Òran do Mac Gilleain Dhubhairt

(I)
Mur bhi ’n abhainn air fàs oirnn
’S tuil air éiridh ’s na h-aithean
Bhithinn latha roimh chàch air a chòdhail.
Mur bhi ’n abhainn, air fàs oirnn
‘S tuil air éiridh ‘s na h-aithean
Bhithean latha romh chàch air a chòdhail.

(II)
Is bochd an eiridinn pàisde
’N uair a bhuail an lot bàis e
’Bhi gun cheirein, gun phlasda, gun fheòirnein,

(III)
Is ann de ’n choinnimh a’s miosa
An gàradh-droma air bristeadh
Mar gu ’m pronnadh sibh sligean le òrdaibh.

(IV)
Is ann de dh’ fhortan na cùise
Ma ’s e ’n torc ’th’ oirbh a mùiseag
Gu ’n téid stopodh na muire* ’n a phòraibh.

(V)
Tha sgrìob gheur nan peann gearra
’Cumail dion air Mac-Cailein,
’S e cho briathrach ri parraid ’n a chòmhradh.

(VI)
Thug sibh bhuainne le spleadhan
Eilean Ile ghlas, laghach,
Is Cinn-Tìre le ’mhàghannan gorma.

(VII)
Ghlac an eire greim teanchrach,
Air deadh chinneadh mo sheanmhar,
’S lag an iomairt ge h-ainmeil an seòrs’ iad.

(VIII)
Dh’ fhalbh ’ur cruadal ’s ’ur gaisge
Le Eachunn Ruadh ’s le Sior Lachann,
’Th’ ann ’s an uaigh far ’n do phaisgeadh ’s an t-sròl iad.

(IX)
’S Lachainn Mòr a fhuair urram,
’Chaidh a bhualadh ’an Gruineart,
Cha tugte uachdranachd Mhuile ri ’bheò dheth.

(X)
Is math mo bharail is m’ earbs
Mur-a roghainn gun dearmad
Nach bu chladhaire cearbach Fear-Bhròlais.

(XI)
’N Eaglais Ì Chaluim-Chille
Tha suinn chrodha gun tioma
’Chaisgeadh dòruinn ’s gu ’n tilleadh iad tòrachd.

(XII)
’S mòr gu ’m b’ fheàirde dream fiata
Nan each seang-fhada fiadhaich,
Eobhan Abrach, Loch-Iall agus Lòchaidh.

Le Iain Lom Dòmhnallach na Ceapaich (1620 gu 1709)

(Sgrìobh Iain Lom an òran so ri linn nan 1600an, agus dheun e sin do chuimhneachan taoiseach mór Clann Mhic Gilleathain mar chuir ead comhaireachd dochreidsinn an aghaidh nan Goill ri linn Cogaimhean nan Trì Ríoghachd eadar 1638 gu 1660an, ach chuir daoine dhìbeartha ‘n òran so chun Gáilig Cala Mór as an cheanntar Halafags air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh, agus dheun ead sin ri linn 1800an gun teagamh.)