Aiseirigh Mhic-an-Tòisich

Luinneag.
“Ho ro, ho ro gur h-éibhin leam
A chluinntinn gu ’n do dh’ éirich thu;
’S ann leam is ait an sgeula sin
Bho ’n chaidh an t-eug cho teann ort.”

(I)
’S a’ mhaduinn an àm éiridh dhomh
Gu ’n d’ fhuair mi naigheachd éibhinneach;
’S gur lionmhor fear a leughas i
Nach tugadh beum d’ ar ceannard;

(II)
Gu ’n tàinig Mac-an-Tòisich oirnn
Gu dhùthchas, mar bu deònach leinn;
Ged thug iad ionnsaidh ghòrach ort
Gu bheil thu beò gun taing dhaibh.

(III)
Gu ’n cuir mi ’phìob an òrdugh dhuit,
’S gu ’n seinn mi binn an t-òran so;
Gu ’n tàinig lùths am mheòirean
Bho na thòisich mi ri cainnt ort.

(IV)
’N uair’ tharruing mi ’g am ionnsaidh i
Cha robh a cliabh ach tùchanach:
Cha b’ ioghnadh dh’ i, bu tùrsach i
Ri ionndrainn na bh’ air chall oirnn.

(V)
Bha ’n gaothaire ’s droch fhàileadh dheth:
’S an siunnsair thàinig sgàineadh ann;
Cha robh na duis ach càrsanach,
’S a màla ’s e air crampadh.

(VI)
Na ribheidean air tiormachadh.
Gach gleus a bh’ innt’ is meirg orra.—
’N uair fhuair i’n iocshlàint iomraideach,
Gu ’m freagradh gairm nam beann d’i.

(VII)
Gu ’n cuir mi suas gu rìomhach i
Le ribeinean de ’n t-sìod’ oirre.
’Si féin mo chéile sìobhalta
Cho fìnealta ri baintighearn’.

(VIII)
Thoir fios gu Dòmhnull Mhamaidh bhuam
Mo chòmhlachadh an Arasaig:
Gu ’n téid mi ’sios am màireach ann
’S gu ’n tàmh sin ann gu Bealtuinn.

(IX)
Bidh càirdean Mhic-an-Tòisich ann
Nan comunn sunndach, sòlasach,
Gu toirt a mach a chòraichean
Ma thòiseachas an aimhreit.

(X)
Bidh Dòmhnull, mar is taitneach leis,
A’ cumail suas do bhrataich dhaibh;
Bidh ruaig air sluagh ’bheir masladh dhuit
Mu ’m paisgear ris a chrann i.

(XI)
Bho ’n tha gach dream air tilleadh riut
’S ann chruinnicheas sinn na fineachan;
Bidh Uilleam Og na shinealair
’S na gillean fo ’chomannda.

(XII)
Bidh Somhairle na chléireach ann,
’S do ’n chòirneil bheirear réiseamaid:—
Gur mairg a thairgeadh eucoir dhuit
’S gach treun-fhear a bhios teann ort.

(XIII)
Gu ’n tig am Maidseir Alastair
Le ’gheàrd o’n Tobar Shalainn ann;
’S gu ’n ordaich e na searragan
’Bhi ’n tarruing air a’ chabhsair.

(XIV)
Bidh Tomas agus Padruig ann,
Cho dileas dhuit ’s a b’ àbhaist dhaibh,
’S a dh’ aindeoin cléir no cràbhaichean
Cha ’n àicheidh iad na gheall iad.

(XV)
Bidh Uisdean is Niall Camshron ann;
Bu chùirteil leat ’s an anamoch iad
Aig ceann do bhùird a seanachas riut
Gun dearmad air a’ bhranndaidh.

(XVI)
Le fonn thig Raoghal Tuairnear oirnn
’S gu ’m faigh e post’ o’n uachdaran:
’S ann chuir a’ bheairt, droch thuainealaich
Na ’chluasan le ’cuid sranntraich

(XVII)
Air eagal ’s gu ’m bi cunnart ann
Le tinneas ’s buillean fuileachdach,
Gu ’n tig an léigh Mac-Mhuirich ann,
’S gur h-urramach le ’lann e.

(XVIII)
Tha Aonghas Gobha làmh ruinn,
’Us gur fòghainteach ’na cheàrdaich e
Tha moran ghlasan làmh aig’
Gu d’ luchd càinidh chur air slabhraidh.

(XIX)
Thig Lachuinn saor a chlisgeadh oirnn,
’S gu bheil mi ’n dùil nach misd ’sinn e
Gu càradh chorp ’s na cisteachan
Ma thàrlas bristeadh cheann ann.

(XX)
’Us ma bhios mairbh r’an tiodhlacadh
Gur feàird’ sinn Iain Mac-Iasaic ann;
Gu ’m fuaigh e dhaibh an lion eudach
Gu grinn ’s an fhasan Ghallda.

(XXI)
’N uair chruinnicheas na h-àrmuinn sin
Mu ’n cuairt do ’n bhòrd mar b’ àbhaist dhaibh,
Gur cinnteach gu ’m bi ’m Bàrd againn,
’S gu ’n dean e ’n Gàidhlig rann duinn.

(XXII)
Gu ’n loisgear teintean éibhneis dhuit
’Feadh bheann ’us ghleann ’us réidhleanan,
Gu ’n lasar coinnlean céire dhuit,
Bidh deàrrsadh bho gach lanntair.

(XXIII)
Bidh fìon an gnìomh nan òr-cheàrdan
Gu fial ga dhìol gu ’n sòradh air,
Gun ìotadh air son seòrs’ orra
Bha d’ stòraichean gun ghanntar.

(XXIV)
Ach spiocairean cha ’n fharraid sinn,
Cha ’n fhaod iad tigh’nn an sealladh dhuinn:
Gur tric a thug thu ’n car asda
’N uair ’mhealladh tu le dram iad.

(XXV)
’N uair dhùisgeadh tu gu mòrchuis iad
Gu ’n rùraicheadh tu ’m pòcanan:
Na ’n cunntadh iad de ’n stòras dhuit
Bhiodh bròn orr’ fad a’ gheamhraidh,

(XXVI)
Bhiodh airsneal agus éislean orr,’
Fo sprochd cho bochd ’s a dh’ éirich dhaibh:
Ach ’s tusa ’m fear a léigh’seadh iad
’S a bheireadh réit á aimhreit.

(XXVII)
Gach aon a bh’ ann am miothlachd riut
Ga d’ fhuadach ás na crìochan so
Gu ’m feum iad a bhi sìobhalta
Mu ’n ciosnaichear fo shreaing iad.

(XXVIII)
Ma thionndas iad am baiteal ruinn
Gu ’n smùidear leis na slachdain iad,
Le buillean dhòrn ’s le bataichean
De ghlas-darach ’s de challtuinn.

(XXIX)
’S ma thachras le neart pheileirean
Gu ’m fàgar cuid dhinn deireasach
Gu ’n sònraichear taigh-eiridinn
’S gur h-eireachdail do chlann ann.

(XXX)
Bidh bruidhinn àrd gu dian aca,
Bidh sgròbadh leis na h-ìnean ac’,
’S tu féin le d’ bheusan sìobhalta
G an cur gu sìth ’g an an-toil.

(XXXI)
Nan leapaichean gu ’n suaineadh tu
Nan cadal air an cluasaig iad;
Bhiodh breisleach agus bruadar orra
’S iad fo ghruaim a’ dranndan.

(XXXII)
’N uair dhùisgeas iad am màireach
Gu ’m bi goirteas cinn ’g an sàrachadh,
’Ag innse gu bheil tamailt orr’
Mar dh’ fhàg thu iad nan anntlachd.

(XXXIII)
’N uair thig thu dlùth chur fàilt’ orra
Bheir d’ aghaidh mhùirneach slàinte dhaibh;
’S ann phògas iad le càirdeas thu
Bidh crathadh làmh gu teann ann.

(XXXIV)
Bha mòran dhaoine ’gràitinn rium
Gu ’n robh do ghealladh fàilinneach,
’S gu ’n rùisgeadh tu na pàisdean
Aig na pàrantan ’bha ’n geall ort.

(XXXV)
Cha robh thu riamh cho eucorach
’S gu ’n misgeadh tu gun éideadh iad;
Gu ’m falbhainn as mo léine leat
Gun éisdeachd ri d’ luchd-gamhlais.

(XXXVI)
Gur lìonmhor buaidh ri àireamh ort,
Nach innseadh fear le ’thàlantan;
Bha ’n t-sinnsearachd bho ’n tàinig thu
’S an àirc air na h-àrd-bheanntan.

(XXXVII)
’N uair fhuair thu aisde sàbhailte
Chaidh Noah ’thogail gàraidh dhuit;
’S gu h-uasal thug thu phàidheadh dha;
Bha càrt agaibh ’s an àm sin.

(XXXVIII)
Ged chaidh a chléir gu ’n dùbhlan oirnn
’Ga d’ fhuadach ás na dùchannan
Bu tric iad féin a sùgradh riut
’S tu ’g ionnsachadh dhaibh dannsa.

(XXXIX)
’N uair ’dh’éireadh iad air ùrlar leat
Bu lapach mu na glùinean iad;
Gu ’n càineadh iad ’s a chùbaid thu
’S gu ’n rachta ’n chùil ’g ad shealltainn.

(XL)
Bu tric an cùirt nan righrean thu
Ga d’ iarraidh ’dh ’ionnsaidh dinneireach;
Bu chompanach do dh’ Iompaire thu
Gu brìodalach a’ cainnt ris.

(XLI)
Gu bheil do nàdar iriosal
’Us bàigheil, càirdeil, mireagach:
Gur h-àlainn an ceann-cinnidh thu
’N uair ’thionalas do champa.

(XLII)
Bu ghaisgeach mòr rìgh Alastair,
Bhiodh buaidh ’s a’ bhlàr a dh’ aindeoin aig’,
Ach cheannsaich thus’ gu h-ealamh e,
Gur fearail dh’ iomairt lainn thu.

(XLIII)
Deoch-slàinte Mhic-an-Tòisich
Cuir mu ’n cuairt oirnn; co nach h-òladh i?
Bho ’n thill thu ruinn b’e ’n sòlas e
Seach d’ fhògradh bhuainn le ainneart.

(XLIV)
Bu bhlasda le d’ chuid uaislean i.
Gu ’m b’ fhallain teth no fuar dhaibh i:—
’N uair thòiseachadh na tuasaidean
Cha bhiodh fear suarach ann diu.

(XLV)
Air chùmhnant’ thu thigh’nn sàbhailte
Gu ’n òlainn féin ’s gu ’m pàidhinn i;
Ach teisteanas ’bheir tàmailt ort
Gu bràth cha chuir mi peann ris.

Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh e ’n t-òran so mu bliadhna 1842 no 1843 b’ fheudar. Agus dhéan e sin mar dh’ iarr e do chur freagair thun an dheidh an cheud òran – Diteadh Mhic an Tòisich – san 1841. ‘S òran so mu’ n comhaireachd an aghaidh Comann Stuamachd agus tha e sin gu math agus gu gasta.)