Tom nam Fead (Gàilig Loch Abar)

Tom nan Sìdhchean – an t-ainim cearst a tha air Tom nam Fead. Bha an dithist seo a’ falabh dhachaidh as a’ Ghearasdan. Bha pige h-uisge-bheatha
aig gach fear dhiubh anns a’ bhreachcan air son na Nollaig. Is dar a bha iad a’ dol air adharst air a’ mhonadh:
“Stad,” thuirst e, “dé ’n ceòl a tha siod?”

Chunnaic iad gun robh an sìdhean fosgailte. Bha ceòl is aighear is dannsa. An darna fear dhiubh chaidh e a staigh. A staigh a chaidh e ‘s chaill a’ fear eile e. Chum e air dhachaidh.

Choimhead e thall is a bhos air son an fhir eile is cha robh e ri fhaic(hc)inn. Chaidh e dhachaidh. Dh’ innis e mar a thachair. Bha iad na aghaidh aig an taigh gun d’ rinn e rud air choir eigin air an duine eile. Thàinig a’ chailleach bhuidseachd, bana-choimhearsnach dhà far an robh e. Thuirst i ris:

“Théid thu air tòir an uisge-bheatha am bliadhna a rithist.” Théid thu sìos do’n Allt Bhuidhe. Bheir thu gobhlan as a’ chraobh chaorainn. Gheibh thu beagan gaoisid as earaball a’ stallain a tha sin thall. Fighidh tu a’ ghaoisid air a’ ghobhlan. Dar a bhios sibh a’ tilleachd leis an uisge-bheatha bidh an croc(hc) fosgailte, bidh an dorust fosgailte.

Cuiridh tu an gobhlan am bruach^bràigh an doruist agas théid thu a staigh. Abair ris:
“Trobhad, trobhad, a Dhomhnaill.” Bi a mach a sin.
Gheibh thu leat dhachaidh e.
’S ann mar seo a bha.

Rinn e na chaidh iarraidh air. Thuirst Domhnall a bha a staigh ri Alasdair, ’n uair a fhuair e a mach:
“Cha robh mi móran mhineidean a staigh.”
“Bha thu bliadhna a staigh,” thuirst Alasdair.
“Cha d’ airich mi ach mar mhineid na dha e,” thuirst Domhnall.

Tha iad ag ràdha agas bha seann-daoine ag innseadh dhomh-sa gun robh e gu math cinnteach sin.

Le Ailean Dòmhnullach.

(Fhuair Caluim Mac Gilleathain an sgeul seo ‘s Ailean Dòmhnullach air an 22mh Faoilteach 1951. Bha seannchadh mhath a Ailean Dòmhnullach.)