Bean Dubh a’ Caoidh a Fir a Chaidh a Mharbhadh leis a’ Phoileas

(I)
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.
Carson, a Dhè a tha sa chathair,
Carson an-diugh a rinn Thu ‘n latha?
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(II)
Mo-nuar gum faca mi a shoillse
Ach a bhith gu bràth san oidhche.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(III)
Och, mo chràdh, mo chràdh ‘s mo lèireadh,
An latha thug iad uam mo cheud-ghràdh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(IV)
Do chorp donn an sin na laighe,
Toll air tholl a’ sileadh fala.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(V)
Am fear bòidheach laigh rim thaobh-sa
An sin ‘s a mhionach às a’ slaodadh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(VI)
Aichbheil, achbheil, sgrios is lèireadh
Air an luchd a rinn mo cheusadh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(VII)
Eisd rim ghuidhean, Rìgh nan Dùilean,
Eisd rim athchuinge ‘s rim ùrnaigh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(VIII)
Tha ‘n luchd bàn an-diugh làn aigheir
‘S tha mo phàistean-sa gun athair.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(IX)
Is tha mo bheatha-sa nis falamh –
Ach ceadaich dhomh, mum fàg mi ‘n talamh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(X)
Air mo fhear-cèile ‘n sin na shìneadh,
Nuair a thig mo mhic gu ire,
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XI)
An èirig dhuinn airson ar dòrainn,
Latha rèidh a ghearradh sgòrnan;
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XII)
Ghearradh sgòrnan nam fear fuileach,
Fuil mum dhòrnaibh suas gu uilinn,
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XIII)
A bhith gan reubadh is gam pianadh
Is deagh fhaobhar air mo sgian-sa.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XIV)
Thoir latha dhuinn gu saor a’ pàigheadh
Fhir is mhnathan agus phàistean
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XV)
An luchd ghil a bhuail ar daoine;
Cuairt mun amhaichean den caolain.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XVI)
Cuairt den caolain ‘n àite chneapan,
Is siridh mi ‘n sin taobh do leapaidh,
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

(XVII)
Na fiachan uile air an dìoladh,
Fhir ‘s a ghràidh, ‘s tu ‘n sin ad shìneadh.
Baba Incòsi Síceilele, Baba Incòsi Síceilele.

 

Le Donnchadh MacDhunlèibhe (1877 gu 1964).

(Sgríobh Donnchadh an dàrna òran seo nuair a dh’fhoghluim e mu’n Ár Fuileach air Baile Mhic Gille-Chiaráin, Transbhál san Afraga a’ Dheas air 21mh Màrt 1960. Bha nan daoine dúthchais Afragach a-muigh an aghaidh an riaghaltas daoine bàn Eórpaich, agus bh’ ead tog fianais an aghaidh mì-cheartais ann. Thánaig nam poileas Afraga Dheas a-mach gu ceanntar sin agus dh’osgail ead teine beó h-uabhasach air nan daoine ‘nn. Cha robh armáiltean air nan daoine. Shiubhail trì fhichead a’ naoidh daoine (69) bás ann, agus fhuair ciad ‘s a ceathair fichead daoin’ (180) eile bhristeamh san chuirp aca cuideachd. Thosaidh Mac-Néal Mandeala ‘n treall-chogadh an aghaidh riaghaltas Eórpach na h-Afraga Dheas as dheidh am ár seo gun mhall! Bha Donnchadh an aghaidh an riaghaltas cruadhachd ann, agus bha e an aghaidh na dlighean uabhasach air na daoine h-Afraga Dheas cuideachd, agus chuir e ‘n òran seo ri chéile ‘s dheidh an ár mar bha fearg an-mhor aige sin gun teagamh. Dh’fhoghluim Donnchadh an cànanan daoin’ Afragaich san Afraga Dheas, agus chuir e ead a-staigh dhà h-óran mu’n ár uabhasach seo.)