Òran Oidhche Dhoirbh a Thachair

(I)
Gur-a muladach sgìth mi
’S mi ri siubhal na h-oidhche,
’S nach h-’eil agam ach pios beag dhe ’n t-seòl.

(II)
Gu bheil uisge le gaoith ann
’S sinn a ruith air bheag aodaich,
’S cha ’n ’eil cala r’a fhaotuinn ’n ar còir.

(III)
Cha ’n ’eil againn gu marachd
Ach da thimchioll de ’n darach,
’S tha ar gillean ri tarruinn nan ròp.

(IV)
A Mhaol fhiadhaich Chinntire
Na an tugadh tu dion dhomh
’N àile, chuirinn do phrìs ni bu mhò.

(V)
Thuirt a’ Mhaol ’s i toirt cùil rium
Fuirich bhuam na tig dlùth dhomh,
Tha cal’ eile fo chùrs’ do chuid seòl.

(VI)
A Mhaol shalach, làn iargainn,
’S fada ’n t-asdar r’a dheanamh;
Tha mo leannan donn, ciatach ’s an ròd.

(VII)
Gur h-i Ealasaid chliùiteach
Ris an éireadh na sùghan;
’S math mo bharail nach diùlt thu mi d’ chòir.

(VIII)
Ged-a chitheadh tu ’bhranndaidh
’S i dol seachad na deann-ruith
’S tu nach iarradh aon dram d’ i r’ a òl.

(IX)
Ged is lionmhor do chaoraich
Seòl cha chuir thu air aodach
’S cha do chuir thu riamh daors’ air a chlòth.

(X)
Na biodh m’ inntinn fo ghruaman
Tha ann Ti ’tha na Uachdaran
Air tuinn ghàireach a’ chuain ’s air na neòil.

Le Gilleasbuig Mac Gille-Chiarainn.

(Bha fear a’ mhuir a robh Gilleasbuig, agus sgrìobh e ‘n òran seo nuair a dh’ fhill e talamh as dheidh oidhche dhoirbh a thachair a-muigh air a’ muir. Chaidh e ‘gus do sluagh aige eadar Cinntire ‘s Maol agus thàinig gaoth mhor aca ‘gus rinn ead sabaid fada mhor do fhill chun dachaigh air ais a rithisd, agus bha ead caithream le sin. Fhuair an òran seo chall air nan Eileanan, agus san Seann Ghaidhealtachd cuideachd, ach dh’ fhill thugainn a rithisd ann san Cala Mhor air Albainn Nuadh.)