Brosnachadh Roghnachaidh Don Phàrlamaid Ùir

Luinneag.
Deoch-slàinte luchd nam breacanan,
’S e ’cur mu ’n cuairt a b’ aite leinn;
’S gu ’n òlamaid gu sgairteil i
Air lasgairean a’ chruadail.

(I)
Tha naigheachd ùr an dràst againn,
A chùirt a th’ aig a’ Phàrlamaid;
Gach taobh tha cruinneachadh chàirdean
Dh’ fheuch co ’s fheàrr aca ’n i buannachd.
Deoch-slàinte luchd nam breacanan.

(II)
’S a Ghàidheil bithibh ceannsgalach
’Us cuimhnichibh ’ur ceannardan
A’s tric thug buaidh ’s ’na campaichean
Ag iomairt lann le cruadal.

(III)
Gur mòr an t-aobhar nàire dhuibh
Ma ghéilleas sibh do’n Lasonach
Do Dheòrsa no do dh’ Archibald (Gilleasbuig),
’S an tàir a thug na h-uaislean.

(IV)
’S ann thubhairt iad gu mi-chiatach
Gur pronnasg a bha dhìth orra,
’S gu ’n glanadh iad an sgrìobach
De na Gàidheil mhiodhair shuarach.

(V)
Ma dhearbh sibh riamh ’ur duinealas,
’S e so an t-àm dhuibh cruinneachadh
’Us fheuchainn dhaibh gur h-urrainn sibh
An t-urram a thoirt bhuatha.

(VI)
Cha chualas riamh aon tàmailt
Aig an t-sinnsearachd bho ’n tàinig sibh;
An àm dol sios ’s na blàraibh
Bu neo-sgàthach gu cur ruaig iad.

(VII)
’N uair rùisgeadh iad am brataichean
’S a sheinnte ’phìob gu tartarach;
Bhiodh cliù air luchd nam breacan
Anns gach baiteal, mar-a chualas.

(VIII)
B’e sud an còmhdach cleachdte dhaibh,
An t-osan grinn ’s na gartanan,
An còta geàrr ’s am breacan
Air a phasgadh thar an guala.

(IX)
Le ’n claidhean dhion na sàr-fhearaibh,
Gach beinn ’us gleann a dh’ àitich iad
Bho fheachd na Ròimhe àilleasaich
Gu calma, dàna, buadhach.

(X)
Aig Allt-a’-Bhonnaich b’ fheumail iad,
Bu ghuineach, fuileach, treubhach iad,
’Cur as gu bras le ’n geur-lannan
Da ’n naimhdean féineil uaibhreach.

(XI)
’S an là bha Fontenòi ann
Gu ’n d’ rinn iad gnìomh mar leòghannan;
Chuir sin an gorm ri ’n còtaichean
’S tha còir ac’ air o’n uair sin.

(XII)
Bu lasgarra ’s an Eiphit iad;
Bu sgairtail, neartmhor, creuchdach iad:
Thuig Bonipart an tréinead
A tha ’n luchd nam féileadh cuaiche.

(XIII)
’S aig Bhatar-Lugh gu ’m b’ ainmeil iad;
Rinn iad an gaisge ’dhearbhadh ann:
’S gu bheil e sgrìobhte an airgiod
Air an ceanna-bheirt mar-a ghluais iad.

(XIV)
Cha robh na Gàidheil fàilinneach;
B’e ’m beus ’bhi seasmhach tàbhachdach;
’Bhi beachdail, reachdmhor, àrdanach
’Bhi dàn a dol ’s an tuasaid.

(XV)
Bu teom air gnìomh na fairge iad;
Cha mhiosa ’shiubhal garbhlaich iad;
Bu mhiann leotha ’bhi sealgaireachd
Air earbachan ’s na bruachan.

(XVI)
Ged ’s iomadh tìr a dh’ astaraich iad,
Cha chualas riamh fo mhasladh iad;
Gach beus a b’ fheàrr bha ’n taice riubh’;
Bha ’n cleachdadh daonnan uasal.

(XVII)
A shliochd nan laoch a b’ ainmeile,
Na leigibh dhibh le dearmadachd
Na daoin’ tha ’n diugh ag earbs’ asaibh
Gu’n dearbh sibh mar bu dual duibh!

(XVIII)
A mhuinntir ud ’bha ’gràitinn riubh
Nach b’ fhiach sibh féin no Ghàidhealtachd
Biodh cuimhn’ agaibh an dràst orra,
’Us àrdaicheabh an cluaran.

(XIX)
Ma ni sibh gnìomh gu h-eireachdail
’S gu ’n toir sibh cùis mu dheireadh dhiubh
Gu ’n dean mi òran eile dhuibh
’S cha cheil mi air an t-sluagh e.

(XX)
Bi’bh dìleas ann am bràithreachas,
’S gach cridh’ gun lùb, gun fhàilinn ann;—
Ho ró airson nan Gàidheal,
’S an deoch-slàinte cuir mu ’n cuairt i!

Le Iain mac Ailean / Am Bàrd Gilleathain (1787 gu 1848)

(Sgrìobh Iain mac Ailein na t-òran so shìos ré n-oidhche’mháin sa bhliadhna 1830 ri linn Taghladh Mòr sa Phiogto, Albainn Nuadh. Bha 1830 – Bliadhna Taghladh Mòr gun teagamh! Chaoidh an taghadh air aghaidh airson seachdainn amhàin fhada, ‘gus bha e sin trodan ’s aimhreitean fhola ri linn an àm. Thàinig am Bàrd Mac Gilleathain thun gu Piogto ’s Mearamais air bàta fhada, ‘gus cha robh suim / ùidh aige san taghladh so. Ach chualaidh e mu facail gharbh ’s ain-chinealtas an aghaidh nan Gàidheil as do bheul fear Libearalach, agus thàinig fearg an-mhor air mar sin! Agus chaoidh e air aghaidh agus sgrìobh e ’n dàn so ri chéile ’nn gun mhall. Chaoidh e’mach air latha nuadh eile ‘gus leumh e ’n òran so’mach agus bha mìltean air mìltean air mìltean daoine ’nn. Chuir an t-òran eagal an-mhor thun nan Gaill ann air Albainn Nuadh)