Hug O Roinn O ’S Mi fo Mhìghean

Luinneag:
Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(I)
‘S gur e mise tha fo mhulad,
‘S mi ‘n diugh ri fàgail na tìre.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(II)
‘S mi ‘n diugh ri fàgail na tìre,
Gun dùil ri tilleadh gu dìleann.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(III)
‘S gun d’fhalbh mo chàirdean bho’n a bhaile,
Murchadh mò charaide dìleas.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(IV)
‘S ge b’e caladh nochd am ba sibh,
Gum b’fhearr a chluinntinn fuaim na pìoba.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(V)
Cha toir sinne sin ach mionaid,
‘S fheudar tilleadh feadh na h-oidhcheadh.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(VI)
‘S cha bhidh òl no ceòl no danns’ ann,
Gun Aindrea falbh leis an nighneag.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(VII)
‘S ge b’e ‘àite ‘m bi do dh’eilean,
Gun toir iad gini do’n fhìdhlear.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(VII)
Dh’aithnichinn tighinn gu caladh,
Le siùil gheala ‘s le cruinn dhìreach.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(VIII)
‘S e mo cheisd air MacIll Onfhaidh,
Sgiobair fairge, sealgair sìneadh.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

(IX)
‘S mo cheisd air mac an duin’ uasail,
Charadh mu mo ghualainn an sìoda.

Hug oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean,
O hu o ho luaidh nan nighneag,
Hùg oroinn o ‘s mi fo mhì-ghean.

Le Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil (1875 gu 1953)

(Sgrìobh Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil an òran seo airson daoine brònach as dheidh a chaochail daoine gaolta ‘ca gu Dhia Mór. Agus ‘s òran an-mhath gun teagamh.)