Air Faillirinn Ioù

Luinneag:
Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(I)
Gur e mis’ tha fo mhulad,
‘S mi air uilinn na stùc.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(II)
‘S mi faicinn Caol Muile,
‘S nach grùnnaich mi nùll.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(III)
Far a bheil mo mhàthair,
Air a càradh fo’n ùir.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(IV)
‘S far a bheil mo bhràthair,
Air a chàradh ri taobh.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(V)
‘S far a bheil mo leannan,
Gur a màiseach a gnùis.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(VI)
Chi mi’m bàta dol seachad,
‘S leam is làpach a crú.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

(VII)
‘S mar a deachaidh mi mearachd,
Bha mo leannan air stiùir.

Air failirinn ioù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn ioù.

Le Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil Mac Néill (1875 gu 1953)

(Sgrìobh Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil an òran seo ri chéil’ ann san Measaidh air Eilean Cheap Breatuinn. ‘S dàrna òran seo mu’n daoine ‘bhàis le ’n làmh aige, ‘gus tha e gasta gun teagamh. Phòstamh e gu Maighread Ní Fhearghail agus rugadh i air Ceap Breatuinn, ach rugadh ’s togadh d’ athair as Anagaire, Lár na Tíre ’n Éireann. Bh’ Eoghan Éireannach an leas-ainm a robh air. Bha 12 pàisde air Mìcheal ’s Maighread. Thàinig do shin-shean-athair na Mìcheal a-muigh as Bhàrraigh air nan Eileanan thun gu Ceap Breatuinn agus dheun e sin mar Cogaidhean nan Goill an aghaidh nan Gàidheal, agus na Fuadaichean gu h-àiridh. Bha Fíor Gàidheal móran mhath a Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil agus chaochail e air 1mh Samhuinn 1953.)