Òran do’n Chroidhe Bhristeadh

Moch ’s a’ mhaduinn Di-dòmhnaich
’S mi ri leughadh mo leabhrain
Fhuair mi sgeul, is bu leòir leam a mhiad,
Moch ’s a’ mhaduinn Di-dòmhnaich
‘S mi ri leughadh mo leabrain
Fhuair mi sgeul, is bu leòir leam a mhiad.

(I)
A mhic Tighearn’ an Dùine
Ma thug thusa do chùl rium
Gu ’m bi snighe air mo shùilean ga d’ chaoidh.

(II)
Och, ma cheangaileadh am pòsadh thu
Ri nighinn Mhic-an-Tòisich
Cha tig aighear ri m’ bheò gu mo chrìdh’.

(III)
’S iomadh oidhche agus latha
Bha sinn còmhla a’ labhairt;
’S beag a shaoil mi gu ’n caitheadh tu ’n fhoill.

(IV)
Ochain, ochain, mo thàmailt,
Cò a dhiolas mar tha mi?
Tha mo bhràthair fo ’n t-sàile gun dion.

(V)
Mur bhiodh bristeadh a’ bhàta
Agus esan a bhàthadh
Gu ’m bu dàna dhuit m’ fhàgail ’s mi tiom.

(VI)
B’ e sin gaisgeach a’ chruadail
’Dheanadh gniomh anns an tuasaid;
B’ e a chleachdadh ’bhi buadhach ’s gach strì.

(VII)
Thigeadh claidheamh math stàilinn
Ann an deas-làimh mo ghràidh-sa,
Is sgiath bhreac nam ball geàrrte air ’thaobh clì.

(VIII)
’S truagh mi, ’eudail nam fearaibh,
’S gun thu ’n diugh ann ad bhaile,
Far am faigheadh luchd ealaidh an diol.

(IX)
Tha do thighean fuar, falamh,
’S neul an fheòir air am barraibh;
Cha ’n ’eil sunnd ann ad thalla ’g òl fìon.

Le piuthar do dh’ Iain Garbh Mac Gille Chaluim.

(Sgrìobh i ‘n t-òran so leis fhearg an-mhor aice oirre! Thuit i airson mhac Tighearn’ an Dùine, ‘ch chaoidh e air aghaidh agus phòstadh e chun bean eile. Fhuair do chroidhe bhristeadh aice ‘nnsin, ach sgrìobh i ‘n t-òran so do chur spiorad thuici ‘rithisd gun mhall, agus dheun i sin gun teagamh!)