A h-uile Latha chì ‘s nach Fhaic

(I)
A h-uile latha chì ‘s nach fhaic,
‘S a h-uile latha chì sinn,
Deoch-slàinte mo chaileag nì mi òl,
A h-uile latha chì sinn.

(II)
Ag cuallach bhò air cùl nam beann,
Gu cridheil, bàidheil, sunndach,
Bha Sìne, ‘s Seonag ‘s Oighrig ann,
‘S mo Mhàiri laghach bhòidheach.

(III)
Bu shona bha mi là ‘s dh’ oidhche,
Nam shìneadh ri gach nìghneag,
Le Anna Bheag ‘s Màiri Bàb,
An airidh bheag na Trianaid.

(IV)
An nochd bu mhiann leam a bhith ann,
Air gleann Scanadail a’ còmhnaidh,
Ag èisteachd òrain ‘s puirt air beul,
Cairistiona, nighean Iain Dhòmhnaill.

(V)
‘S Anna bhàn gan tug mi gràdh,
‘S I maighdinn a bha ceòlmhor,
Aig ceann na clèith a’ luath a’ chlò,
‘S nach tugadh smeòrach buaidh oire.

(VI)
Mo bheannachd aig gach beann ‘s gleann,
Mo chridhe trom ‘s mi seòladh,
Mo shoraidh slàn aig luchd mo ghràdh,
‘S nach fhaic mi chaoidh ri m bheò iad.

Le Domhnall Mhurchaidh Dhomhnaill a’ Sguthair.

(Rugadh Domhnall Mhurchaidh Dhomhnaill a’ Sguthair san bhliadhna 1874 san Bhaltos, Ùig air Leòdhais. Sgrìobh e ‘n òran seo nuair a chaidh e a dh’Aimeiriga. Tha e ag cuimhneachadh air an dachaidh agus na daoine a dh’fhag e, agus gu h-àraidh air na laithean sona air an airidh. Sgrìobh e ‘n t-amhran mu nan 1870an no 1880an b’ fheudar.)