Mar a Thachair do dh’Fhear a Chaidh do Gleann Uisge Dhearg

Mar a Thachair do dh’Fhear a Chaidh do Gleann Uisge Dhearg

Bha ’n sgeul so nuair a’ dol a dh’innse dhuinn mu’n Aonghas mac Thormoid ‘ic Alasdair a thàinig à Manitoba no Gleann Uisge Dhearg. Uill, bha. Bha dìreach seòrsa de chuimhn’ agam-sa air fhaicinn an dèidh tighinn à Manitoba (Gleann Uisge Dhearg), agus tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Bàgh a’ Chàise a dh’fhalbh iad an toiseach. Agus chaidh iad… chaidh e sin dhan an t-Òb, dha na h-Earadh. ‘S e saor a bh’ ann. Agus ’s e muillear a bh’ anns an t-Òb aig an àm a bh’ ann a shin. Agus bha na h-emigrants a’ falbh gu ruige Manitoba (Gleann Uisge Dhearg), agus fhuair e air falbh còmhla ri muinntir Mhanitoba (Gleann Uisge Dhearg) an uair sin. Bhàsaich a bhean ’s dh’fhalbh e leis a’ chloinn a-null gu Manitoba.

‘S cha robh dachaigh ’s cha robh rud eile aige, ach gun d’ fhuair e fearann ann a shin agus ’s e teant a bh’ aca. Bha iad anns an teant an oidhche a bh’ ann a sheothach agus shil an t-uisge. Deàrrsach uisge ’s bha e a’ cluinntinn brag an-dràsta ’s brag a-rithist air an teant. Cha robh fhios gu dè rud a bh’ ann a shin. Mu dheireadh dh’fhalbh an teant. Thòisich a’ chlann a’ rànaich ’s thòisich e air a’ chlann a chomhairleachadh an uair sin: “A bheil cuimhn’ agaibh air a bhith a’ coimhead air seòladairean, a’ pasgadh nan seòl air na slatan? ‘S nach fhaod sibhse tòiseachadh air pasgadh na teant còmhla riumsa?”

Fhuair iad an teant co-dhiù a chur air dòigh a-rithist, agus dè bh’ ann a shin ach cipean anns an talamh airson an teant a chumail. ‘S bha còir aige – ’s cha robh fhios aige air an sin – bha còir aige nuair a thigeadh an t-uisge a bhith air na ròpan a bh’ air na cipean a shlacadh. ‘S bha na cipean… na ròpan a’ dol a-staigh leis an uisge, ’s bha iad a’ tarraing nan cipean às an talamh. Agus mu dheireadh fhuair e an teant a chur air dòigh, ’s mar a bha i roimhe, ’s fhuair e a’ chlann a chur a chadal, ’s bha iad alright an uair sin.

Thòisich e an uair sin air gearradh coille, ’s thòisich e air… rinn e taigh. ‘S e saor a bh’ ann ’s nuair a chunnaic an fheadhainn eile a bha timcheall air e, thòisich e air… ’s ann a bheireadh iad dha obair a’ dèanamh… a’ tòiseachadh air saorsainneachd. Sin a’ chiad obair a bh’ aige a’ saorsainneachd. A’ togail bhàthchannan ’s a’ togail thaighean.

Bh’ am fear sa, thog e taigh dha ’s thog e bàthach dha, ’s nuair a bha e a-nis a’ dol ga phàigheadh, dh’iarr e air a dhol suas còmhla ris dhan an t-seann bhàthaich. ‘S chaidh iad suas dhan an t-seann bhàthaich ’s dhùin e an doras. Fhuair e ’n gràpa, ’s bha tòrr mòr innearach ann am meadhan na bàthcha, ’s nuair a dhùin iad an doras ’s a h-uile càil, thòisich am bodach leis a’ ghràpa ’s dhùnaich e a-mach am bogsa anns an robh an t-airgead aige às an tòrr innearach, agus thug e… phàigh e Aonghas an uair sin. ‘S e bha air a dhòigh leis na fhuair e a dh’airgead an uair sin, ’s dh’fhalbh e dhachaigh.

Bogsa innearach aige, siud far an robh e a’ cumail an airgid am falach bho na robairean an uair ud air a’ rathad an-mhor ’s a’ goid an airgid air na daoine a shaoil iad a bhiodh airgead aca. Siud an t-àite aige airson cumail an airgid a bh’ ann. Ò bha e a-bhos ro àm a’ Chogaidh Mhòir (1914 gu 1923 – Eóraip ’s an t-seann Gháidhealtachd). Bha. Cha robh mis’ ach nam bhalach beag a’ dol dhan sgoil nuair a bha e a-staigh againn. Thánaig muinntir Bheàrnaraigh faoi tamall cuideachd. Agus feumaidh gur ann do mhuinntir Bheàrnaraigh a bhuineadh e, do mhuinntir… ach bha buinteanas air choreigin aige ri muinntir Bheàrnaraigh – ’s ann a thaigh Aonghais Iain ‘ic Dhòmhnaill a thàinig e a dh’fhuireach. ‘S thàinig e… bhiodh e a-nis a’ cèilidh, ’s bha e a’ cèilidh air m’ athair, ’s dh’fhan e fad na h-oidhche a-staigh againne, ’s chaidil e ann an oidhche sin ’s chaidh e a thaigh Aonghais sìos an làrna-mhàireach. Chan eil còrr a chuimhne agamsa cuin a dh’fhalbh e no tuilleadh, ach bha a h-uile duine dhe a chuid chloinne pòsta timcheall air thall ann a shiud, ’s bha iad glè mhath dheth. Gheibheadh iadsan obrachadh gu cruaidh airson a h-uile càil a fhuair iad.

Le Aonghas MacLeòid Aonghas Ruairidh a’ Chùbair.

(Anns a’ sgéal so bho 1970, tha Aonghas MacLeòid Aonghas Ruairidh a’ Chùbair à Brùsta ann am Beàrnaraigh na h-Earadh ag innse mar a thachair do dh’fhear a chaidh do Gleann Uisge Dhearg ann an Canada iomadh bliadhna roimhe agus cho doirbh ‘s a bha a bheatha an toiseach. Chaidh an sgéal le Sgoil Eòlais na h-Albainn).