Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: ’S ann aig Callaird a bha e.
Callum Mac Gilleathain: Seadh dìreach. ’S bha naidheachdan cumanta mu dheidhinn Callaird, tha mi a’ smaointinn.
Bha. Bha bràthair mo mhàthar bha e na ghàirnealar ’s e an ceann fear gàrradh a bh’ ann, ’s e Eòghan Gàirnealar a theireadh iad ris, Eòghan Camshron.
Callum Mac Gilleathain: Seadh.
Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: Bha mo mhàthair bha i na maighdean nam bean-uasal aig Bean-Uasal Chamshron nan Callaird a’ fuireach anns an taigh sin. Bha nighean aice, Bean-Mhaigstir Chaimbeul nam Monsaidh, ’s i a bha as an taigh mhòr. Agus thug iad daonnan bruidinn mu dheidhinn solast Challaird. Bha e ri fhaicinn bitheanta ach bha rud uamhraidh iongantach: bha an solast air fhaicinn air an taobh seo, air taobh Taigh Phuirt, taobh Ghleanna Comhann ach na feadhainn thall ann an Callaird cha robh iad ga fhaicinn idir.
Agus bha daonnan, tha iad ag ràidhinn bha…bha each geal dar a bha bàs a’ tighinn air h-aon sam bith de na Camshronaich, bha each geal air fhaicinn mu choinneadh Taigh Challaird, agus bhiodh e daonnan a’ breabadh a chasan mu choinneadh sin. Ach dar a rachadh iad ann sa mhadainn, chan fhaiceadh iad marc.
Callum Mac Gilleathain: Seadh dìreach, dìreach.
Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim: Bha meall de naidheachdan timcheall Challaird tha mi air an dèidh dìochuimhneachadh a-nis.
Callum Mac Gilleathain: A bheil naidheachd mu dheidhinn fiabhras a bhrist a-mach às na ’m boireannach a thoirt a-mach aon dhiubh?
Iain Alasdair Stiùbhart mac Uilleim : ’S e. ’s e Caiptean…caiptean Pàruig a thug a-mach i. ’S ann an dèidh Clach Phàruig air ainmeachadh shìos an sin.
Bha…’s e seòladair bh’ ann ’s bhiodh e a’ dol a-mach don na, mar a theireadh iad, na h-Innsean ris. Agus bha am boireannach seo thug i…bha…cha chreid nach e Fear ’an Ràimh a bh’ ann …Fear ’an Ràimh bha e suirghe air a’ bhoireannach seo ann an Callaird, Màiri Chamshron. Agus dar a bhrist plàigh Challaird a-mach mar a bha iad ag ràidhinn ris an rud. Ò, ach tha mi a’ smaoineach gur h-e fiabhras a bhiodh ann ach aig an àm sin, bha iad a’ smaoineach gur h-e plàigh a bh’ ann. Thug e a-mach i, ’s ann ron t-similear a thug e a-mach i. Agus thug i leis plàid’ bho mhàthair aige air an robh ràth agus chuir i timcheall oirre, agus chuir i anns a’ bhàta i. Agus chaidh am bàta, chaidh e dh’iomradh a-suas ri ionnsaigh Inbhir Aora a h-uile car bho Challaird a tha sin. Caiptean Pàruig a theireadh iad ris.
Callum Mac Gilleathain: Tha sin agaibh agus a h-uile rud cho mionaideach agaibh.
(Seo seannchas agus agallamh eadar Iain Alasdair Stiùbhairt mac Uilleim (1915 gu 1997) agus Callum Mac Gilleathain (1915 gu 1960) agus bha Iain Alasdair an dualchainnt Gàilig Baile Chaolais annseo ‘gus sgrìobh e san bhlas sin cuideachd.)