Calum Mac Gilleathain: Chuala sibh an naidheachd, bha sibh ag ràdh.
Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: Chuala mi ’n naidheachd sin. Bha e air a ’g ràidhinn gun robh aon do na Stiùbhartaich – bha e air turas. Bha e ann an Siorramachd Pheairt ’s bha e tighinn air ais, capallan aige. ’S chaidh e a-staigh far a bheil Taigh an Rìgh an sin, ’s e taigh-òsda a bh’ ann daonnan, agus thachair e air Rob Ruadh; ach bha Rob Ruadh a’ fàs sean agus, sa mhionaid, chuir iad a-mach air a chèile. Agus chaidh iad taobh a-mach an taighe agus start iad leis na claidhnean aca, ach cha robh – b’ urrainn dha…b’ urrainn dha mharbhadh, ach cha d’rinn e ach thug e ’m putan as an seagaid aige.
“Bheil sin gu leòr dhut, a Rob?”
“Chan eil,” thuirt e, “’ille, cum air,” ’s chum e air ’s thug e h-uile putan às an seagaid. ’N sin bhean e don chluais aige.
“Nist,” thuirt e, “mura stad thu,” ors’ es’, “cuiridh mi ron chridh’ e,” agus strad Rob Ruadh, agus bha mac Rob Ruadh, Rob Òg, ag ràidhinn, “Bha m’ athair-sa sean,” thuirt e, “ach nan robh mise ann,” thuirt es’, “bheireadh mise air an Stiùbhartach nach deachaidh e air an turas do Pheairt tuillidh.”
Sin an dòigh a chuala mise e ann am Baile a’ Chaolais.
(Seo comhradh seannchus eadar Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim (1915 gu 1997) agus Calum Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bha sin an sgeul mu ’n sabaid eadar Rob Ruadh agus gille òg na Stiùbhartaich. Bhuaidh nan Stiùbhartach an trod agus bha e sin ann san Baile Chaolais.)