Luinneag.
’S an fheasgar cha do chuireadh mi;
Bha ’n cùbair dubh gun fhuran ris;
Ach ’nis gur h-e ’n t-aon duin’ agaibh,
Bho ’n dh’ fhàs na buideil ao-dion.
(I)
Gur tric mi dol a chùiltearachd
Le banaraich nan grùdairean;
’S ’n uair théid mi tuille ’s dlùth oirre
Bidh ’n cùbair air a ladhran.
(II)
Bu bhinn leam féin a gleadhar
An uair shìnte dhomh fo chobhar i;
’Se ’n rud a dh’ fhàgadh fodha sinn
An clodha ’chur ’sa’ chaochan.
(III)
Tha Mor-a’-chadail beadarach
’S a’ bhuaile air an eadaradh;
Le uisge beath’ nam feadanan
Gu ’n leigeadh i na daoine.
(IV)
Cuir fòid a stigh gun dàil foipe,
Is tarruing caol stuth làidir aisd’;
Biodh fios againn ma sgàineas i
Mu ’n tèid an ceàrd do ’n Chaolas.
(V)
Gu fòil thuirt Iain mac Dhùghaill rium
A ghaoil cha ’n ann ga chaomhn’ tha mi
Ach eagal ’s gu ’m bi smùid oirnn
Is gur ni gun chliù an daorach.
Le Dòmhnull Mac Gilleathain no Dòmhnull Cùbair (1770 gu 1868).
(Rugadh agus togadh Dòmhnull Cùbair Mac Gilleathain air Tiriodh, agus thàinig e thun gu h-Albainn Nuadh, agus bha bràthair e nan Iain am Bhard Mór Mac Gilleathain. Thàinig ’n sgeul mu’n òran so fo tamall mar bha e ‘òl san taigh tábhairn air latha’mhàin ach char fhuair e cuireadh chuairt aige do dh’ òl ann. Nuair a dh’ fhàg e’mach dh’ fhoghluim na daoine taigh tábhairn bha nam barrailean bhristeadh. Agus chuir ead naidheachd thuige mu’n sin agus fhuair e obair astu airson cúpla latha mar sin.)