A Nighean Bhuidhe Bhàn

Luinneag.
A nighean bhuidh’ bhàn a chràidh mo chrìdh’;
Mo ghaol air an nighinn a’s àille ’s an tìr.

(I)
Theap mise ’bhi bàite
’Dol ’n aghaidh gaoith làidir
’S mi ’g iarraidh gu Màiri,
An àilleag dheas ghrinn.

(II)
’N uair thàinig mi làmh-ri,
’S a chuir mi oirr’ fàilte,
Ged dh’ fhuiling mi ànnradh
Cha ’n fhairdeadh i mi.

(III)
Na ’n robh mi aig baile
Re ’gheamhraidh ’s an earraich
Cha bhidhinn gun leannan;
B’e ’n t-amadan mi.

(IV)
Gur h-iomadh té òg
Tha gu h-amaideach gòrach
Toirt gaoil airson stòrais
’S a’ pòsadh an ni.

(V)
Ma ’s e mo chion stòrais,
Thug dhuit gun mo phòsadh;
’S ann dhomhsa nach còir,
A bhi brònach ’gad chaoidh.

(VI)
A nighean bhuidh’ bhòidheach,
’S do ghruaidh mar na ròsan,
Ma ni thu mo phòsadh,
Is deònach bhios mi.

(VII)
Do ghruaidh mar na caoran
’S do chneas mar an fhaoilinn;
A mheud ’s thug mi ’ghaol dhuit
Cha ’n fhaodar leam ìnns’.

Le Neo-ainmeil

(Sgrìobh an t-òran so mu’n Loch Aillse, Taobh Tuath na h-Albainn, ach fhuair e chall ann, agus chaidh an t-òran so thairis trasna nan tonn gu h-Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh, agus dh’ fhill e thun leinn mar sin. Fhuair Iain mac Ailean an t-òran so san Anataganais agus san Cala Mór cuideachd, agus chuir e sin chun clò san bliadhna 1880.)