Luinneag:
Chan òl mi deur tuilleadh dhi
Deoch mhallaichte a bha làidir;
’S e ’n t-ainm a bh’ ac’ a meall orm
’S gun ann ach uisge làidir
Chan òl mi deur tuilleadh dhi.
(I)
Chuir iad a-mach às an taigh-sheinnse sinn
Bu shunndach falbh nan sràid mi,
’S mi ag èigheachd ris gach lamp-post dhìot
Shìn faisg an toirinn làmh dhaibh.
Chan òl mi deur tuilleadh dhi
Deoch mhallaichte a bha làidir;
’S e ’n t-ainm a bh’ ac’ a meall orm
’S gun ann ach uisge làidir
Chan òl mi deur tuilleadh dhi.
(II)
Ò straighre a thug e lùths asam
’S mo ghlùinean cha robh làidir,
Cha robh step a dhìrinn-sa
Nach tugainn trì na h-àite.
Chan òl mi deur tuilleadh dhi
Deoch mhallaichte a bha làidir;
’S e ’n t-ainm a bh’ ac’ a meall orm
’S gun ann ach uisge làidir
Chan òl mi deur tuilleadh dhi.
(III)
Bha sausages (maragan) na madainn
Aig a’ chailleach anns an lardaer,
’S gun tòisich mi gan ith iad
Gun am bruich ach mar a bha iad.
Chan òl mi deur tuilleadh dhi
Deoch mhallaichte a bha làidir;
’S e ’n t-ainm a bh’ ac’ a meall orm
’S gun ann ach uisge làidir
Chan òl mi deur tuilleadh dhi.
(IV)
Ach thàinig mise dhachaigh
Na mo thruaghan mar bha mi,
’S nuair a dhùisg mi anns a’ mhadainn mi
Gun phlaide gun pagamas.
Chan òl mi deur tuilleadh dhi
Deoch mhallaichte a bha làidir;
’S e ’n t-ainm a bh’ ac’ a meall orm
’S gun ann ach uisge làidir
Chan òl mi deur tuilleadh dhi.
Le Dubhghall Caimbeul
(‘S òran seo ’n aghaidh laith agus deoch, agus tha ’n òran à iarraidh do chur stad thun sin – laith – air nan Eileanan / Eilein agus do chur sin a-mach as an Seann Ghàidhealtachd agus a-mach as an Ghàidhealtachd Ùr cuideachd.)