A’ Mhusg Bhreac

MAC-COINNICH
Gu de mhusg ud air ealachuin?
Am ball-airm thu ’m bheil feum?
A bheil dòigh air do chàradh?
No ’n ann tha thu dol eug?
Gu de ’m mulad ’th’ air d’ inntinn?
B’ fheàrr dhuit innse do léigh.
An deach maoile air do chinte,
No ’n do mhill iad an gleus?

A MHUSG BHREAC
’S e bhi ’caoidh ’n fhir a thriall bhuainn
Dh’ fhàg mi tiamhaidh gun fheum;
’S tric a bha mi ’s an t-sliabh leis
’S sinn ag iarraidh an fhéidh.
Gu ’m b’ i mise ga ionndrainn,
’S air mo shùilean an deur,
Gus an faigh mi deò chinte
Gu dé ’n tim an tig e.

MAC COINNICH
Chailleach dhona gun stà
A chaill do chlaisneachd ’s do mhùirn,
’N cuala tusa gu’n d’ eug e?
’N tug thu spéis dha bho thùs?
’N ciste chumhainn, chaoil, dhìonaich,
Ann an lion-anart ùr
Tha do mhaighstir an tasgaidh;
’Chaoidh cha ’n fhaicear leis thu.

A’ MHUSG
Och is och, is mo léir-chreach,
’S truagh do sgeula dhomh ’n nochd,
’N ne nach faic mi an treun-laoch
Dh ’am bu léir mo chuid lot;
Làmh a bhuidh’neadh na bein leam
’Mach air eudan nan cnoc!
Bidh mi tuillidh fo éislean
As a dhéigh ’s mi gun toirt.

MAC-COINNICH
Clos, O clos ort, a sheana-bhean,
’Sguir dhe d’ sheanachas gun fheum,
Gur-a mòr an dith nàire
Dhuit bhi ’g ràitinn nam breug;
Chuala mise iad ag innse
Gu ’n do thill thu air féill,
Is nach taghadh tu ’n caol-damh
As an taobh o ’n dubh-réidh.

A’ MHUSG
Uist, a bheadagain dhalm’,
Cha chulaidh-sheanachais leam thu;
Bha mi roimhe so ainmeil
Aig mo mhaighstir math, ùr,
Aig mo mhaighstir caomh ionmhuinn
Tha, gun iomradh ’s an ùir.
’S tric a leag mi ’n damh cròice,
’Deanamh spòrsa do ’n chù.

MAC-COINNICH
Clos, O, clos ort a sheana-bhean,
Cha robh d’ ainm ach gu h-olc;
Dh’ éireadh corruich mhòr, gharg ort
’N uair a b’ fheàrr ’bhiodh do shog.
’S tu ’n ochd-shlisneach nach diùltadh,
’S ann bhiodh sùrd ort a lot;
Ged bu sgìthear ’s an làimh thu,
Bha thu nàmhaideach, goirt.

A’ MHUSG
Is na ’m faighinn-sa ’n urchair
’Chur gu cuimseach am bheul,
Is mi chumail le sealgair
Nach biodh cearbach gu feum,
Thilginn fada, réidh, dìreach,
’S chuirinn m’ fhìrinn an céill,
Gu ’n grad leagainn le m’ fhuadaig
’N damh a b’ uallaiche ceum.

MAC-COINNICH
Ceannaichidh mise dhuit fùdar
Thig á bùth Inbherneis,
’Bhios cruaidh, sgalanta, cinnteach.
Mar-ri gnìomh duine glic;
Na biodh tuilleadh ort michion
Fhad ’s a chìtear leat mis’;
Fhad ’s a mhaireas geum bà dhomh
’Chaoidh cha ’n fhàg mi thu ris.

A’ MHUSG
Och, is och, a Mhic-Coinnich,
’S trom an eire tha ann;
Ma ’s a mac thu do m’ ghràdh-sa
Cuir am plàsda ’n a àm;
Aig a’ bhàs na dean m’ fhàgail,
Aiseag slàinte do m’ chom
Bidh mi feumail dhuit fhathast
’Dhol a thathaich nam beann.

MAC-COINNICH
Ceannaichidh mise dhuit còta
’Chumas beò thu gu bràth,
’Chuireas fuachd as do chnamhaibh,
’Mheud ’s a ghabhas tu e—
Tha mo chion o mo chrìdh’ ort,
’Thaobh nan tìthean a bha;
Tha thu cumadail cuimir,
Cuir do mhulad gu làr.

A’ MHUSG
’S deacair dhomhsa ’bhi éibhinn,
Chaill mi m’ eudail ro-luath;
’N ti ga ’m b’ aithne mo chreuchdan,
’N Coinneach gleusda ’chaidh bhuainn,—
B’e mo mhiann ged is sean mi
’Bhi feadh bheannaibh is bhruach
’Cur nam fiadh ris an talamh;
Och, ’s mi ’n amaid bhochd thruagh.

Na féidh bhior-chluasach, uaibhreach,
Shiùbhlach, chruaidh-chasach, àrd,
Rosgach, bhalg-shùileach, fhàili,
Chutach, làn-mhàsach, dhearg,
Air strath fhuaran an fhior-uisg’,
Leam bu mhiann ’bhi ’g an sealg;
’Bhi ’n am dheann feadh nan gorm-bheann,
B’ anns’ na òl air fìon dearg.

Le Mac-Coinnich Òg.

(Sgrìobh Mac-Coinnich Òg an t-òran so as déigh bàs d’ athair do ghunna ‘gus bha ‘n t-ainm a’ Mhusg Bhreac, agus e fhé ‘s an ghunna ‘cainnt comhradh a chéile. Chuir Mac-Coinnich Òg ceistean chuige ‘gus thug an ghunna freagairean do Mac-Coinnich Òg. Bha Mac-Coinnich òg an taoiseach no triath Cloinn Choinnich.)