. Fhuair iad gu h-Eilean Naomh Eóin sa 1803 ‘us sgríobh e ’n t-òran seo ’nn.)



An Comann Comhghallach
An Comann Comhalach

(I)
Air fail il ithil o ro,
Is ho-rin-o, seinnidh mi,
Air fail il ithil oro
Is ho-rin-o, seinnidh mi
Gu slàinte Comann Comhghalach,
Na seòid chridheil, eireachdail,
A chumadh suas a' Ghàilig,
'S nach fàgach air deireadh i.

(II)
Mo shoraidh-sa gu Comhghall,
Tìr bhòidheach nan lusanan,
Nan seamair is nan neòinean,
Nas ròs is nan subhagan.
Nan coiltean màiseach, ceòlmhar,
Le smeòraichean 's nam mór-bhean,
Nam fròg is nan sruthan glan'.

(III)
Cha leig mi chaoidh air di-chuimhn'
An tìm bha mi màille riu
Is och! Is och! Mo léireadh,
'S e dh' éignich thigh'nn thairis mi,
Bhith faicinn nach robh stàth dhomh
Bhith tàmh bheag na b' fhaid' an sin,
'S na glinn 'gan cur fo chaoraich,
'S na laoich ás as daichaidhnean.

(IV)
Na fineachan d' an dualchas
Bhith uasal is eireachdail,
Is dìleas d' an cinn-fheadhna
'S d' an rìgh is do'n eaglais ac',
'Gam fògradh as an rìoghalachd
Le màl, cìs, is eascairdeas
Nan uachdaran mhi-thruacanta
Chruaidh-chridheach, bhleidireach.

(V)
Ma 's e 's gu 'm bi iad grideil
Is dichiollach, oidhirpeach,
Gun mhi-fortan bhith 'n dàn dhaibh,
Ach slàn, làidir, adhartach,
Mu 'm bi iad fad' 's tha coill' innte,
Bidh aca crodh is caoraich,
Biadh, aodach, 's mór ghoiresan.

(VI)
Ged a tha 'n geamhradh cruaidh,
Reòta, fuar, sneachdach, gaillionnach,
Bidh aca taighean blàth,
'S teine làidir a gharas iad,
Is cha bhith cùram fuachd daibh,
'S coille bhuan ri geàrradh ac'.
Ma thig sibh nall a Chomhghall,
Tha mi 'n dòchas nach aithreach leibh.

Image

Le Iain mac Alasdair Mac a' Ceàrdaich.

(Sgríobh e 'n òran seo shíos sa bhliadhain 1874. Rinn e sin le h-aghaidh Comann Gàilig Comhghall -dachaigh san Albainn. Dh'iarr e do chur spiorad làidir chun a-staigh eadar nan Gàidheil ann gun mhall san àm sin cuideachd.)



Gearan an Tuathanaich

(I)
Tha mi sgìth a togail dhaolag,
Tha mi sgìth a togail dhaolag,
Tha mi claoidhte mu chaol-druim,
'Togail dhaolag de'n bhuntàta.

(II)
'S iomadh olc a tha 'san t-saoghal,
'S iomadh plàigh 'tha tigh 'nn air daoine,
'S iomadh ni' tha milleadh saoithreach,
'S a toirt aobhair air bhith cràiteach.

(III)
Tha na daolagan 'sna bliadhnan s'
Feadh gach raon buntàt' ri riasladh;
'S gann gum fàg iad cnap gu biadh dhuinn;
'S cruaidh a dh' fhiach iad rium le 'n gnàthaibh.

(IV)
Tha iad cuimir, dèante, taiceil;
'S air an druim tha slige ghasda,
'Cumail dion' orra mar chaisteal, -
Slige bhreachd-bhallach, chruaidh, làidir.

(V)
Cha 'n eil déidh ac' air meas craibhe,
Neo air lus 'tha 'fàs 'sna coilltibh;
'S e 'm buntàta biadh an aoibhnis;
Cha bhi lòinn orr' gun bhith làmh-ris.

(VI)
'S iomadh bodach làidir, sòmalt',
'S cailleach gharbh 'tha goirt a cromadh
A chur cruinn nam biastan sgonnach
'Chum an donnadh anns an amhuinn.

(VII)
Cha 'n ith Feannag Dhubh nan gleann iad,
'S cha 'n eil Cearc ann a thig teann orr';
Ce math càil a choilich Fhrangaich,
Seachnaidh e le greann is gràin iad.

(VIII)
Bheir mi dhaibh am puinnsean neartmhor
'Tha na Frangaich grinn' a 'cleachdadh,
Uair na dhà a h-uile seachdain,
'S nì mi 'm feachdan gann an àireamh.

(IX)
Tha mi sgìth a togail dhaolag,
Tha mi sgìth a togail dhaolag,
Tha mi claoidhte mu chaol-druim,
'Togail dhaolag de'n bhuntàta.

(X)
Ma gheibh mis' a bheag de shaoghal,
Chithear callaidean mu m' raointean
Nach leum each 's nach leag na gaoitheau,
'S gheibh na daolagan an sàth bhuam.

Image
Image

Le Alasdair Mac Gilleathain Mac a' Ceàrdaich.

(Sgríobh e 'n òran seo air 22mh Dubhlachd 1896 air Eilean Naomh Eóin. Fhuair nam buntàta bàis ann sa bhliadhain sin, agus bha rudan cruadh 's deacair le nan Tuathanaich mar sin.)



Cumaibh Suas a’ Ghàilig

(I)
Cumaibh suas a’ Ghàilig,
Cainnt màthair fhéin,
Chaoidh na leigibh bàs i
Ce b’e cearn d’an téid,
‘S i rinn òg ar taladh
Chuir a gràdh an géill
Ann am briathran blàth
Mar ghaoith a Mhàigh troimh ghéig.

(II)
Cumaibh suas a’ Ghàilig,
Cainnt na sàr-laoch treun
Choisinn cliù ’s na blàraibh
Anns gach ceàrn fodh ’n ghréin’,
Bhiodh air tùs a ghàbhaidh
‘S tric a gheàrd ’s a ghléidh,
Onair ’s crun a Ban-righ’ nn
‘N uair bhiodh càch gun chre.

(III)
Cumaibh suas a’ Ghàilig,
Cainnt nam bàrd ’s nan treun
Ann an gaol gur fheàrr i
Na bhiodh càch gu léir;
Cainnt as misle pàirtean,
‘S a nì ’n crabhadh geur,
‘S cha mhiosa i gu càineadh,
‘N uair thig tràth an fheum.

(IV)
Cumaibh suas a’ Ghàilig,
Bh’ anns an Airc cha breug,
Chaidh an Eubhra bhàthadh
‘Us cànan nan Greug
Ach bha Ghàilig bhòidheach
‘N teanga Naoh fhéin
‘S thug e leis air bòrd i
‘N uair e sheòl le threud.

(V)
Cumaibh suas a’ Ghàilig,
Dileab Adamh fhéin,
Labhair e ’s a ghàradh
‘N uair a thàinig Eabh
Thubhairt e, ‘Mìle fàilt’ ort
‘S tu ’s àille fodh ’n ghréin’,
Cha’n eil aon bheir bàrr ort
Measg nan mnà gu léir.

(VI)
Cumaibh suas gu bràth i,
‘S nar ma thig orr’ éis,
‘N teanga chiatach dhàicheil,
Sgrìobh gun dàil ‘us leubh;
Buaidh le pinn nan armunn
Tha ri stàth ’s ri feum
A’ sgaoileadh na Gàilig,
Cainnt mo ghràidh ’s mo chre.

Image

Le Seumas Mac Fhionghuin.

(Sgrìobh e sin annseo n uair a bha beó e fhéin air Eilean Naomh Eóin, agus rugamh ’s tógamh e fhéin ann cuideachd. Sgrìobh Seumas Mac Fhionghuin an t-òran seo mu’n eadar 1890an gu 1900an gu luath. Agus rinn e sin mar dh’iarr e do chur spiorad neart ‘us làidir chun Gàilig ‘us chun nam muinntir Gàidhealach ann air Eilean Naomh Eóin gun teagamh ‘us gun mhall. Bha Fíor Gàidheal an-mhor e fhéin a Seumas Mac Fhionghuin gun teagamh, agus chuir e sabaid an-mhor le Gàilig air eilean seo ‘us eadar na muinntir Gàidhealach ann cuideachd.)



Òran an Latha 'n diugh

(I)
Ho ro, mo dholar gaolach,
Ho ri, mo dholar gaolach,
Mo dholar laghach, gaolach,
Co thaobhainn ach thu?

(II)
A dholair, 's e mo shòlas
'Bhith breith ort ann am chrògan;
Gur curnadail 's gach dòigh thu,
'S gur bhòidheach do ghnúis.

(III)
Thug mi le m' chridhe gaol dhuit,
Nach dealaich rium ri m' shaoghal
'S nam b' uarrainn mi gun slaodainn
Ri m' thaobh thu do 'n ùir.

(IV)
Biodh arnadain gun stòldachd
A' ruith an déidh nan òighean;
Ach cumaidh mis' an còmhnuidh
Do ghlòir sa roimh m' shùil.

(V)
Biodh daoin' air bheagan léirsinn
Ri duanagan ag éisteachd,
Ach 's mise nach doir spéis dhaibh;
'S leat féin mi gu m' chùl.

Image

Le Alasdair Mac Gilleathain Mac an Ceàrdaich.

(Sgríobh Alasdair an t-òran seo nuair a bh' e air Eilean Naomh Eòin sa 1901. Bha e 'n àrd-ùrramh nan Eaglais Cléirich ann san àm sin. Rugadh e sa bhliadhain 1840 sa Ghleann a' Bhàrd, Albainn Nuadh. Chaidh e gu h-Eaglais na Cléirich sa 1866, agus bh' e ciad-mhinistear na h-Eaglais Bhéal Feirsde, h-Eilean Naomh Eòin an Ear no air ear-thaobh na h-Eilean Naomh Eòin eadar 1886 gu 1906. Shiubhail 's fhuair e bàs sa bhliadhain 1924.)



Fàilt' Eilean a' Phrionnsa

(I)
O! Eilein chluainteil, chòmhnard, uaine,
An oir a' chuain 'nad aonar,
Gur caomh leam tuar do shlios mu'n cuairt
Fo thoradh snuadhar sgaoilte;
Do raointean feòir tha tiorail, òr-bhuidh'
Anns an Òg-mhìos fhaoilidh,
'S nan achadh farsuing corca 's eòrna,
Sàr fhonn bhò is chaorach.

(II)
Talamh beairteach, pailteachd fais,
'S an cinnich sàr bhuntàta,
Gu sùghmhor, miadh, de ghaineamh 's criadh,
Ro easgaidh air son àiteach,
Aite feurach spréidh gu d' mhiann,
Nach d' fhuaireadh riamh bheir bhàrr air,
Gu súltmhor, liona, sliom am bian
Feadh miadanan an àileis.

(III)
Tha gair nan stuash as tiamhaidh fuain
Gu fann tighinn nuas bho 'n tràigh oirnn,
Tha fìor mu'n cuairt 'na cabhsair cruaidh
De ghaineamh ruadh is bhan-bhuidh',
Ann an léireadh teas a' Chéitein
Thig ceudan nall thar sàil ann,
A ghabhail anall taobh na mara,
Sireadh ceangal slàinte.

(IV)
Gu bheil urnas anns gach dùthaich
Air do ghrunnd cho fàsair,
'S an tarmaich dearcan làir is ubhlan,
'S measan ùr gach tràth dhuinn.
Cha dhearg siontan dian na dùdlachd
Steach an lùb a' Bhàigh ort,
Is eilean eile bho 'n taobh chùil
Bho neart nan dùil 'na sgàil dhuit.

(V)
'S e Samhradh fin bheir neart is speirid
Do gach creutair diblidh,
Gu h-aotrom, ait, an Dealan-Dé
Air tréigsinn àite dideann,
'S gach dath 'na sgèith cho sàr-dhuit' sgèimh
Ri dreach nan seud as riomhaich,
Is aigne géilleadh anns a' Chéitein
Leumnaich feadh nan dithean.

Image

Le Tormod mac Dòmhnaill 'ic Dòmhnaill Dòmhnallach.

(Sgríobh Tormod Dòmhnallach an t-òran so nuair a chaidh e gu h-Eilean Naomh Eòin le lathan saoire mu'n 1932 no 1933 b'fheudar. Chuir e 'n t-ainm-àite le ceanntar so mar bha sluagh Gall nan Gàilig aca, 'gus bha fhios aca mu'n ainm Gàidhealach 's Gàilig air an Eilean so cuideachd. Chuir cupla Gàidheal an t-ainm-àit' eile - Eilean a' Phrionnsa do'n obair mu 1920an air aghaidh mar dh'iarr ead do'n éalaich a-muigh as nan Gaill ann. Ach, tha fìor sgeul mu'n ainm-àite so chuir ead an t-ainm san onoir Mac Dé - Prionnsa shuas an Aifreann no sa Fhlaitheas. Agus dh'fhoghluim ead mu'n ainm sin as na Gàidheil Caitligich air an eilean gun teagamh, agus tha sin an-ghreanmhar cuideachd.)



An Innis Àigh

(I)
Seinn an duan seo don Innis Àigh,
An innis uaine as gile tràigh;
Bidh sìan air uairibh,
Ag cath gu cruaidh ris,
Ach ’s e mo luaidh a bhith ann a’ tàmh.

(II)
Càit’ an tràith’ an tig samhradh ciùin?
Càit’ an tràith’ a thig blàth air craoibh?
Càit’ as bòidhche,
An seinn an smeòrach,
Air bhàrr nan ògan san Innis Àigh.

(III)
Rogh’ na h-eunlaith e thar gach àit’,
Tha gach sìon ann gum miann a ghnàth;
Air teachd don t-samhradh,
‘S e leotha ’s annsa,
Nuair thig an t-àm a bhith ris an àl.

(IV)
Tiugainn leamsa thun na tràigh,
San fheasgar chiùin-ghil aig ìsle làin,
Is chì thu’m bòidhchead,
‘S an liuthad seòrsa,
De dh’eòin tha còmhnaidh an Innis Àigh.

(V)
A’ ghrian ag èirigh sa mhadainn chiar,
A deàrrsadh èibhneis na ceum don iar,
Le gathan blàthmhor,
‘S le boillsgeadh àghmhor,
Bidh a ciad fàilt’ air an Innis Àigh.

(VI)
An t-iasg as fiachaile, dlùth da thràigh,
Is ann ma chrìochan is miann leis tàmh,
Bidh gillean èasgaidh,
Le dorgha ’s lìontan,
Moch, moch ga iarraidh mu Innis Àigh.

(VII)
Nuair bhios na cuantan fo luasgadh trom,
‘S a’ ghaoith le nuallan a’ ruagadh thonn,
An long a’ dìosgan,
Fo chruas a diachainn,
Bidh fiath nan eun anns an Innis Àigh.

(VIII)
Ged thèid mi cuairt thun an taoibh ud thall,
‘S mi ’n dùil air uairibh gum fan mi ann,
Tha tàladh uaigneach,
Le teas nach fuaraich,
Gam tharraing buan do an Innis Àigh.

(IX)
Geàrr an ùine gun teirig là,
Thig an oidhche is iarrar tàmh,
Mo chadal buan-sa,
Bidh, O cho suaimhneach,
Ma bhios mo chluasag san Innis Àigh.

Image

Le Aonghas Iain mac Iain ‘ic Caluim no Aonghas Mac IllFhaolain no Aonghas Mac Gill-Fhaolain.

(Sgríobh Aonghas Iain mac Iain ‘ic Caluim an t-óran so san ám eadar 1912 gu 1946 nuair a dh’obair e sa taigh sholais air Eilean Margaraidh eadar Eilean Cheap Breatuinn ’s Eilean Naomh Eóin. Rugadh e air Ceap Breatuinn, ach sgríobh e an t-óran so mu’n Eilean Naomh Eóin.)



An Téid Thu Leum a Rìbhinn Òg?

Luinneag:
An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan?

(I)
Chì thu 'n ròs a' fàs fo'n driùchd,
'S a' mhil ag éirigh suas 'n a smùid,
Bidh eòin nan geug a' seinn duinn ciùil,
Le sunnd an tìr nam beanntan.

(II)
Chì thu 'n gleann 's an robh mi òg,
'N uair bha mo chridhe maoth gun ghò.
Mun d'fhuair mi eòlas riamh air bròn,
No leòn an tìr nam beanntan.

(III)
Chì thu creagan gruamach àrd,
Na neòil a' sguabadh air am bàrr,
Bidh fuaim nan allt a' ruith le gàir,
Gu tràigh an tìr nam beanntan.

(IV)
Chì thu òighean bhòidheach ciùin,
Chaidh àrach ann an glinn mo rùin,
Gu màiseach, finealt', glan gun smùr,
Cho ùr an tìr nam beanntan.

Image

Le Ailean Camshron agus Seumas Mac Màrtainn.

(Thánaig an t-òran seo 'muigh as Eilean Sgitheannach am fhad' o shoin gu h-Eilean Naomh Eóin. Fhuair Eóin Mac Gille-Sheathanaich an t-òran as Ailean 's Seumas annseo air Eilean Naomh Eóin. 'S seann-òran seo cuideachd as an t-seann Gáidhealtachd.)



Salm 23

(I)
Is e Dia féin as buachaill dhomh,
Cha bhi mi 'nn an dith
Bheir e fainear gu'n laidhinn sìos
Air cluainibh glas le sìth:

(II)
Is fòs ri taobh nan aibhnichean
Théid seachad sìos gu mall,
A ta e 'ga mo threòrachadh,
Gu mìn réidh anns gach ball.

(III)
Tha 'g aisig m' anam dhomh air ais:
'S a' treòrachadh mo cheum
Air slighibh glan na fireantachd,
Air sgàth dheagh ainme féin.

(IV)
Seadh fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
Chlinn dorcha sgàil a' bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
Ni h-eagal leam 's ni 'n càs.

(V)
Air son gu bheil thu leam a ghnàth,
Do lorg, s do bhata treun,
Tha iad a' thabhairt còmhfhurtachd
Is fuasglaidh dhomh an fheum.

(VI)
Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh:
Le h-òla dh' ung mo cheann
Cur thairis tha mo chupan fos,
Aig meud an làin a t'ann.

(VII)
Ach leanaidh maith is trocair rium,
An cian a bhios mi beò;
Is comhnuichearn an àros Dhé,
Ri fad mo ré 's mo ló.

Image


An Téid Thu Leum a Rìbhinn Òg? Gu h-Eilean Naomh Eóin?

An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan.

(I)
Chì thu 'n ròs a' fàs fo'n driùchd,
'S a' mhil ag éirigh suas 'n a smùid,
Bidh eòin nan geug a' seinn duinn ciùil,
Le sunnd an tìr nam beanntan.

An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan?

(II)
Chì thu 'n gleann 's an robh mi òg,
'N uair bha mo chridhe maoth gun ghò.
Mun d'fhuair mi eòlas riamh air bròn,
No leòn an tìr nam beanntan.

An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan?

(III)
Chì thu creagan gruamach àrd,
Na neòil a' sguabadh air am bàrr,
Bidh fuaim nan allt a' ruith le gàir,
Gu tràigh an tìr nam beanntan.

An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan?

(IV)
Chì thu òighean bhòidheach ciùin,
Chaidh àrach ann an glinn mo rùin,
Gu màiseach, finealt', glan gun smùr,
Cho ùr an tìr nam beanntan.

An téid thu leum a rìbhinn òg,
A rìbhinn òg, a rìbhinn òg,
An téid thu leum, a rìbhinn òg,
A null do thìr nam beanntan?

Image

Le Ailean Camshron agus Seumas Mac Màrtainn.

(Sgríobh no chuir Ailean 's Seumas sin ri chéile seo mar bha suim aca do dhéan sin. Chuir ead sin ri chéil' in aice 'n chiad òran nuair a rinn Eóin Mac GilleSheathanaich an cuairt chun am fir seo cuideachd. 'S dárn' òran seo.)



Is grinn ar Eilein Abegbheit

(I)
Is grinn ar eilean Abegbheit,
Fo’n bratach ùir de’n Eilean blàth,
Nan eun a’ seinn anns an speur,
Do thug mo chridh’ gu smuaintean tlàth.

(II)
Tha uain ag imirt air na raoin
Is dealain-Dé de mìltean dlùth
Tha uillt ag ruith gu luath de’n chnoc
Is abhainn a sruith fo choilltean sgàth.

(III)
A thìr na rathaid ruaidh deas
Na speuran gorm is dealrach cuain
Mo fhàilt’ ort, a thìr mo ghràidh
Gu chum tha iad dùisg o shuain.

Image

Le Arailt Messerbhidh.

(Rugadh ’s tógadh am fear seo air Eilean Naomh Eóin sa bhliadhain 1889. Creid mhaid sgríobh e ’n t-òran seo mu’n eadar 1900an gu 1940an no 1950an b’fheudar. Bha Gàilig an-mhath aige gun teagamh. Fhuair e bàs air dachaigh air Eilean Naomh Eóin sa bhliadhain 1970.)



Seann leabhar Gàilig Eilean Naomh Eóin

Seann leabhar Gàilig Eilean Naomh Eóin

LEABHAR-CEIST
na
MATHAIR
do'n
LEANABH OG
no
REAMH-CHUIDDEACHA

Do dhaoine òg ain-eolach chum 'sgu b'àishithichte dhoibh Leabhar-aith-ghearr Ceist na H-EAGLAISH a thuigsin.

GNA-FHOC. xxii. 6. Toir eolas do leanabh air an t-slighe ann còrr dho gluasachd, agus 'n nuair a thig e gu h-aoish cho deillich e r'i.
HOSEA iv. 6. Ata mo phobulls' air doll a mugha dhi eolaish.

Le I.U no I.Bh. Minishter an t-soisgeul aig Dùn Deagh.

Clo-bhuailt' san bheurla naoi uaire deug.

Agus anoish air na churr an GAILIC chum leass-coithcheann GAIDHEALTACHD ALBA.

Clo-bhuailt ann
GLASSACHA.
Gu seim EOIN ODHAR, agus a' Choi'-pairtneiribh; agus s'a chreic ag a margadh-an-t-sallain, am bliadhna air
TIGHEARNA. M DCC LII.