Seumas Rosach: Seadh a-nise, an robh caoin agaibh air an oràn a tha sin?
Tormod Dòmhnullach: Cha robh. Cha robh. Cha chuala mi a’ chaoin aig an fhear aig an cuala mi idir.
Seumas Rosach: Seadh.
Tormod Dòmhnullach: Ach chunnaic mi fhèin an t-àite aig cùl Tom an t-Sabhail…Lùban na h-amhainn / aig cùl Tom an t-Sabhail…chì duine sam bith iad. Ach cha b’ uilear dha duine eòlach a bhith cuide ris airson an àite shealtainn dha.
Seumas Rosach: A bheil e faisg air an rathad mhòr?
Tormod Dòmhnullach: Tha dìreach ris…ris an rathad. Dìreach ri fàl an rathaid. Cha ruig duine leas an rathad fhàgail.
Seumas Rosach: A bheil sin far a bhail Carnoch?
Tormod Dòmhnullach: Tha e faisg air rudeigineach. Chan eil e…tha e dìreach faisg air a’ chàrn. Agus tha an dà àite dìreach dlùth…glè dhlùth dha chèile, Lùban h-Amhainn – chì duine far a bheil an amhainn a’ lùbadh a-staigh agus cùl Tom an t-Sabhail. Tha e coltach gun d’rinn an t-òran feum nar a bha a’ chluas-chiùil aig an nighean òg.
Seumas Rosach: Seadh, seadh.
(Seo agallamh eadar Seumas Rosach agus Tormod Dòmhnullach, agus bh’ iad aig cainnt mu’n òran Mort Gleanna Comhann nuair a chuir nan saighdearan Gàidhealach leis sluagh nan Goill chun nam muinntear Gleann Comhann mu pleann gharbh aig nan Goill do chur gach aon duine gu bàis san ghleann. Ach cha fhuair an eòlas chun àireamh mór nan duine roimh an mort, agus bha móran truagh sin. Agus bha misneachd an-mhor aig nan saighdearan Gàidhealach do chur an faireachadh chun air nam muinntir Ghleann Comhann roimh am mort gharbh.)