Luinneag:
‘S bhi gan cuimhneachadh ’s gan ionndrain
Na fir ùr a dh’fhalbh air sàile.
(I)
Bhi gan cuimhneachadh ’s gan ionndrain,
S ann Diluain a rinn sinn gluasad.
(II)
‘S binn a fhuair iad baoch air m’ àirde,
‘S ann Dimàirt ghabh mi mo chead leibh;
Suas na Glinn Tigh Mhic ‘ic Màrtuinn.
(III)
Bhi gan cuimhneachadh uile;
O chan urrainn sinn gan àireamh.
‘S bhi gan cuimhneachadh ’s gan ionndrain
Na fir ùr a dh’fhalbh air sàile.
(IV)
…os cinn Mhic Dhùghaill,
Leis na dh’fhalbh na fiurain aluinn.
(V)
Bhi gan cuimhneachadh gun eagnadh,
Bhon nach urrainn sinn gan àireamh.
‘S bhi gan cuimhneachadh ’s gan ionndrain
Na fir ùr a dh’fhalbh air sàile.
Le Dùghall Bàn na Saobhain.
(Sgrìobh Dùghall Bàn na Saobhain an t-òran seo re chéile mar bha ’n iarr aige do chur spiorad móran misneachd chun na saighdearan ’s nan òglaich air an t-slighe no bealach gu ’n Chiad Cogadh na Dá Ghall san Eòraip eadar 1914 gu 1919. Ach creideann daoin’ eile thánaig an t-òran seo’muich as Arra Gháidheal o dhùthchas, ach bha ’s tha ’n t-òran beò air Eilean Cheap Breatuinn amháin, agus san cheanntar ann am Measaidh gu h-áiridh. Chuir e spiorad móran láidir chun nan òglaich Gàidhealach nair a chaidh ead gu gachan cogadh gun teagamh.)