A Mhàiri Mhiogach Mheall-Shuileach

Luinneag.
A Mhàiri mhiogach mheall-shùileach
Cha tréiginn fhìn air cheannach thu;
Cha ’n ’eil mi sgith dhe d’ leannanachd
Ge fada fuireach bhuait mi.

(I)
Gur fada leam an ràidhe so
Gun neach ’ni prìs a’ ghàire rium
O’n dhealaich luchd mo mhànrain rium
’S a dh’ fhàg iad thar a’ chuain mi.

(II)
Mar bhradan bòidheach min-lannach
’S e ’leum air uisge lìomharra
Tha Màiri àlainn fhìnealta,
’S i ’m measg nam mìltean gruagach.

(III)
Do chùl donn daithte camagach,
’N uair chìreadh tu ’s a’ mhaduinn e
’S a’ ghrian ag òradh dhaithean air;
’S gur fad’ e thar do ghualainn.

(IV)
Do ghruaidhean bòidheach min-dhearga
Mar ròs air chrannaibh fior-mhatha;
Sùil chorrach a’s glan lionadh,
’S i fo mhala ghrinn gun ghruaman.

(V)
Gur binne guth na h-euchdaige
Na fiodhall theud ’n ’uair ghleusar i;
Mar iobhairi do dheudach
Is cha ’n éisd thu ri fear-fuadainn.

(VI)
Troigh gheal mar shneachd’ air dlùth-bharrach,
’S gur socrach am bròig shùmhail i;
Is math a thig an gùn dhuit
Ann am fasan ùr nan gruagach.

(VII)
Is tu mar eala bhàin, mhaisich
A bhiodh air loch ’s na fàsaichean;
Gur fada tilgeadh deàrrsaidh thu
’S do chruth ’cur àille snuaidh ort.

(VIII)
Is math a thig na làmhainnean
Air rìbhinn nam bas bàn-gheala,
Meur grinn thu air an t-snàthaid
’S tu an seòmar àrd a’ fuaigheal.

(IX)
Is tha thu aoibheil, iriosal,
Cha ’n fhaicear fraoch no frionas ort,
Do ghaol cha ’n fhàg mo chridhe-sa
Ge tric a dol thar cuain mi.

(X)
Tha fonn neo-throm r’a fhaicinn ort,
Gur lionmhor conn an taice riut;
Gur h-aoibheil ri luchd-aineoil thu,
Cha leig thu falamh bhuait iad.

(XI)
Tha rùn nan ceud gun fhios agad,
’S cha léir dhuit e ged chithear e;
Do bheul cha deanadh miodal rium
Ged bhiomaid ann an uaigneas.

(XII)
’S e rìgh nan gaol a thàlaidh mi
’S a chuir a taobhsainn Màiri mi;
’N uair shaoilinn a bhi ’n gràin oirre,
’S am bhidhinn làn de luaidh oirr’.

Le Ailean Mac an Leigha

(Sgrìobh Ailean Mac an Leigha ‘n òran so mar fhuair do chroidh’ aige bhristeadh n’ uair a dh’ fhàg Màiri Nic Gilleathain a-muigh as a Mhorairne do thaistil chun Aimearaga. Agus bha fhios aice mu gràdh mór air Ailean leatha. Ach dh’ fhàg i ‘mach thairis nan tonn gun mhall, agus cha robh suim / ùidh oirre mu chroidhe nan Ailean.)

(Fhuair an òran so chall san Seann Ghaidhealtachd, ach dh’ fhill sin thugainn air ais a rithisd san Anataganais, Albainn Nuadh. Thàinig an òran so thun gu Ailean mac Iain no ‘m Bàrd Mac Gilleathain agus chuir e sin san chlò san bhliadhna 1880.)