Chì Mi ’m Bàta dol Seachad

Sèist:
Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(I)
Chì mi am bàta a’ dol seachad,
O! mo chreach na bheil innte.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(II)
Mur’ h-e mise do leannan,
Ga do leanail cha bhi mi.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(III)
Is mur’ h-e do raghainn,
Gaoth na t’ aghaidh is droch-thìde.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(IV)
Is math thig siud air mo leannan,
Bròg bhairriallach, mhìn-dubh.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(V)
Is math thig boineid chùil-àird dhut
Agus fàbhar an Rìgh innt’.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

(VI)
Is math an èibhleadh dhen bhreacan dhut
Cho math ’s thig à Sruighlidh.

Ho ró bha hùg óireann ó,
Fallain gun till thu,
Ho ró bha hùg óireann ó.

Le Aonghas Shomhairle Iain ’ic Shomhairle MacNeacail (1890 gu 1965)

(Sgrìobh Aonghas Shomhairle Iain ‘ic Shomhairle ‘n òran seo ri chéile nuair a dh’ fhill e thun dachaidh air Ratharsair sa bhliadhain 1940. Bha buachaille e fhèin agas bha e ‘mach air an tìr mòr na h-Albainn airson bliadhnichean fada. Chaidh e thun obair air Lios Mòr agas Àird Ghobhar (Loch Abar) agas an t-Òban (Árra Gháidheal) agas Gleann Lìomhann (An Pheairt) agas dh’ fhill e thun Ratharsair do thòisich aig obair air tuathanas dhùthchais aige fhèin. Bha seannchadh an-mhath mòr cuideachd gun teagamh)