(I)
Dhùisg mo mhàthair le gaoir,
’S thuirt i “M’ àilleagan gaoil,
Ciod dh’fhairich thu? Chan fhaod thu falbh.”
’S rinn i mo ghreimeadh cho teann,
’S gun an dealachadh ann,
Ged bha mo chridhe cho fann ’s mi balbh.
(II)
’S leanabh sòlasach mi,
Glè òg chaith e tìm,
Chaidh mo threòrach on chìch don uaigh;
’S ged bu ghoirid mo thìm,
Fhuair fradharc den tìr,
’S mòr th’ agam ri innse don t-sluagh.
(III)
’S ann san àit’ seo tha ghlòir,
Tha na sràidean dhan òr,
’S meas a’ fàs de gach seòrsa gu buan;
’S bithidh sinn gu sìorraidh ag òl,
Às na h-aibhnichean beò,
’S an gaol bith-bhuan ga dhòrtadh a-nuas.
Le Pàdruig Grannd nan Òran (1783 gu 1867)
(Bha fear Dia Mòr a robh Pàdruig Grannd nan Òran, agus rugadh ’s togadh e san cheanntar Baile nan Granndach san Srath Spéidh. Bha h-uarramach san Eaglais Baisteach e fhéin. Sgrìobh e Dain Spioradail, agus chaidh e thairs nan tonn gu Dùthaich nan Craobh, agus bha e sin an-mhor eadar nan Gàidheil a thall. Chuir e comhaireachd an-mhor an aghaidh nan tighearnan talamh agus an aghaidh nan Fuadaichean gu h-àiridh. Bha sgrìobhnair nan òran agus bha sgrìobhnair Facal Dhia Mhòr cuideachd, agus dh’ fhàs muinntear chun Eaglais Bhaisteach mar an obair e fhéin amhàin. Agus bha Fíor Gàidheal e fhéin cuideachd gun teagamh. Chaidh an Dain Spioradail a sgrìobh e chun Gleann Gàidheal ann san Caraliana Tuath, thairs Caraliana Tuath, gu h-Àpalaid agus thairs Stàidean Aonthaicht’ a Deas cuideachd. Agus thàinig sluagh mhòr nan Gàidheal chun Eaglais Bhaisteach agus a-mach as Eaglais Cleireach mar an obair Pàdruig Grannd nan Òran amhàin.)