Òran do Geallamh Bhristeamh

(I)
Gur bochd am bruadar a dhùisg á suain mi,
Dh’ fhàg m’ inntinn luaineach ’s a ghluais dhomh gruaim;
Bu bhlàth mo shùgradh an àm dhomh dùsgadh,
Mo rìbhinn ùr-ghlan bu chiùine snuadh.
’N uair phriob mo shùilean dh’ fhàs m’ inntinn dùmhail,
Gun fhios a rùin dhomh cia ’n taobh a ghluais;
Mo chrìdh’ tha tùrsach le ’bhi ga d’ ionndrainn,
’Se dh’ fhàg mi brùite gu bheil thu bhuam.

(II)
Ma thug iad bhuam thu ’s e fàth mò chruadail
’Sa liughad buaidh ’th’ ort a bhàrr air càch;
Tha maise ’s uaisle a streup mu d’ ghuaillean,
An snaoim nach fuasgailear air mo ghràdh.
A gheug nam buadh ’us nan camag dualach
Nach gabh thu truas dhiom ’s mi cruaidh an càs:
O thig ’s beir bhuam air, ’s thoir freagairt luath dhomh,
Mur faigh mi fuasgladh gur duais dhomh ’m bàs.

(III)
Ma ’s aobhar bàis dhomh na thug mi’ ghràdh dhuit
Aon nì ’ni stà dhomh cha ’n ’eil aig léigh:
Ach furtaich tràth orm ’us leighis m’ fhàilinn
Bho ’n ’s tu a’s feàrr leam a tha fo ’n ghréin.
Cha ’n ’eil e ’n Albainn de dh’ òr no dh’ airgiod
Aon ni ’bheil m’ fharmad-sa ach thu féin.
Na cas am fheirg mi, ’s na claoidh mi ’m earbsa,
Thig ’s caisg an t-sealg s’ tha tighinn orm bho ’n eug.

(IV)
O! saor o ’n eug mi a gheug na ceutachd
Ga bheil an deud daingeann, caoin, geal, dlùth:
An òigh a’s eutroma ’shiùbhlas feur thu,
Le do dheadh bheusan a choisinn cliù.
Do ghruaidh mar dhearcaig air bhàrr na géige
Fo ’n mhala cheutaich o ’n éireadh sunnd,
Be ’n t-aobhar éibhneis do chòmhradh réidh rium,
’S cha b’ ann ’s an eucoir a chuir mi sùil.

(V)
Mo shùil gach ré riut ’s tu stòlda, céillidh,
Thoir géill do reusan ’s cha tréig thu mis’;
Ur-òigh na féile gu ’n bhuin thu céill dhiom
’S gu ’n d’ fhàg thu creuchdte mo chré gun fhios.
Do bhràghad glé-gheal mar chanach sléibhe
No gathan gréine a tighinn le ’n teas:
Gur tearc ri fheutainn ’measg iomadh cheudan
Bean d’ fhiamh is d’ eugmhais, a réir mo mheas.

(VI)
Mo mheas an dràsd ort a chlaoidh gu bràth mi,
A chaoidh cha ’n fhàg mi ’n cion ’thàir mi ort;
Bho ’n dh’ fhalbh Diana cha ’n ’eil a làthair
Té coltais d’ àilteachd, ’gheug sheamhaidh, sholt.
Do làmhan bàna mar lilidh ’Mhàighe,
Do bhroilleach àlainn air fàs mar chop:
Gur beag dhe d’ àilteachd is eòl dhomh àireamh,
’S cha leig mo ghràdh dhomh a bhi nam thosd.

(VII)
’Bhi ’m thosd cha ’n fhaod mi bho ’n ghon do ghaol mi,
Gur h-e do dhraoidheachd a chlaoidh mo neart;
Ma chì mi daoine ’ni gean no faoilte
Gu ’m bi mi saoilsinn nach bi iad ceart.
O ged-a dh’ fhaoduinn na th’air an t-saoghal
De dh’ òr ’s de dh’ aodach a shlaodadh leat
’S ann bhiodh mo smaointinn air d’ fhiamh ’s air d’ aogais:—
Och ’s tric tha m’ aodann a caochladh dreach.

(VIII)
Do dhreach mar fhaoileig no eala thaobh-ghil,
Gun chron ri fhaotuinn aig aon dha d’ mhais’.
Ged tha thu maoineach gun easbhuidh dhaoine
Gu ’n tug thu faothachadh dha mo shac.
Nam biodh do chaoin rium bhiodh m’ aigneadh aotrom;
Cha laidheadh aois air mo ghnùis am feasd’.
Ged bhiodh an t-aog orm a suiridh daonnan
Cha bhiodh ann baoghal e thighinn dhomh faisg.

(IX)
Dhomh faisg a ghràidh nam biodh tusa ’n dràsta
Gu ’m fàsadh m’ àirnean cho slàn ri breac.
Do d’ mheòirean ban-gheal a’s grinne air snàthaid
Gu ’n tig na fàineachan ’s dearsaich’ clach.
Ged bhiodh na tàlantan agam ’b àirde
Bu leòir dhomh àireamh ’n treas pàirt dhe d’ dhreach;
Do dhreach ’s do shuairceas ’s iad ghreas gu uaigh mi
Mar dhuilleig uaine air a buain ri dealt.

Le Neo-Ainmeil.

(‘S seann òran so mu fear ùr-phòsadh agus bha móran gaoil air chun an bhean. Ach dh’ éirich a bhean bhuaithe ’s an oidhche gun fhios da, agus chaidh i am falach air. Shaoil esan gur h-ann a chaidh a goid bhuaithe le fear eile, agus thòisich e air an òran so a dheanamh. Bha ise g’a éisdeachd agus ag ionnsachadh an òrain mar bha esan ga dheanamh. Chaochail e mu ’n do chuir e crioch air. Tha e air a sheanachas nach robh ’bhean beò ach ùine ghoirid na dhéigh.)

(Fhuair an t-òran so chall fo Loch Aillse ‘gus Ros an Iar. Ach dh’ éirich i shuas air ais a rithist san Cala Mór no Halafags air Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh. Sgrìobh Iain mac Ailein an t-òran so shìos san bhliadhna 1815 b’ fheudar.)