Òran do Dotair Ailean Mac Gilleathain

Luinneag.
O soraidh slàn do ’n àilleagan
A ghluais an tùs an ràidhe bhuainn:
Mo dhùrachd thu ’thighinn sàbhailte
Gu fàilteachas do dhùthcha.

(I)
Tha ionndrainn bhuainn ’s an àite so,
Gur fada leinn o ’n dh’ fhàg e sinn;
’S e Dotair Ruadh nam blàth-shùilean;
Tha fiamh is àilleachd Diùc air.

(II)
Gur bliadhna leinn gach seachduinn
Bho na thriall thu bhuainn do Thalasgar:
Gu ’n tàinig fuachd is gaillionn oirnn;
Gur fada leinn an ùine.

(III)
Gu ’n d’ fhuair sinn sgeul bu duilich leinn,
An àm bhi fàgail Mhuile dhuit,
Gu ’n d’ fhuair thu deuchainn chunnartach,
’S bu mhuladach sud dhuinne.

(IV)
B’ e sud an sgeula cràiteach dhuinn
Nan cluinneamaid gu ’n d’ bhàthadh thu;
Tha m’ inntinn air a h-àrdachadh
Bho ’n thàinig thu gun chunnart.

(V)
Gur h-e mo rùn an caiptein
Air an tig na h-airm gu fasanta;
Thig claidheamh caol an tarsuinn ort,
’S thig gunna glaic nach diùlt duit.

(VI)
Do chalpanan geal fìnealta
Mar bhradan ann am fìor-uisge;
Troigh shocrach am bròig dhionaich thu
A bhiodh an sioda dùnadh.

(VII)
Tha sealladh sèimh na maighdinn ort,
Tha deanamh cruaidh an t-saighdeir ort,
’S do chridhe mar an daoimean
’Deanamh soillse measg gach cùinnidh.

(VIII)
Nam faighinn fhin mar dh’ òrdaichinn
Do rogha céile pòsd’ agad
Le oighreachd fhearainn shònraichte,
’S ann dhòmhsa nach biodh cùram.

(IX)
Bu chinnteach mi á àite dheth
Nam b’ urrainn mi a phàidheadh dhuit;
Is ged nach biodh am màl agam
Gu ’m faighinn dàil is ùine.

(X)
Is slat de ’n abhall phrìseil thu;
Bu dosrach an àm cinntinn i
Ged ’tha i ’nis air crìonadh;
Cha ’n ’eil nì air nach tig mùthadh.

(XI)
Bu lighiche bha sàr-mhath thu,
’N uair dh’ fheuchadh tu le d’ làmhann sinn
Mar fhiadh a bhiodh air fànas
Bhiomaid slàn a chum ar tùrna.

(XII)
Gach greim a bhiodh ’s an fhearann so,
Gach tinneas cléibh is anshocair
Gu ’n léighseadh tu le d’ cheanaltas
’N uair ’thigeadh d’ anail dlùth dhuinn.

Le Dòmhnull Mac Gilleathain.

(Sgrìobh Dòmhnull an t-òran so san chliù ‘n dothair mhath as Ros Mhuileach. Chaidh an dotair turas thairis nan tonn eadar nan eilein thairis nan Eileanan gun mhall ‘s gun eagal nuair a dh’ fhoghluim e mu daoine tinn. Rinn an dotair – Ailean Mac Gilleathain – an turas fhada eadar Ros Mhuileach gu Sgitheannach do thabair cuidich chun pàistean le tinneas ortha ‘nn. Sgrìobh Dòmhnull an t-òran so san chliù ‘n Dotair Ruadh nuair a chaidh e ‘mach air an fharraige do chuidich nam pàistean annsin. Bha Dotair Ruadh an t-ainm eile airson Ailean Mac Gilleathain.)