Air Faillirinn Iù

Luinneag:
Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(I)
Gur e mis’ tha fo mhulad,
‘S mi air uilinn na stùc.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(II)
‘S mi faicinn Caol Muile,
‘S nach grùnnaich mi nùll.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(III)
Far a bheil mo mhàthair,
Air a càradh fo’n ùir.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(IV)
‘S far a bheil mo bhràthair,
Air a chàradh ri taobh.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(V)
‘S far a bheil mo leannan,
Gur a màiseach a gnùis.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(VI)
Chi mi’m bàta dol seachad,
‘S leam is làpach a crú.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

(VII)
‘S mar a deachaidh mi mearachd,
Bha mo leannan air stiùir.

Air failirinn iù,
Horo hu illirinn io,
Air failirinn i.

Le Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil Mac Néill (1875 gu 1953)

(Rugadh Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil air 17mh Gearran 1875 ann san Measaidh air Eilean Cheap Breatuinn. Phòstamh e gu Maighread Ní Fhearghail agus rugadh i air Ceap Breatuinn, ach rugadh ’s togadh d’ athair as Anagaire, Lár na Tíre ’n Éireann. Bh’ Eoghan Éireannach an leas-ainm a robh air. Thàinig do shin-shean-athair na Mìcheal a-muigh as Bhàrraigh air nan Eileanan thun gu Ceap Breatuinn agus dheun e sin mar Cogaidhean nan Goill an aghaidh nan Gàidheal, agus na Fuadaichean gu h-àiridh. Bha Fíor Gàidheal móran mhath a Mìcheal Shandaidh Dhòmhnaill a’ Chùil agus chaochail e air 1mh Samhuinn 1953.)