Seanchas air an Fharraige

An Tamhasg a Chunna Seann Alasdair:

Bha mi latha a bha siud ag iasgach le seann Alasdair agus leithid Alasdair air innse sgeulachdan cha robh ann am Muile air fad, cha robh ann an àite sam bith b’ fheàrr leam na bhith ag èisdeachd ag innse sgeulachdan nan toireadh tu an leabhar bu taitniche a leughar riamh. Bha sinne ag iasgach agus thuirt e air an latha seo, “À,” ors’ esan, “mura bheil iasg ann,” ors’ es’, “bidh sgeulachd ann.”
’S thuirt es’, thionndaich an sin rium, thuirt es’, “a bheil thu a’ creids’, ann an tamhasg?” ors’ esan. “Ò, chan eil fhios a’m,” orsa mi, “bidh feadhainn ag ràdh gum bi tamhasg ann agus.”

“Ach chan eil mi fhìn a’ cur mòran creidsinn ann,” ors’ Alasdair, “ach chan urrainn dhomh ri ràdh, a laochain, nach fhaca mi aon tamhasg agus innsidh dhuit mu dheidhinn dhiubh. Bha mi air chèilidh an taigh Dhòmhnaill ’ic Dhòmhnaill Alasdair agus ’s e Dòmhnall mac Alasdair an tàillear a b’ àbhaist a bhith san àite. Bha e a’ fuireach mun cuairt air mìle gu leth bho Fhionn Phort. ’S e taigh math cèilidh a bh’ ann, tha e coltach aig an àm. Ach bha sinne ann an siud, ochdnar againn a-staigh, chan eil, cha robh mi leam fhèin, cha bu mhise an aon fhear a chunnaic an tamhasg, chunnaic a h-uile duine a bha staigh e. Bha cur is cathadh sneachd ann, thàinig an sneachd, thòisich an sneachd an dèidh dhuinn an taigh a ruigheachd ach bha e searbh uile-gu-lèir a-muigh. Bha lanntair os cionn far an robh an tàillear a’ fuaigheall, agus thàinig plathadh de ghaoth ùr a-staigh mar gum fuasgladh duine an dà dhorast, cuideigin an dà dhorast, agus chaidhich an solast às. Agus thàinig fear an seo a-staigh tro sholast a’ ghlaraidh, fear le feusag dhubh air agus aodann, agus aodann cho geal…cho geal ri brèid. Sheas e anns an ùrlar ach thuirt bean-an-taigh ris: “Nach tig thu a-staigh, a laochain, agus tha e cho fliuch.” Nis, bha fhios againn gur h-e…gun robh sneachd ann, ach cha robh coltas sneachd airsan idir ach bha ’n t-uisge a’sruthadh dheth, an t-uisge a’ tighinn dheth na shruthan. Agus cha tàinig e na b’ fhaide, thuirt e: “Ò,” ors’ Ean, “chan eil sneachd far a bheil mise. Agus ma thèid sibh a-null gu tràigh gheal an Eilean Earraid, gheibh sibh mi ann an sin, agus an cuaran a bh’ air m’ òrdag mu thrì troighean bho m’ cheann.” Agus le sin a ràdh, dh’fholbh e.

“Nis,” ors’ Alasdair, “chunna mi sin le m’ shùilean fhèin. Agus Peigi, thuit i, agus Anna cuideachd, thuit iad ann an neul, an dithist aca. Bha a h-uile duine a bha a-staigh agus eagal am beatha orra. Stad an stoirm naidheachd mun cuairt mu aon uair ’s deug agus fhuair mi dhachaigh, fhios a’d, bha rathad mòr math bho m’ chois fad an rathad. Ach madainn làrna-mhàireach, bha sgrìob fad de ghaoth an iar-dheas, agus chualaig muinntir a’ bhaile mun do dh’innse mi guth e, chualaig mun tamhasg a bha ann an taigh an tàilleir. ’S bha fear an seo Colla agus Aonghas agus ’s e a’ smaoineachadh iad a bhon a bha an tràigh air a bhith freagarrach aig Eilean Earraid gun rachadh iad a-null dìreach feuchainn gun tacharadh dad de fhìrinn a bhith ann. Nis, Eilean Earraid chan e ach na eilean gu leth-oireach an dèidh linnidh tràighidh, faodaidh duine a’ dol a-null ’s a-nann le cas tioram no leth-oireach linndh. Chan eil ach na eilean an dèidh leth-oireach linnidh. ’S dh’fholbh an triùir agus on tràigh gheal Eilean Earraid, fhuair iad ann an siud corp duine. Agus mar a chunnaic Alasdair fhèin, mar a chualaig e ma chuaran a bh’ air òrdag, fhuair e dìreach far an tuirt e, trì troighean bho cheann. Chuir iad an sin, dh’fholbh aon dhiubh sin gu taigh na muinntir an taigh-sholaist a bha fuireach anns an eilean, agus nuair a chualaig muinntir an taigh-sholaist gun do thachair a leithid, thug iad leotha barraichean laighe agus thàinig h-uile h-aon dhiubh a b’ urrainn dhaibh gum b’ urainn tighinn ’s thug iad an corp a-sìos cidhe Eilein Earraid agus tarsaing an sin air an fhaoghal chun na h-Aoidinn. Agus fhuair iad an sin cairt a thug do Fhionna Phort e. Agus cha robh fhios aca cò ris…cò dha a theireadh iad fios gun d’fhuair iad e, gun d’fhuair iad an corp. Chaidhaich fios – cha robh telegraph ann san àm – chaidhaich fios a-suas a Bhun Easain agus chaidhich a craobh-sgaoileadh a dhèanadh air sin cho math ’s a dh’fhaodadh iad gus mu dheireadh thàinig fear às an Apuinn agus dh’aithnich e gur h-e a mhac a bh’ ann, fear Iain Mac a’ Phearsain. Bha e na mhate air bàta ris an abrar iad Am Fairholm, agus chaidhich air tìr air Toraidh taobh an iar-thuath Èirinn, ach taobh a-muigh as Tír Chonaill, agus chailleadh a h-uile h-aon don sgiobadh a bh’ air bòrd. Agus chàraich air clach far an do leugh e iomadh uair gun do thàinig an t-astar dà cheud mìle ann an naoidh latha deug de dh’ùine gus an tàinig e air tìr ann Eilean Earraid.”

Nis, chan urrainn dhomhsa teagamh a chur ann a rud a dh’innis Alasdair gum faca e an tamhag – e fhèin – a chionn ’s e duine fiosraichte a bh’ ann. Duine a shiubhail an saoghal air luingeas nar a bha e òg. Cha b’ e amadan a bh’ ann idir. Agus mura bheil duine eile a’ creidsinn gum faca e an tamhasg tha mise ga chreidsinn co-dhiù. Ach biodh am barail fhèin agaibhse. Ach ’s ann mar sin a thàinig Iain Mac a’ Phearsain a thìodhlacadh ann an Cladh Fhionna Phort agus duine sam bith a thig do Fhionna Phort ’s chì iad ann an cladh an siud, ’s e an aon chlach anns a’ cladh a’ dèanadh à clach sglèat. Sin agad e.

Ach, nis, dhìochuimhnich mi a ràdh nar a dh’fholbh an tamhasg, thill na feadhainn a-bha a-staigh, na feadhainn a b’ urrainn sealltainn air an ùrlar agus cha robh mìr de choltas uisge ged a bha iad a’ faicinn an uisge a’ sruthadh far an aod…far an aodaich aig an duine a bh’ ann. Cha robh mìr de choltas uisge.

Chuir ead litirchean air leacht Iain:
Chuir leacht sheas annseo le
Dómhnall Mac a’ Phearsain, Appan.
I gCuimhne mac gràdhaichte
Iain mac Dómhnaill na Long Fairholm,
Fhuair e bhriste ‘muigh Toraidh air
22mh Lúnastal 1874. Bha e 35 bliadhain d’aois air.
Tháinig do churp gu tráigh 19 latha ás déidh
an long-bhristeadh, agus bha sin 200 míle ‘s an
long-bhristeadh.



Mac a’ Phì an Coire Bhreacain:

Bhuel, tha mi cinnteach gun cuala sibh mun Choire Bhreacain seo – tha gu leòr de dh’iomradh air o chionn speil air ais bho Tha fhios agam a Tha Romham. Bhuel, bha seo Mac a’ Phì Cholbhsa, bha e ann an gaol air nighean agus ’s e, mar a their iad, an scrúdú a chuir i air gun rachadh e leis a’ bhìrlinn aige don choireig an Coire Bhreacain agus gun acraicheadh e ann an teas meadhan a’ choire i. Agus thuirt e: “Thèid agus ma landeas mise…ma landeas mise a…an geall a chumail feumaidh tu tighinn leam.” Tha sin ceart gu leòr,” thuirt ise. “Ach,” thuirt ise, “feumaidh e bhith uamhraidh fiadhaich an latha a thèid thu ann.” Co-dhiù, dh’fhalbh e agus cò a thachair air ach buidseach agus thuirt e…dh’nnis e don bhuidseach cà an robh e dol. Agus: “Bhuel,” thuirt ise, “feumaidh tusa ròp, trì ròpaichean, ròpa do chainb, ròpa do dh’olann is ròpa do dh’fhalt maighdeann òg, agus bi thu uamhasach fuarach air.”

Bhuel, fhuair e sin a dhèanadh agus chaidh is dh’arcaich e ann an teis-meadhan a’ choire. Thàinig an gaoth mór is thàinig a’ mhuir làn agus a’ chiad ròp a bhrist ’s e ’n ròpa cainb agus a-rithist bhrist an ròpa olann ach Nì Math fàbarrach sheas an ròpa, sheas an ròpa a bh’ air a dhèanadh do dh’fhalt na maighdeann òg, agus chaidh Mac a’ Phì dhachaigh do Cholbhsa agus thuirt e ris an nighean òg: “Feumaidh tu tighinn leam-sa a-nist on a fhuair mi mo gheall.” Agus mura h-eil iad marbh, tha iad beò fhathast. Chan eil fhios a’m dè ghabhas a-nist.

le Aodh Dhubh Mac Lachluinn (1895 gu 1961).



Manadh mu Bhàs a’ Dol a Thachair air Bàta-Iasgaich:

Bha long-Iasgaich san ám sin, agus cheannaich ceathrar bhràithrean, gillean òga tapaidh a bha fuireach mu cheithir mìle on dhachaigh bàta-iasgaich, sgoth dheasach. Thòisich iad ag iasgach sgadan ann an aon de na lochan air taobh siar an Eilein Sgitheanaich. Bha a’ ghealach ri coinneal aon oidhche ’s nuair a chuir na balaich an lìn a-mach, dh’achraich e ’s thàinig sgoth eile ri ’n taobh. Chaidh na bràithrean uile a-steach don toiseach a’ gabhail cupa tì ach bha sgioba a’ bhàta eile a’ glanadh na lìn. Chunnaic iad uile rud a chuir uamhas orra: fear de na bràithrean, a leum air an taobh leotha air deireadh na sgotha a bha air a’ chliathadh. Dh’èigh iad ri na gillean a bhith a-mach ’s iad ag ràdha gun do leum duine fear dhiubh thar an deireadh.
“Cha do leum,” ars’ iadsan, “tha sinn uile an seo.”
“Gu dearbh, chunnaic sinne, gu cinnteach, duine a leum thar deireadh na sgoth’ agaibh,” ars’ an sgioba eile.
Cha bhreug idir e. Bha a’ ghealach glè shoilleir aig san àm.
Seachdain no dhà an dèidh sin, chunnaic na bràithrean, ’s iad nan suidhe air tobhta a’ bhàta, a cheart ni: duine a leum a-mach air an deireadh. Thuirt iad ri cèileadh gun robh bàthadh no rud iongantach a’ dol a thachairt.

’S thug iad am bàta gu tìr ’s cha deach iad gu muir leithe tuilleadh. Ann an ceann bliadhna, reic iad am bàta ri fear a bha fuireach air taobh an siar Rois. ’S ’n t-ath shamhradh, an t-ath shamhradh bha e ag iasgach leis a’ cheart bhàt’ ann an Loch Lùban. Bha an sgadan pailt ’s lìon am bàta, thog iad an seòl ’s iad a’ dol beagan astar gu bàta-smùide a bha ceannach sgadan san loch. Bha iad a’ seòladh gu math nuair a thàinig fuar-froiseadh gu làidir, laighe am bàta thairis agus lìon e. Bha beagan lìn aig an deireadh ’s airson faighinn uaipe leum sgiobar a’ bhàta a-mach thar an deireadh ach ghrèimich an lìn air is bhàthadh e. Chaidh càch a shàbhaladh. Bha an sgeula ag ràdha gur h-e fear a chaidh a bhàthadh a bh’ air am faicinn bliadhnaichean reimhe sin a leum a-mach thar an deireadh.

le Iain Mac Gille Bhràith.