Air Cuairt do Dh’ Amearaga

(I)
Ann an toiseach an fhoghair
Ris a’ chuan thug mi m’ aghaidh le sunnd,
’Dhol a shealltainn an àit’
’S a bheil na measan a fàs a’s feàrr sugh;
’Dhol a shealltainn nan gillean
A ghabh toiseach na linne a null,
’S a thoirt naigheachd gu ’n càirdean;—
’S mar-a till mi bidh pàirt diubh ga m’ thùrs’.

(II)
’Fhir a chruthaich an saoghal
Is a dh’ òrdaich na daoin’ os a cheann,
Thoir dhuinn soirbheachadh feasgair’
’S sinn a gluasad o’n fheasdraich fo shiùil:
Bi ’gar stiùradh gu cala.
Na leig dhuinn dol a mearachd ’n ar cùrs’;
’N uair a shéideas a ghaoth oirnn,
Dhuits’ tha comasach faochadh ’thoirt dhuinn.

(III)
Bi mu ’r croinn ’s mu ’r buill-bheairte
Bi mu ’r cùl-stadh mu ’r rachdaibh ’s mu ’r sgòd,
’S gach aon bhall ’tha ’s an àrdraich
A toirt iomrachadh sàbhailt do ’n t-slògh
’Dhol a dh’ ionnsaidh an fhearainn
Anns na dh’ ullaich thu cheana dhaibh lòn.—
Bi gach là ad sgéith-dhion’ orra
Dean am faicinn air tìr is air dòigh.

(IV)
’N uair a chunnaic Thu ’n rioghachd so
Gun dòigh aig daoin’ ìsle air ’bhi beò
Gu ’n do bhrosnaich thu ’n spiorad
’Dhol a dh’ imeachd na linne fo sheòl,
’Dhol a shealltainn na dùthcha
’Chum thu ’m falach ré ùine ro-mhòir,
’S nach bi bochdainn no ganntar
Ged-a ruigeadh na th’ ann ’s an Roinn-Eòrp’.

(V)
’Nis tha ’n fhàidheadaireachd soilleir
Bha’ measg dhaoin’, o cheann iomadach bliadhn’
Gu ’m biodh ciobhlan a mheanbh-chruidh
Ri bristeadh nan galla-chrann ’s nan cliath.
Chinn na h-uachdarain cosgail
’S tha an tuath air fàs bochd leis a’ mhàl;
’S ann mu ’n caill e ’chuid itich
’Théid gach ian a bhios glic air an t-snàmh.

(VI)
’Thi a chruthaich gach creutair,
Cha ’n ’eil ni nach bu léir dhuit o thùs;
Tha thu riaghladh an ceartas,
Tha gach uachd’ran fo d’ smachd is gach Prionns’;
Is sàr-bhuachaille treud’ thu,
’S e do ghealladh nach tréig air an cùl;
’S do gach neach ’tha na éiginn
Gu bheil bealach lan-réidh ’s dol a null.

(VII)
’N uair a dh’ fhalbhas na daoine
Is a chruinnicheas na caoraich mu ’n chrò’
Bidh gach tighearna tìre
Giùlan cromag a’ chìobair ’s a chleòc;
Cha bhi ’m fonn orra b’ àbhaist
’S iad a cunntas a’ mhàil air a’ bhòrd,—
’S ma thig strì air righ Shasuinn
Bheir gach cìobair dha bragsaidh gu leòir.

(VIII)
Ma thig cogadh do ’n rioghachd s’
Thig na Frangaich na ’m miltean a nall
Is bidh amhach righ Deòrsa
Ann an cunnart gu leòir bho ’n cuid lann.
’N uair a dh’ fhalbhas na Gàidheil
Le cion aodaich, is earrais, is lòin
’S olc an dion dha na Sas’naich
Ged robh ’m bronnaichean pacte le feòil.

Le Alasdair Mac Gilleathain.

(Sgrìobh Alasdair Mac Gilleathain an òran so ri chéile mu turas do dh’ Amearaga a chaidh e air. Bh’ e ‘n cùbair ann air Eilean Cholla ‘gus bha n-ainm an Cùbair Collach e fhéin. Chaidh e ‘gus do teaghlach ‘s clann aige thairis nan tonn gu h-Astràilia mu bliadhna 1820.)