(I)
Gu ’n do choisich mi ’n oidhche
Dh’ ionns’ na maighdein bu bhoidhche.
(II)
Rinn mi corr is ochd mile
Anns an tìr ’s gun mi eòlach.
(III)
’N uair a ràinig mi ’n t-àite
Cha robh iad mar bu chòir dhaibh.
(IV)
Cha robh air’ air luchd-gaoil ann,
’S cha robh saod air luchd-òil ann.
(V)
Cha robh mnathan ri fuaigheal,
’S gu ’n robh gruagaichean brònach.
(VI)
’S ann a fhuair mi ’chraobh fhìnealt’
Na sìneadh ’s an t-seòmar.
(VII)
Bha i sìnte ann air déile
As a léine fuar, reòta.
(VIII)
Bha i sìnte fo ’n uinneig
Is cha chluinninn a còmhradh.
(IX)
Dhomhsa b’ aithne do bheusan
’S tu gun leumraich, gun mhòrchuis.
(X)
Ghlac thu ciall agus gliocas
Mòran tuigse agus eòlais.
(XI)
Ort a dh’ fhàs an cùl sniomhain
Bha mar dhìthein an eòrna.
(XII)
’N uair a bhiodh tu ga chìreadh
’S fada chìte fiamh òir dheth.
(XIII)
Fhir a chruthaich an saoghal,
Cum mi saor bho fhàs gòrach.
(XIV)
Cum rium ciall agus gliocas
Gus an ruig mi ga d’ fheòraich.
Le Ailean Mac an Leigha
(Sgrìobh Ailean an òran so ri chéile n’ uair a dh’ fhoghluim e mu bean na h-àite bhàis. Agus sgrìobh e airson charaid no fear eile mar bha ’n chroidhe bhristeadh agas sgriosda aige. ‘S creid daoin’ eile bha sgrìobh Ailean mu Màiri Nic Gilleathain, ach chan eil fhios againn sin.)
(Fhuair an òran so chall san Seann Ghaidhealtachd, ach dh’ fhill e no i thugainne air ais a rithisd n’ uair fhuair Iain mac Ailean an òran san Anataganais agas san Cala Mór air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh. Chuir e ’n òran so san chlò san bhliadhna 1880.)